FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1027: Òran mu Shealg nam Mucan-mara

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Òran mu Shealg nam Mucan-mara

Gaelic Gàidhlig

ʼS truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr,
ʼN fhìrinn a th’ agam nach maraiche mi,
ʼS truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr,
Rim mhaireann cha till mise sheòladh.

Tha mi cinnteach gum bi gu leòr agaibh eòlach air na briathran sin. ʼS e ʼS truagh nach do dh'fhuirich mi tioram air tìr fear de na h-òrain as aithnichte aig na Gàidheil, chanainn. Ach cò mu dheidhinn a tha e?

Uill, tha e follaiseach gu bheil e mu dheidhinn seòladh na mara. Tha an seòladair – am maraiche – a’ gabhail dàrna beachd air co-dhiù bu chòir dha a bhith air druim a’ chuain. Cha toigh leis a bhith na mharaiche. ʼN fhìrinn a th’ agam nach maraiche mi, tha e ag ràdh.

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu shealg nam mucan-mara. Bha gnìomhachas glè mhòr stèidhichte ann an Dùn Dè anns an naoidheamh linn deug. Bhathar a’ cleachdadh ola nam mucan-mara ann an gnìomhachas an diut – a bha mòr ann an Dùn Dè aig an àm sin.

An toiseach bhathar a’ sealg nam mucan anns na cuantan anns a’ cheann a tuath, faisg air Graonlainn. Nuair nach robh gu leòr dhiubh air fhàgail, thug na companaidhean seilg an aire don chuan a deas, timcheall South Georgia. Seo an dàrna rann dhen òran:

Ruith na muic-mhara ri gailleann sa chuan,
Mo mheòirean air reothadh a dh’aindeoin bhith cruaidh,
B’ fheàrr a bhith ʼn-ceartuair air acair air Chluaidh,
Na bhith dìreadh nan crann an South Georgia.

Bha am fear a sgrìobh an t-òran seo na shealgair de na mucan-mara ann an South Georgia tràth anns an fhicheadamh linn. Tha e coltach gun robh an soitheach aige stèidhichte air Abhainn Chluaidh, seach ann an Dùn Dè.

B’ e ùghdar an òrain Dòmhnall Iain Mac a’ Mhaoilein, Dòmhnall Iain Thormoid Ruaidh. Bhuineadh e do Chille Pheadair ann an Uibhist a Deas. Cha robh fearann gu leòr aig a theaghlach airson an cumail a dol. Agus, cleas mòran eile, chaidh Dòmhnall Iain gu muir airson a bheòshlaint a dhèanamh.

Ma tha sinn a’ creidsinn nam faclan aige, cha do chòrd e ris. Bha e gu math fuar is garbh air bòrd soitheach shìos timcheall South Georgia. Seo an treas rann dhen òran:

Dìle bhon t-sneachd ʼs tu gun fhasgadh on fhuachd,
D’ aodann ga sgailceadh le fras bho gach stuagh,
ʼN t-airgead am pailteas ʼs gun dòigh a chur bhuat,
ʼS e sìor losgadh toll ann ad phòca.

Tha e inntinneach mar a tha Dòmhnall Iain a’ cleachdadh an fhacail òinseach anns an rann mu dheireadh. Ann an grunn dualchainntean, tha e a’ buntainn a-mhàin ri boireannaich; tha e a’ ciallachadh boireannach faoin no gòrach. Ach tha an t-ùghdar a’ gabhail ‘òinseach’ air fhèin.

Nuair gheibh sinn fòrladh ʼs nuair ruigeas sinn tràigh,
Falbhaidh an òinseach sa còmhla ri càch,
Chosg mi de dh’airgead air cunntair a’ bhàir,
A cheannaicheadh trì taighean-òsta.

Fhad ʼs as aithne dhomh, cha do cheannaich Dòmhnall Iain taigh-òsta sam bith. Ach, mar a gheall e anns an òran, dh’fhàg e seòladh nan cuantan agus sealg nam mucan-mara, agus fhuair e obair mar phoileas ann an Lunnainn.

Faclan na Litreach: briathran: words; seòladair: sailor; Dùn Dè: Dundee; Graonlainn: Greenland; seach: rather than; Uibhist a Deas: South Uist; faoin: silly.

Abairtean na Litreach: ʼS truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr: it’s a pity I didn’t stay dry on land; ʼn fhìrinn a th’ agam nach maraiche mi: it’s the truth that I’m not a mariner; cha till mise sheòladh: I won’t return to sailing; fear de na h-òrain as aithnichte aig na Gàidheil: one of the songs the Gaels know best; a’ gabhail dàrna beachd air co-dhiù bu chòir dha a bhith air druim a’ chuain: thinking again about whether he should be on the open ocean; bhathar a’ cleachdadh ola nam mucan-mara ann an gnìomhachas an diut: whale oil was being used in the jute industry; thug na companaidhean seilg an aire do: the whaling [hunting] companies gave attention to; ruith na muic-mhara ri gailleann: chasing the whale in a storm; mo mheòirean air reothadh a dh’aindeoin bhith cruaidh: my fingers frozen in spite of their being toughened; b’ fheàrr a bhith ʼn-ceartuair air acair air Chluaidh: I’d prefer now to be at anchor on the Clyde; na bhith dìreadh nan crann: than climbing the masts; cha robh fearann gu leòr aig a theaghlach airson an cumail a dol: his family didn’t have enough land to keep them going; cleas mòran eile, chaidh X gu muir airson a bheòshlaint a dhèanamh: in the same way as many others, X went to sea to make his living; dìle bhon t-sneachd, ʼs tu gun fhasgadh on fhuachd: soaked from the snow, and you without shelter from the cold; d’ aodann ga sgailceadh le fras bho gach stuagh: your face being slapped with a shower from every wave; ʼn t-airgead am pailteas ʼs gun dòigh a chur bhuat: plenty of money without a way of spending it; [a’] sìor losgadh toll ann ad phòca: forever burning a hole in your pocket; nuair gheibh sinn fòrladh ʼs nuair ruigeas sinn tràigh: when we get leave and reach the shore; a cheannaicheadh trì taighean-òsta: that would buy three hotels.

Puing-chànain na Litreach: Dòmhnall Iain Thormoid Ruaidh : Donald John, son of Tormod Ruadh (red-haired Norman). This is a sloinneadh which is still common in the most strongly Gaelic communities. The person is named usually for the father’s given name and then the paternal grandfather’s (with those being in the genitive form) eg Ailean Aonghais Eardsaidh (Allan son of Angus, son of Archie). But if the mother is a local, and the father an incomer, it can work through the mother’s line.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Rim mhaireann : as long as I live [survive].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 723

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean