An t-seachdain sa chaidh, thug mi dhuibh tòimhseachain a nochd ann an clò
    anns a’ Ghàidheal anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug. Bha mo
    shròn anns an dearbh phàipear-naidheachd an t-seachdain seo, agus mhothaich
    mi lèirmheas de leabhar a bha inntinneach. Bha an leabhar air a sgrìobhadh
    le James Erasmus Phillips, agus air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le
    Eobhan MacColla.
    Sgrìobh Seumas Erasmus Phillips dà leabhar le tiotal inntinneach agus a tha
    iad car a’ dol còmhla. A’ chiad fhear –
    
        Seven Common Faults: Grumbling, Temper, Thoughtlessness, Selfishness,
        Over-Anxiety, Indolence and Self-will
    
    . Agus an dàrna fear –
    
        Things Rarely Met With: Patience, Unworldliness, Resignation, Meekness,
        Humility, the Love of Enemies
    
    . Agus saoil cò am fear dhiubh a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig?
    Seadh – na Seven Common Faults! Faodaidh sibh ur beachd fhèin a
    thoirt air sin!
    Agus an tiotal air an leabhar ann an Gàidhlig? Seven Common Faults
    – Seachd Coireachan a Ta Cumanta. Grumbling –
    Gearan. Temper – Droch Nàdar. Thoughtlessness –
Neo-shuimealachd. Selfishness – Fèin-chùiseachd.Over-Anxiety – Anbharr Iomagain. Indolence – Leisg. Agus    Self-will – Fèin-thoil. B’ e an tiotal gu lèir – Seachd Coireachan
    a Ta Cumanta – Gearan, Droch Nàdar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd,
    Anbharr Iomagain, Leisg agus Fèin-thoil. Cha chreid mi gum biodh e a’ leum
    far nan sgeilpichean an-diugh!
    Tuigidh sibh gun robh an t-ùghdar a’ cur air adhart modhan Crìosdachd mar
    dhòigh gus na seachd coireachan a sheachnadh. Mu ‘Gearan’, tha an t-ùghdar
    a’ sgrìobhadh nach ‘bu chòir gun cluinnte fuaim gearain
    ann an teaghlach Crìosdail air bith.’
    ‘Cronaichibh ur clann air a shon,’ tha an t-ùghdar ag ràdh, ‘ ... agus
    nuair a tha cothrom freagarrach [ann], cronaichibh ur càirdean [airson a
    bhith a’ gearain]; oir, mar a tha Gnàth-fhacal Sholaimh ag ràdh – an tì a
    chronaicheas duine, na dhèidh sin, gheibh e nas motha de dheagh-ghean na
    esan a nì miodal le a theangaidh.’
    Tha Seumas Erasmus Phillips a’ leantainn le tuilleadh air ‘Gearan’. ‘Tha
    nàdar gearanach,’ tha e ag ràdh, ‘fìor chronail don chaitheamh-beatha
    dhiadhaidh. Tha e a’ cur mòr-bhacadh air meudachadh gràis. Tha e a’ toirt
    oirnn dìochuimhneachadh gu bheil sinn daonnan fo chùram Freastal Dhè. Tha
    gearan gar dèanamh mì-iomchaidh airson ùrnaigh.’
    Tha e a’ moladh gun lean sinn eisimpleir Ìosa Chrìosda. ‘Tha fhios agaibh
    gur e ar Slànaighear Beannaichte ar n-eisimpleir anns an nì seo, cho math
    ri gach nì eile. Dh’fhuiling Esan ann an iomadh dòigh, agus ann an
    caochladh inbhe – seadh, ged bu tàireil, sgainnealach an gnàthachadh a
    fhuair E bitheanta, gidheadh aon uair cha tàinig gearan o bhilean Ìosa
    Chrìosda.’
    Agus tha an t-ùghdar a’ toirt dhuinn rabhadh mu Leisg. ‘Bha na naoimh bho
    shean,’ tha e a’ sgrìobhadh, ‘ag èirigh gu moch ... B’ ann moch sa mhadainn
    a chunnaic Abram ... an smùid a bha ag èirigh suas gu nèamh à luaithre
    bailtean a’ chòmhnaird ... B’ ann moch sa mhadainn a chuir Iacob suas an
    carragh cloiche air an do leig e a cheann rè na h-oidhche, chum gum biodh i
    na cuimhneachan taingealais air a’ bheannachadh ʼs air na sochairean a
    gheall Dia dha.’
    Uill, sin agaibh Gearan agus Leisg. Tha fhios gum bi sibh fhèin gan
    seachnadh, cho math ri Droch Nàdar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd,
    Anbharr Iomagain agus Fèin-thoil!