Anns a’ bhliadhna naoi-deug is sia-deug (1916), thug atharrachadh anns a’ Chogadh Mhòr buaidh air obair na mèinne-iarainn ann an Ratharsair. Cha robh e
furasta don chompanaidh a bha a’ ruith na mèinne, Bairds, an obair aca a dhèanamh air sgàth cion luchd-obrach. Cha robh muinntir an àite pailt co-dhiù,
agus leugh mi gu robh trithead ’s a sia dhiubh air falbh ann am feachdan na rìoghachd. Gu dearbh, chaidh fichead ’s a dhà dhiubh a mharbhadh.
Bha sin dona gu leòr ach, gu nàiseanta, bha cùisean duilich ann an naoi-deug is sia-deug (1916), oir ’s ann an uair sin a thòisich cogadh nam
bàtaichean-aiginn. Bha na bàtaichean sin a’ cur fodha mòran de na soithichean-cargo a bha a’ toirt stuth a-nall a Bhreatainn à dùthchannan thall thairis.
Agus am measg a’ chargo a tha sin, bha clach-iarainn a bhiodh air a toirt thar a’ chuain ann an cruth amh, agus an uair sin air a giollachd ann am
Breatainn airson iarainn agus stàilinn a dhèanamh.
Aig àm a’ chogaidh, bha iarrtas a bharrachd nan àbhaist ann airson iarainn – airson armachd is uidheamachd-cogaidh. Mar sin, chuir Ministrealachd na
h-Armachd sgeama air chois airson tuilleadh iarainn is stàilinn a dhèanamh bho chlach a bh’ air a mèinneadh ann am Breatainn. Ach ciamar a bha Bairds a’
dol a dhèanamh barrachd iarainn à clach à Ratharsair, mura robh luchd-obrach gu leòr aca?
Bheachdaich iad air mèinneadairean a thoirt a-nall à Portagal, às an Spàinnt no à Nirribhidh ach, aig a’ cheann thall, shaoil iad gur e
prìosanaich-chogaidh Ghearmailteach a b’ fhasa dhaibh. Sgrìobh fear de cheannardan na companaidh chun na Ministrealachd, ag ràdh gu robh trithead ’s a dhà
taigh anns an eilean a ghabhadh cuairteachadh le uèir bhiorach, airson priosanaich a chumail nam broinn air an oidhche, agus gu robh fichead taigh falamh
eile ann, anns am faodadh na geàird a bhith a’ fuireach.
Dh’obraich Bairds a’ mhèinn as leth an Riaghaltais agus dh’aontaich an Riaghaltas riutha suas ri dà cheud prìosanach Gearmailteach a thoirt dhaibh airson
obair a dhèanamh innte. Chaidh feachd bheag de dhusan saighdear a chur a Ratharsair airson smachd a chumail air na prìosanaich. B’ e an commandair aca fear
air an robh “an Caiptean MacLeòid”, ged nach urrainn dhomh dearbhadh co-dhiù bha ceangal aige do Ratharsair. ’S dòcha nach robh. Bha e air a bhith na
sgoilear aig Colaiste Fettes ann an Dùn Eideann.
Ach rinn na h-ùghdarrasan mearachd leis a’ chiad bhuidhinn de Ghearmailtich a thagh iad. Bha iad air a bhith nam maraichean còmhla air soitheach-cogaidh,
am Blücher, anns a’ Chuan a Tuath, nuair a chaidh a cur fodha leis na Breatannaich anns an Fhaoilleach, naoi-deug ’s a còig-deug (1915). Nuair a chaidh na
longan Breatannach a dh’ionnsaigh a’ Bhlücher airson cobhair a dhèanamh air na maraichean Gearmailteach, airson an togail far na mara, nochd plèana agus
Zeppelin Gearmailteach os an cionn. Feumaidh gu robh an fheadhainn a bh’ air bòrd nan itealan dhen bheachd gur e soitheach Breatannach, seach
Gearmailteach, a bh’ ann an èiginn agus thug iad ionnsaigh oirre. Cha deach a shàbhaladh ach dà cheud is seasgad (260) duine a-mach à còrr is mìle agus
ceud.
Chaidh ochd duine deug de na maraichean sin a Ratharsair ann an naoi-deug ’s a sia-deug (1916), ach bha iad anns an eilean dìreach deich là. ’S e a bu
choireach ri sin an t-eagal a bh’ ann gum biodh buidheann de mharaichean a bh’ air fulaing còmhla buailteach oidhirp a dhèanamh gus teicheadh thar na mara
bhon eilean.