FaclairDictionary EnglishGàidhlig

300 years since the second Jacobite Uprising 300 bliadhna bhon dàrna Ar-a-mach nan Seumasach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

300 bliadhna bhon dàrna Ar-a-mach nan Seumasach

[Iain MacIllEathain – Preseantair] Nise ‘s iongantach gu bheil làmh-sgrìobhainnann an eachraidh na h-Alba cho droch chliùiteach ris an òrdugh airson murt Glinne Comhainn. Tha am pàipear a-nis aig taigh-tasgaidh na h-Alba, mar phàirt de thaisbeanadh a tha comharrachadh trì cheud bliadhna bhon dàrna ar- a-mach nan Seumasach. Tha Andreas Wolff a-nis a’ mìneachadh a’ cheangail a th’ann eatorra.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Gach bliadhna thathar a’ comharrachadh murt Ghlinne Comhainn, a thachair ann an 1692, le seirbheis sa Chàrnaich. As dèidh a’ chiad ar-a-mach nan Seumasach ann an 1689, thug an rìgh Uilleam an t-òrdugh seachad gum feumadh na cinn cinnidh bòidean a ghabhail gus dearbhadh gu bheil e dìleas dha. Bha Dòmhallaich Glinne Comhainn fadalach gus sin a dhèanamh agus chaidh eisimpleir a dhèanamh leotha.

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Bha na Seumasaich air rìgh-chathair na h-Alba airson ma dh’fhaodte 500 bliadhna agus bha, gu sònraichte na Gàidheil a’ creidsinn gur iad am fìor ghrèim.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha a-nise trì cheud bliadhna ann bhon an dàrna ar-a-mach nan Seumasach ‘s tha taisbeanadh aig leabharlann nàiseanta Dhùn Èideann ga chomharrachadh. Tha iad ga chur ann an co-theacsa leis an èirigh suas eile cuideachd.

[Raibeart Betterridge] The first one was just the initial reaction to the fact that the Stuarts had been removed from the throne and there was not really time for serious organisation, it was fairly quickly snuffed out. The 15 I think is a lot more interesting because it comes so soon after the union of the parliaments and a large number of the people that fought for the Stuarts in 1715 and 16 were very much against the union. By 1745, Britain was becoming more united, the Scots were starting to see some benefits of union.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Aig teis-mheadhan an taisbeanaidh tha làmh-sgrìobhainn, co-cheangailte ri murt Glinne Comhainn, nach eil ri fhaicinn dhan a’ phoball gu h-àbhaisteach.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] ‘S e seo an làmh-sgrìobhainn a thug an t-òrdugh seachad airson murt Ghlinne Comhainn agus chan eil e ag ràdh gu dìreach gu feum na saighdearan fuireach còmhla ris na Dòmhnallaich cha mhòr fad cola-deug mus tachradh am murt. ‘S e sin an rud as motha a thug uabhas air daoine as dèidh làimh, gu robh na saighdearan a’ fuireach còmhla ris na Dòmhnallaich agus gu robh iad a’ gabhail tlachd anns an aoigheachd a fhuair iad agus gun do chuir iad às dhaibh aig a’ cheann thall.

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Mharbh iad fichead ‘s a h-ochd deug tha mi smaointinn ach chaochail mòran dhiubh cuideachd a theich, thilg iad tro na monaidhean do Ghleann Èite an seo.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bidh an taisbeanadh a’ dol air an 10mh dhen Chèitean. Andreas Wolff, BBC An Là, Dùn Èideann.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!