FaclairDictionary EnglishGàidhlig

using 'aig' with personal pronouns a' cleachdadh 'aig' le riochdairean pearsanta

Aig: At / Have

We often use the prepositions at and have with a pronoun (e.g. I, you, it), to give us phrases such as “I have” and “you have”. In Gaelic this sentence structure is different as prepositions can join with pronouns to give us a new word. They are called prepositional pronouns. ’S tric a chleachdas sinn roimhearan (me aig) còmhla ri riochdairean (mi, thu, e/i) airson abairtean leithid “agam” agus “agad” a thoirt dhuinn. Chan ionnan an structar seo ri seantansan anns a’ Bheurla a chionn ’s gum faighear facal ùr Gàidhlig nuair a thig roimhear agus riochdair ri chèile. ’S e roimhearan riochdail a chanar riutha seo.

English Gàidhlig Audio
at, commonly used to show possession (“having”) aig <))

A few examples Mar eisimpleir

AIG (at / have) + MI (I/me) = AGAM, = “I have”

AIG (at / have) + THU (you) = AGAD, = “you have”

For most prepositions there is a list of seven prepositional pronouns. Don’t worry - this sounds scarier than it actually is! Why not learn the lists like a times table? They’re used so often in conversation that you’ll have them sussed in no time. Here's the table for aig (at / have). Anns a’ chumantas tha liosta de sheachd roimhearan riochdail aig roimhearan. Na gabh dragh – chan eil a’ chùis idir cho eagalach ’s a shaoileadh tu! Nach ionnsaich tu na liostaichean mar chlàr nan uireadan? Bithear gan cleachdadh tric ’s minig ann an còmhradh ’s gum bi iad air do theangaidh an ceartair. Seo an clàr airson aig(at / have).

AudioÈist
at / have + I / me aig + mi agam <))
at / have + you aig + thu agad <))
at / have + he / it aig + e aige <))
at / have + she / it aig + i aice <))
at / have + we aig + sinn againn <))
at / have + you (plural/polite) aig + sibh agaibh <))
at / have + they aig + iad aca <))

ExamplesEisimpleirean

English Gàidhlig Audio
I have a car tha càr agam <))
here is my car seo an càr agam <))

If you wish to use a person’s name: Ma bhios tu airson ainm duine a chleachdadh:

English Gàidhlig Audio
Paul has a car tha càr aig Pòl <))
here is Paul’s car seo an càr aig Pòl <))
Peggy has Gaelic (i.e. Peggy speaks Gaelic) tha Gàidhlig aig Peigi <))