FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1222: Eilean Phabaigh (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eilean Phabaigh (2)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu dhà eilean faisg air ceann a deas an Eilein Sgitheanaich – Pabaigh agus Scalpaigh. Air mapa Bhlaeu on t-seachdamh linn deug, tha dà ainm-àite ann an Scalpaigh, ach chan eil gin ann am Pabaigh – ged a tha an t-eilean sin beag, ceart gu leòr.

Tha beagan chraobhan ann an Scalpaigh agus tha eileanan beaga eile air a’ mhapa air nach eil craobh sam bith. Ach, a rèir Bhlaeu, bha Pabaigh aig an àm sin làn chraobhan. A bheil fianais sam bith eile ann gur e eilean coillteach a bh’ ann?

Gu fortanach, tha. Anns an t-siathamh linn deug, sgrìobh pears-eaglais ainmeil geàrr-thuairisgeul dhen eilean. B’ esan an t-Urramach Dòmhnall Rothach a bhuineadh do Chill Tighearn ann an Taobh Sear Rois. Ann an còig ceud deug, fichead ʼs a sia (1526), ghabh e dreuchd mar mhinistear ann an Sniothasort (anns an Eilean Sgitheanach) agus ann an Ratharsair – nach eil fada bho Phabaigh. An ceann tìde, fhuair e dreuchd mar ‘Ard-dheadhan’ anns ‘na h-Eileanan’ agus sgrìobh e làmh-sgrìobhainn fon tiotal ‘Description of the Western Isles of Scotland’.

Tha an Rothach ag innse dhuinn gum buineadh Pabaigh do Chloinn ʼic Fhionghain. Sgrìobh e gun robh an t-eilean làn chraobhan – a’ toirt dhuinn fianais gun robh dealbh fìrinneach aig Blaeu ceud bliadhna an dèidh sin. Tha e coltach gun d’ fhuair Blaeu a chuid fiosrachaidh bhon chàirt-iùiliche, Timothy Pont. Bha Pont a’ cruinneachadh ainmean-àite aig deireadh an t-siathamh linn deug agus toiseach an t-seachdamh linn deug. Feumaidh gun robh Pabaigh coillteach aig an àm sin.

A bheil sin a’ ciallachadh nach robh duine a’ fuireach anns an eilean? Chan eil, oir sgrìobh an Rothach gun robh Pabaigh na thèarmann do mhèirlich agus spùinneadairean. Feumaidh gun robh a leithid de dhaoine a’ fuireach ann bho àm gu àm, mura robh iad ann fad na h-ùine.

Chan e Pabaigh an aon eilean anns an nàbachd a bha ainmeil airson spùinneadairean. Sgrìobh an Rothach gun robh daoine dhen aon seòrsa stèidhichte anns an Acarsaid Mhòir ann an Rònaigh, tuath air Ratharsair.

Anns an leabhar aige ‘Pabay: An Island Odyssey’, tha Christopher Whatley ag ràdh gur e àite math a bhiodh ann airson spuinneadairean-mara. Leis gu bheil an t-eilean ìosal, faodaidh duine seasamh ann an aon àite agus gheibh e sealladh fada ceithir-thimcheall air. Nuair a chitheadh iad soitheach a’ tighinn, dh’fhaodadh na Pabaich eathar a thoirt a-mach bhon eilean airson ionnsaigh a thoirt. Bhiodh iad a’ tilleadh, agus bhiodh e doirbh do dhaoine an leantainn tro na sgeirean a tha timcheall an eilein. Nuair a bha iad anns an eilean, bhiodh na spùinneadairean a’ dol am falach anns a’ choille.

Carson nach do mhair a’ choille? An do chuir feadhainn às dhi air sàillibh an spùinnidh? Chan eil Christopher Whatley a’ toirt beachd air sin. Ach tha e ag innse dhuinn gun robh a’ choille air a dhol à bith dà cheud bliadhna an dèidh sin. Thadhail an Cuimreach, a, air an Eilean Sgitheanach ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1772). Sgrìobh e gun robh Pabaigh ‘uaine’ (mar gun robh e còmhdaichte le feur) ach gun robh e air a bhith na thèarmann do mhurtairean anns an t-seann aimsir.

Faclan na Litreach: Sniothasort: Snizort; Ratharsair: Raasay; Ard-dheadhan: High Dean; làmh-sgrìobhainn: manuscript; coillteach: wooded; spuinneadairean-mara: pirates; Cuimreach: Welshman.

Abairtean na Litreach: chan eil gin ann am Pabaigh: there are none on Pabay; bha Pabaigh aig an àm sin làn chraobhan: Pabay was at that time full of trees; a bheil fianais sam bith eile ann gur e eilean coillteach a bh’ ann?: is there any other evidence that it was a wooded island?; anns an t-siathamh linn deug, sgrìobh pears-eaglais ainmeil geàrr-thuairisgeul: in the sixteenth century, a famous churchman wrote a brief account; an t-Urramach Dòmhnall Rothach a bhuineadh do Chill Tighearn ann an Taobh Sear Rois: the Reverend Donald Monro who belonged to Kiltearn in Easter Ross; gum buineadh Pabaigh do Chloinn ʼic Fhionghain: that Pabay belonged to Clan Mackinnon; a’ toirt dhuinn fianais gun robh dealbh fìrinneach aig Blaeu ceud bliadhna an dèidh sin: giving us evidence that Blaeu had a true picture a hundred years after that; gun d’ fhuair X a chuid fiosrachaidh bhon chairt-iùiliche: that X got his information from the cartographer; sgrìobh an Rothach gun robh Pabaigh na thèarmann do mhèirlich agus spùinneadairean: Monro wrote that Pabay was a refuge for thieves and cut-throats; feumaidh gun robh a leithid de dhaoine a’ fuireach ann bho àm gu àm: it must be that people of that type were living there intermittently; mura robh iad ann fad na h-ùine: if they weren’t there permanently; stèidhichte anns an Acarsaid Mhòir ann an Rònaigh, tuath air Ratharsair: based at the Acarsaid Mhòr ‘big harbour’ on Rona, north of Raasay; gheibh e sealladh fada ceithir-thimcheall air: he’ll get a long view on all sides; nuair a chitheadh iad soitheach a’ tighinn: when they would see a vessel coming; dh’fhaodadh na Pabaich eathar a thoirt a-mach airson ionnsaigh a thoirt: the Pabay folk could take out a small boat to [make an] attack; ‘uaine’ (mar gun robh e còmhdaichte le feur): ‘verdant’ (as if it were covered in grass).

Puing-chànain na Litreach: carson nach do mhair a’ choille?: why did the wood not last? The particle ‘do’ here tells us that this is a past tense construction. Cha do mhair i fada ‘it didn’t last long’. Note the difference with the future tense: am mair a’ choille ‘will the wood last?’; mairidh gaol is ceòl ‘love and music will last [forever]’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: An ceann tìde: eventually (at the end of a period of time).

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 918

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean