FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1261: An Dreathan-donn (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Dreathan-donn (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a dh’aithris sgeulachd dhuibh mu Dhreathan-donn. Chaidh a clàradh aig Ailidh Dall, Ailig Stiùbhart nach maireann, fear dhen luchd-siubhail agus sàr-sgeulaiche. Gabhaidh e cluinntinn ann an Gàidhlig air làrach-lìn Thobar an Dualchais. Tha dreach sgrìobhte dhith, ann am Beurla, anns an leabhar ‘Scottish Traditional Tales’. ʼS e an t-ainm a th’ air an sgeulachd ‘Mar a Fhuair Dreathan-donn Làmh-an-uachdair air Madadh-ruadh agus air Tuathanach’. No ann am Beurla, gu sìmplidh – The Wren. Nì mi fhìn i beagan nas giorra agus nas sìmplidhe.

Bha oidhche cur-cathaidh ann. Bha sneachd ann agus bha i fuar. Cha robh fios aig dreathan-donn càit an d’ rachadh e. Thàinig e gu caora anns a’ phàirc. ‘O,’ thuirt e ris a’ chaora, ‘an leig thu a-steach mi dha do chlòimh gu madainn?’

‘Cha leig,’ thuirt a’ chaora.

Thàinig e gu caorag bheag eile. ‘An leig thu a-steach mi dha do chlòimh gu madainn?’ thuirt e.

‘O, trobhad, a bhròinein,’ ars ise. ‘Cha dèan thu dolaidh orm a bhith a-staigh nam chlòimh.’

Nuair a bha an dreathan sa chlòimh, bha fallas air leis cho blàth ʼs a bha e. Ge-tà, anns a’ mhadainn, bha sgòrnan na caoraig air a ghearradh. Bha a’ chaorag marbh. Thuirt an dreathan-donn ris fhèin, ‘feumaidh mis’ am madadh fhaighinn a mharbh i.’

Chaidh e dhan tuathanach. Dh’innis e dha mar a thachair. Thuirt e nam biodh an tuathanach deònach am madadh a lorg, gum pàigheadh an dreathan-donn e.

Thuirt e ris an tuathanach, ‘ma nì thu sin dhòmhsa, bheir mi dhut baraille-fìon a thàinig a-staigh air a’ chladach.’

Thug an tuathanach each agus càrn leis don chladach. Chuir e am baraille air a’ chàrn. ‘Nise,’ thuirt an dreathan-donn, ‘tha mi an dòchas gun lorg thu am madadh a mharbh a’ chaorag.’ Ach mhaoidh an tuathanach air gun cuireadh e ceann an dreathain dheth le a chorraig.

Thuirt an t-eun gun dòirteadh e am baraille-fìon. ‘Cò leis a dhèanadh tu sin?’ thuirt an tuathanach. Agus thòisich an dreathan air dobaig is dobaig air. Thog an tuathanach tuagh às a’ chàrn. Dh’fheuch e air an dreathan-donn. Ach bhuail e am baraille. Cha robh càil air fhàgail dheth!

‘Nì mi nas miosa na sin ort,’ ars an dreathan-donn. ‘Marbhaidh mi an t-each agad.’

‘Cò leis a dhèanadh tu sin?’ ars an tuathanach.

Chaidh an dreathan-donn a-null don each agus thòisich e air dobaigeadh fo a dhosan e. Thog an tuathanach an tuagh. Ach bhuail e ceann an eich leis agus chuir e eanchainn a-mach.

‘Nì mi nas miosa na sin ort,’ ars an dreathan-donn. ‘Brisidh mi an càrn agad.’ Bha an dreathan a’ dobaigeadh air a’ chàrn agus bha an tuathanach a’ feuchainn ri a bhualadh leis an tuagh. Aig a’ cheann thall bhris an tuathanach an càrn gu lèir.

‘Nì mi nas miosa na sin ort,’ ars an dreathan-donn. ‘Brisidh mi do lurgainn.’ Agus thòisich e air dobaigeadh air lurgainn an tuathanaich. Dh’fheuch an tuathanach air an eun le a thuagh. Ach bhris e a lurgainn fhèin agus cha robh comas aige èirigh. Agus chì sinn an-ath-sheachdain mar a thachair don dreathan-donn.

Faclan na Litreach: dreadhan-donn: wren; dall: blind; caorag: little sheep; càrn: sledge (pulled by a horse); dobaig, dobaigeadh: peck, pecking; tuagh: axe; lurgainn: shank.

Abairtean na Litreach: Gabhaidh e cluinntinn ann an Gàidhlig air làrach-lìn X: it can be heard on the X website; beagan nas giorra agus nas sìmplidhe: a little shorter and simpler; cha robh fios aig dreathan-donn càit an d’ rachadh e: a wren didn’t know where he would go; thàinig e gu caora anns a’ phàirc: he came to a sheep in the field; an leig thu a-steach mi dha do chlòimh gu madainn?: will you let me into your wool until morning?; trobhad, a bhròinein: come here, you poor thing; cha dèan thu dolaidh orm: you won’t harm me; bha sgòrnan na caoraig air a ghearradh: the wee sheep’s throat was cut; nam biodh an tuathanach deònach am madadh a lorg, gum pàigheadh an dreathan-donn e: if the farmer were willing to find the fox, that the wren would pay him; ma nì thu sin dhòmhsa: if you do that for me; bheir mi dhut baraille-fìon a thàinig a-staigh air a’ chladach: I’ll give you a wine barrel (Ailidh Dall says casg-fìon) that came in on the shore; mhaoidh an tuathanach air gun cuireadh e ceann an dreathain dheth le a chorraig: the farmer threatened to take the wren’s head off with his finger; gun dòirteadh e: that he would empty (pour); dh’fheuch e air: he attempted to hit; nì mi nas miosa na sin ort: I’ll do worse than that to you; cò leis a dhèanadh tu sin?: with what would you do that?; thòisich e air dobaigeadh fo a dhosan e: he started to peck under its forelocks; cha robh comas aige èirigh: he was unable to get up.

Puing-chànain na Litreach: Bha oidhche cur-cathaidh ann: it was a night of blizzarding snow. This was the phrase used by Ailidh Dall. Cur in this context means ‘snowing’ (tha i a’ cur = it’s snowing) and cathadh means the drifting of snow and the formation of snowdrifts. You will also hear oidhche de chur is cathadh or bha cur is cathadh ann, but cur-cathaidh is succint and neat. Ailidh, one of the finest Gaelic storytellers of his generation, spoke Sutherland Gaelic.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha fallas air leis cho blàth ʼs a bha e: he was sweating because he was so warm.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 957

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean