FaclairDictionary EnglishGàidhlig

964: Radio Caledonia (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Radio Caledonia (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag èisteachd ri prògram o chionn ghoirid air Rèidio 4. Aig an fhìor thoiseach bha guth aithnichte ann – am Morair Haw-Haw ag aithris ‘Germany Calling, Germany Calling’. Bidh sibh eòlach air cò e, tha mi an dùil – Uilleam Joyce – craoladair Natsach anns an Dàrna Cogadh a bha a’ craoladh propaganda gu Breatainn ann am Beurla. Bha blas aige mar gur e fear de na h-uaislean Sasannach a bh’ ann.

Dh’inns tè-lìbhrigidh a’ phrògraim gun robh barrachd na dìreach Joyce an sàs ann an craoladh dhen t-seòrsa sin. Bha eadhon fear Albannach ann. ʼS ann às a’ Ghàidhealtachd a bha e. Cha chreid mi gun robh mi air sin a chluinntinn roimhe.

Bha an còrr dhen phrògram a-mach air Dòmhnall Grannd, a rugadh ann an Alanais, ann an taobh an ear Rois, ann an naoi ceud deug ʼs a seachd (1907). Chruthaich e Radio Caledonia.

Eucoltach ri Uilleam Joyce, chan eil gin de na clàraidhean a rinn an Granndach ann am bith an-diugh. Ach lorg an tè air Rèidio 4 tar-sgrìobhaidhean de chuid de na prògraman aige. Cha chreid mi nach e MI5 a rinn iad. Bha Dòmhnall a’ cumail a-mach gun robh e na ‘nàiseantach’ Albannach, ach aig a’ chridhe, ʼs e Faisisteach a bh’ ann. Agus bha na seirbheisean-brathaidh Breatannach eòlach air.

Bha athair Dhòmhnaill na ghròsair ann an Alanais, agus bha Dòmhnall na sgoilear ann an Sgoil Phoblach Alanais agus Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Dhearbh e aig aois òg gun robh beachdan claon aige air poilitigs. Chan eil fios le cinnt nach do thachair e ri Uilleam Joyce nuair a bha e òg oir a rèir choltais bhiodh Joyce a’ dol gu coinneamhan faisisteach ann an oighreachd ann an Cataibh far an robh màthair Dhòmhnaill na glanadair. Co-dhiù, thàinig e dhachaigh le beachdan a bha cho damainte ʼs gun do chuir athair a-mach às an taigh e.

An dèidh na sgoile, bha e ag obair ann am Bradford agus sa Chaisteal Nuadh ann an Sasainn. An uair sin bha e ann an Lunnainn agus Èirinn mus deach e air ais a dh’Alanais airson greis. Tron chuid as motha de na tritheadan bha e ann an Lunnainn, aig àm nuair a bha na Natsaich is Faisistich ag èirigh air feadh na Roinn Eòrpa.

A rèir choltais bha e measail air Sir Oswald Mosley agus a’ bhuidheann aige – Na Lèintean Dubha. Ann an agallamhan le luchd-tèarainteachd Breatannach an dèidh a’ chogaidh, dh’aidich e gun robh e fhèin is ceannard propaganda nan Natsach, Rolf Hoffmann, a’ sgrìobhadh gu càch a chèile aig deireadh nan tritheadan. Bha Dòmhnall a’ gabhail ‘Derrick’ air fhèin aig amannan – agus cuideachd ‘British Fascist’.

Mar a bha Faisistich eile aig an àm, bha an Granndach a’ cumail a-mach gun robh e ag iarraidh sìth agus gun robh e riatanach cogadh eadar a’ Ghearmailt agus Breatainn a sheachnadh. Ach bha e dhen bheachd gur e Iùdhaich a bha a’ ruith Bhreatainn agus gur e Faisisteachd an dòigh airson sin fhuasgladh.

Bha Grannd a’ cumail a-mach gun d’ fhuair e cuireadh a dhol a dh’fhuireach anns a’ Ghearmailt le teaghlach Gearmailteach airson ceithir seachdainean. As t-samhradh naoi ceud deug, trithead ʼs a naoi (1939), nuair a bha mòran a’ teicheadh às a’ Ghearmailt, chaidh Dòmhnall Grannd ann. Agus chì sinn dè thachair dha an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: tè-lìbhrigidh: presenter; eadhon: even; Dòmhnall Grannd: Donald Grant; Alanais: Alness; tar-sgrìobhaidhean: transcripts; seirbheisean-brathaidh: spying services; Na Lèintean Dubha: The Blackshirts; faisisteach: fascist; Iùdhaich: Jews.

Abairtean na Litreach: Aig an fhìor thoiseach bha guth aithnichte ann: at the very beginning there was a familiar voice; craoladair Natsach anns an Dàrna Cogadh a bha a’ craoladh propaganda: a Nazi broadcaster in the Second World War who was broadcasting propaganda; cha chreid mi gun robh mi air sin a chluinntinn roimhe: I don’t think I’d heard that before; chan eil gin de na clàraidhean a rinn an Granndach ann am bith an-diugh: none of the broadcasts that Grant made exist today; cha chreid mi nach e MI5 a rinn iad: I think it was MI5 that made them; bha athair Dhòmhnaill na ghròsair: Donald’s father was a grocer; gun robh beachdan claon aige air poilitigs: that he had perverse views on politics; oighreachd ann an Cataibh far an robh màthair Dhòmhnaill na glanadair: an estate in East Sutherland where Donald’s mother was a cleaner; tron chuid as motha de na tritheadan: through most of the thirties; dh’aidich e gun robh e fhèin is ceannard propaganda nan Natsach a’ sgrìobhadh gu càch a chèile: he admitted that he and the head of Nazi propaganda were writing to each other; gun robh e riatanach cogadh eadar a’ Ghearmailt agus Breatainn a sheachnadh: that it was necessary to avoid a war between Germany and Britain; gur e Faisisteachd an dòigh airson sin fhuasgladh: that Fascism was the way to solve that; gun d’ fhuair e cuireadh a dhol a dh’fhuireach anns a’ Ghearmailt le teaghlach Gearmailteach: that he received an invitation to go to stay in Germany with a German family; nuair a bha mòran a’ teicheadh às a’ Ghearmailt:when many people were fleeing from Germany .

Puing-chànain na Litreach: Bha blas aigemar gur e fear de na h-uaislean Sasannach a bh’ ann: he spoke [had an accent] as if he were one of the English gentry. Mar gur e or mar gum b’ e (past tense) are useful structures. Bha e ga ghiùlan fhèin mar gur e Eadailteach a bh’ ann ‘he was behaving as if he were an Italian’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Aig an fhìor thoiseach : at the very beginning.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 660

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean