FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1252: Caisteal Chill Ràthaig (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal Chill Ràthaig (1)

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Caisteal Chill Ràthaig? Tha e eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Ach chan eil e furasta fhaicinn. Cha chreid mi gum faicear e bho rathad mòr sam bith. A dh’aindeoin ʼs nach eil e cho ainmeil an-diugh, tha eachdraidh mhòr aige, gu h-àraidh ann an co-cheangal ri ar-a-mach nan Seumasach anns an ochdamh linn deug.

Ann am Beurla, canaidh daoine ‘Kilravock Castle’ ris. Tha an t-ainm air fhuaimneachadh ‘kil-ROK’, ach tha e air a sgrìobhadh K-I-L-R-A-V-O-C-K. Anns an treas linn deug, bha e air a sgrìobhadh ‘Culravock’. Mar sin, ged a tha coltas air an ainm gur e ‘Cill Ràthaig’ a th’ ann – ‘the church at the small circular fort’ - ʼs dòcha gur e ‘Cùl’ a bu chòir a bhith ann an àite ‘Cill’. Math dh’fhaodte ‘the place behind the small circular fort’.

Tha e coltach gun robh ‘bh’ anns an dàrna eileamaid, air fhuaimneachadh mar ‘v’. Ach mun àm a ruigeas sinn an còigeamh linn deug, ʼs e ‘w’ a chithear an àite ‘v’ anns an ainm. Agus an uair sin, tha eadhon an ‘w’ a’ falbh. Tha mapa ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a chaidh a tharraing ri chèile goirid an dèidh Blàr Chùil Lodair. Air a’ mhapa sin, tha an caisteal air a chomharrachadh, le ainm air a sgrìobhadh C-U-L-R-A-I-C-K. ‘Cùl Ràthaig’ an àite ‘Cill Ràthaig’, math dh’fhaodte. Tuilleadh mun mhapa sin ann am mionaid no dhà.

Ach beagan mun chaisteal an toiseach. Tha e na thogalach drùidhteach. Tha tùr còig-ùrlarach ann. Tha e letheach slighe eadar dà chaisteal chudromach eile – Caisteal Dhealgan Ros (Dalcross Castle) agus Caisteal Chaladair (Cawdor Castle). Tha Caisteal Chill Ràthaig suidhichte air mullach droma gu tuath air Uisge Narann. Tha an oighreachd gu math torrach, le measgachadh de dh’achaidhean, pàircean agus coille oirre.

Tha an caisteal fhathast na sheasamh, le daoine a’ fuireach ann. Ach tha e a’ dol air ais gu ceithir cheud deug is seasgad (1460). Gu o chionn ghoirid, bha e ann an làmhan an aon teaghlaich fad na h-ùine sin – na Ròsaich no Roses.

Dh’fhàs Caisteal Chill Ràthaig rudeigin ainmeil ann an co-cheangal ri Blàr Chùil Lodair. Tha e air a shealltainn air mapa a chaidh a tharraing ri chèile goirid an dèidh a’ bhlàir, ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1746) le fear Iain MacFhionnlaigh. Bha MacFhionnlaigh a’ toirt taic do na Seumasaich, ach chan eil adhbhar ann a bhith a’ smaoineachadh nach eil am fiosrachadh air a’ mhapa an ìre mhath ceart.

Carson a tha Caisteal Chill Ràthaig cho cudromach anns a’ ghnothach seo? Uill, mar a tha MacFhionnlaigh a’ sealltainn air a mhapa, an oidhche ron bhatail ainmeil, chaidh armailt Sheumasach a dh’ionnsaigh Inbhir Narann. Sin far an robh armailt mhòr an riaghaltais a’ campachadh.

Bha na Seumasaich a’ dol a thoirt ionnsaigh orra. Ach stad iad mus do ràinig iad Inbhir Narann agus thill iad a Chùil Lodair. Tha gu leòr dhen bheachd gur e an ‘caismeachd-oidhche’ sin as coireach gun do chaill iad aig Cùil Lodair. Agus càite an do thionndaidh iad? Thionndaidh dìreach gu tuath air Caisteal Chill Ràthaig.

Faclan na Litreach: Caisteal Chill Ràthaig: Kilravock Castle; math dh’fhaodte: perhaps; Dealgan Ros: Dalcross; Caladair: Cawdor; torrach: fertile; Blàr Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Iain MacFhionnlaigh: John Finlayson; an ìre mhath ceart: pretty much correct.

Abairtean na Litreach: gu h-àraidh ann an co-cheangal ri ar-a-mach nan Seumasach: particularly in connection with the Jacobite rebellion; mun àm a ruigeas sinn an còigeamh linn deug: about the time we reach the fifteenth century; tha mapa ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a chaidh a tharraing ri chèile goirid an dèidh Blàr Chùil Lodair: there is a map in the National Library of Scotland that was drawn up shortly after the Battle of Culloden; tha an caisteal air a chomharrachadh: the castle is marked; tha e na thogalach drùidhteach: it’s an impressive building; suidhichte air mullach droma gu tuath air Uisge Narann: situated on the top of a ridge north of the River Nairn; chan eil adhbhar ann a bhith a’ smaoineachadh nach eil am fiosrachadh air a’ mhapa an ìre mhath ceart: there is no reason to be thinking that the information on the map is not substantially correct; ann an làmhan an aon teaghlaich fad na h-ùine sin: in the hands of the same family all that time; chaidh armailt Sheumasach a dh’ionnsaigh Inbhir Narann: a Jacobite army went towards Nairn; far an robh armailt mhòr an riaghaltais a’ campachadh: where the great government army was camped; tha gu leòr dhen bheachd gur e an ‘caismeachd-oidhche’ sin as coireach gun do chaill iad aig Cùil Lodair: many people reckon that the ‘night-march’ was responsible for them losing at Culloden; thionndaidh dìreach gu tuath air X: [they] turned just north of X.

Puing-chànain na Litreach: Cha chreid mi gum faicear e: I don’t think it can be seen. Literally, this means ‘I don’t think (or believe) it will be seen’ but the future tense of the irregular verb ‘faic’ (see) is also used to mean ‘can see’. Chì mi na beanntan can mean ‘I will see the mountains’ or ‘I can see the mountains’ (context will differentiate the two). This also operates with passive verbal forms e.g. chithear na beanntan ‘the mountains can be seen’; tha mi an dùil gum faicear na beanntan ‘I expect the mountains will be [able to be] seen’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: rudeigin ainmeil: somewhat famous.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 948

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean