FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new Gaelic book published about Mary Queen of Scots Leabhar Gàidhlig ùr air fhoillseachadh mu Mhàiri Stiùbhairt

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Leabhar Gàidhlig ùr air fhoillseachadh mu Mhàiri Stiùbhairt

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Nise chaidh leabhar Ghàidhlig ùr fhoillseachadh airson bun-sgoiltean mu bheatha Màiri Stiùbhairt. Nise chan eil càil a-mach às an àbhaist an sin ach gur iad sgoilearan aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig ann an Dùn Èideann a rinn an leabhar le taic bhon bhuidhinn Alba Aosmhòr. Bha Kerr Gibb an làthair dhuinne nuair a chaidh an leabhar a chur air bhog.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Chaidh cuirm a chumail an-raoir aig Alba Aosmhòr ann an Dùn Èideann gus an leabhar, a th’air a sgrìobhadh agus a dhealbhachadh do sgoilearan bun-sgoile a chur air bhog. ‘S e seo a’ chiad uair a chaidh pròiseact dhe leithid airson sgoilearan àrd-sgoile a chur air dòigh le Alba Aosmhòr.

[Curstaidh NicDhòmhnaill] Uill a h-uile bliadhna bidh sinn ag obair gu math dlùth le Bun-sgoil Taobh na Pàirce agus ag obair còmhla riutha a’ dèanamh sgeama air a bheil Treòraichean Òga Caisteal Dhùn Èideann far a bheil iadsan ag ionnsachadh tro dhràma agus dòighean eile mu dheidhinn Caisteal Dhùn Èideann agus a’ sealltainn dhaoine timcheall air agus mar sin air adhart. Bidh iad a’ dèanamh seo sa Bhun-sgoil agus a’ chlann a chruthaich an leabhar seo, rinn iadsan sin sa Bhun-sgoil agus bha sinn a’ smaoineachadh gum biodh e ‘s dòcha snog rudeigin a dhèanamh fhad ’s a bha iad dol suas na sgoile.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Fhuair na sgoilearan a-mach air an dùthaich gu caistealan gus ionnsachadh mu bheatha nam Banrìghean agus bha iad an sàs tron phròiseas air fad, ag obair còmhla ri Anna NicPheadrais bho Chaisteal Dùn Èideann agus neach-ealain ‘s dealbhadair.

[Morag] Bha e uabhasach math air sgàth thug e cothrom dhuinn ionnsachadh mu dheidhinn eachdraidh na h-Alba.

[Mara] Thug e còmhla ur cànan agus cultar.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Glè mhath agus an e rud tha seo a tha caran a-mach às an àbhaist na bhios sibh a’ dèanamh ann an clasaichean Gàidhlig mar as trice?

[Morag] ‘S ann air sgàth cha bhith sinn a’dèanamh leabhraichean tric.

[Mara] Tha e math gun robh cothrom againn rudeigin a chruthachadh son cuideachadh clann eile tro mheadhan na Gàidhlig.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Agus a bheil sibh toilichte le mar a thàinig an leabhar a-mach? Tha e a’ coimhead gu math snog nach eil?

[Mara] Tha, tha e a’ coimhead glè mhath.

[Morag] Tha e a’ coimhead uabhasach math.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Agus bho bheachd tidseir, thug e cothrom sònraichte dhaibh an sgilean a chur gu feum ann an dòigh inntinneach.

[Seonaidh Charity] Tha mi smaointinn tha tòrr saorsa againn an-dràsta leis a’ churraicealam agus ‘s e pròiseactan mar seo a tha gu math freagarrach airson leithid a rud agus mholainn gu mòr e oir tha e toirt, mar a thuirt mi, tha e toirt a’ chothroim dhaibh sgilean diofraichte a chleachdadh ann an suidheachadh gu math eadar-dhealaichte agus tha mi smaointinn gu bheil iad a’ faicinn an uair sin luach anns na rudan a tha iad a’ dèanamh anns a’ chlas bho gu agus an cothrom aca sin a chur gu feum ann an suidheachadh gu tur eadar-dhealaichte.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Tha Alba Aosmhòr air copaidhean den leabhar a sgaoileadh ris a h-uile Bun-sgoil ann an Alba a tha a’ teagaisg na Gàidhlig agus iad an dòchas gum bi iad uile feumail dhaibh agus tarraingeach do sgoilearan. Kerr Gibb, BBC An La, Dùn Èideann.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!