FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1281: Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (1)

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh air Dòmhnall Alasdair MacCoinnich? Bha e na sgrìobhadair agus na bheul-aithrisiche. Sgrìobh e gu leòr air creideamh, miotas-eòlas agus antrop-eòlas. Tha mi a’ dol a thoirt sùil air fear de na leabhraichean aige.

Fhad ʼs as aithne dhomh, cha do thogadh Dòmhnall leis a’ Ghàidhlig. Rugadh e ann an Cromba ann an Ros an Ear ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1873). Thog e sgilean mar neach-naidheachd ann an Glaschu. Ann an naoi ceud deug ʼs a trì (1903) ghluais e air ais don Ghàidhealtachd. Bha e na dheasaiche air a’ phàipear-naidheachd The North Star. An dèidh sin, bha e ann an Dùn Dè agus Dùn Èideann, a’ sgrìobhadh airson phàipearan-naidheachd.

Bha ùidh mhòr aige ann am miotas-eòlas, no mythology. Am measg nan leabhraichean a sgrìobh e, tha Egyptian Myth and Legend, Indian Fairy Stories, Myths from Melanesia and Indonesia agus Crete and Pre-Hellenic Myths and Legends.

Cha robh obair agus a bheachdan gun chonnspaid. Mar eisimpleir, anns an leabhar aige Wonder Tales from Scottish Myth and Legend, tha a h-uile càil ann am Beurla agus chan eil an t-ùghdar a’ soilleireachadh nan tùsan aige.

Co-dhiù, tha mi airson rudan a tharraing bhon chiad dà chaibideil anns an leabhar sin. Ma tha sibh eòlach air beul-aithris nan Gàidheal, faodaidh sibh ur beachd fhèin a thoirt air cho creideasach ʼs a tha e.

Tha Caibideil 1 mu dheidhinn ‘Beira, Queen of Winter’. Tha seo stèidhichte air a’ Chaillich Bheur no Bheura, caractar làidir ann am beul-aithris nan Gàidheal. Seo mar a tha an cunntas aig MacCoinnich a’ tòiseachadh: Dark Beira was the mother of all the gods and goddesses in Scotland. She was of great height and very old, and everyone feared her. When roused to anger she was as fierce as the biting north wind and harsh as the tempest-stricken sea. Each winter she reigned as Queen of the Four Red Divisions of the world …

Tha sin a’ sealltainn gu bheil an teacsa stèidhichte air dualchas nan Gàidheal. Cha bhiodh ‘the Four Red Divisions of the world’ a’ ciallachadh dad ann an saoghal na Beurla. Ach canaidh sinn sin fhathast ann an Gàidhlig nuair a tha sinn a’ bruidhinn air an t-saoghal air fad – ‘ceithir rannan ruadh an domhain’. Gu litreachail – ‘the four red divisions of the world’.

Tha an teacsa aig MacCoinnich ag innse dhuinn nach robh a’ Chailleach Bheura a’ faighinn bàs le aois oir bhiodh i ag òl uisge sònraichte à Tobar na h-Òige. Tha an tobar ri lorg air an Eilean Uaine – eilean a bhios air fleod air an taobh an iar. Tha an samhradh ann an sin an-còmhnaidh.

Nuair a dh’òladh a’ Chailleach an t-uisge, bhiodh i a’ fàs òg a-rithist. Ach, fhad ʼs a bhiodh an samhradh agus foghar a’ dol seachad, dh’fhàsadh i sean a-rithist. Agus, leis an aois, thigeadh droch shunnd agus fearg. Gu dearbh, bha i greannach.

Cha robh aice ach aon sùil. Bha a fiaclan ruadh mar a’ mheirg agus bha a falt cho geal ri canach an t-slèibhe. Bha a cuid aodaich liath agus bha seàla odhar thairis air a guailnean.

Chaidh i air feadh na Gàidhealtachd. Thathar ag ràdh gur i a chruthaich a h-uile beinn ann an Siorrachd Rois. Agus, an ath sheachdain, innsidh mi dhuibh mar a chruthaich i Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal.

Faclan na Litreach: beul-aithrisiche: folklorist; Cromba: Cromarty; deasaiche: editor; air fleod: floating; Loch Obha: Loch Awe.

Abairtean na Litreach: An cuala sibh riamh air Dòmhnall Alasdair MacCoinnich?: did you ever hear of Donald Alexander Mackenzie?; sgrìobh e gu leòr air creideamh, miotas-eòlas agus antrop-eòlas: he wrote prolifically on religion, mythology and anthropology; cha robh obair agus a bheachdan gun chonnspaid: his work and opinions were not without controversy; chan eil an t-ùghdar a’ soilleireachadh nan tùsan aige: the author doesn’t throw light on his sources; faodaidh sibh ur beachd fhèin a thoirt air cho creideasach a tha e: you can give your own opinion on how credible he is; nach robh a’ Chailleach Bheura a’ faighinn bàs le aois: that the Cailleach Bheura wasn’t dying of old age; oir bhiodh i ag òl uisge sònraichte à Tobar na h-Òige: because she would be drinking water from the ‘well of youth’; tha an samhradh ann an sin an-còmhnaidh: it is always summer there; fhad ʼs a bhiodh an samhradh agus foghar a’ dol seachad, dh’fhàsadh i sean a-rithist: as the summer and autumn elapsed, she would grow old again; thigeadh droch shunnd agus fearg: a bad mood and anger would come; cha robh aice ach aon sùil: she only had one eye; bha a fiaclan ruadh mar a’ mheirg: her teeth were as red as rust; bha a falt cho geal ri canach an t-slèibhe: her hair was as white as the bog cotton; bha a cuid aodaich liath: her clothing was grey; bha seàla odhar thairis air a guailnean: a dun shawl lay across her shoulders.

Puing-chànain na Litreach: Thathar ag ràdh gur i a chruthaich a h-uile beinn: it is said that it was she that created every mountain. I could have said thathar ag ràdh gun do chruthaich i a h-uile beinn ‘it is said that she created every mountain’ and that would have worked. However, the structure I chose emphasises ‘i’ – it was her hand that created the mountains and nothing else.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Fhad ʼs as aithne dhomh: as far as I am aware.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 977

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean