FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1052: Cath Ghlinn Freòin (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cath Ghlinn Freòin (1)

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh mu Chath Ghlinn Freòin? Tha Gleann Freòin – Glen Fruin – siar air ceann a deas Loch Laomainn. Thachair an cath anns a’ bhliadhna sia ceud deug ʼs a trì (1603). Thug e buaidh mhòr air Clann Ghriogair. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.

Bha banntrach a bha seo a’ fuireach ann an Gleann Sratha faisg air Clachan an Dìseirt – no Dail Mhàilidh mar a chanas mòran an-diugh. ʼS e ban-Ghriogarach a bh’ innte. Bha dithis mhac aice. Bha iad nan giullain òga ach bha iad tapaidh. Bha iad a’ ceannach bathar anns na bailtean Gallta agus ga reic air a’ Ghàidhealtachd.

Turas a bha seo, chaidh iad a Dhùn Bhreatann a cheannach bathar. Nuair a bha iad air an rathad dhachaigh thàinig cur is cathadh orra. Ràinig iad Lus. Bhiodh e do-dhèante leantainn orra dhachaigh oir bha an sneachd ro throm. Mar sin, roghnaich iad a dhol tarsainn Loch Laomainn airson a bhith am measg am muinntir fhèin – Griogaraich – a bha pailt air taobh sear an locha.

Ge-tà, bha coltas stoirmeil air an aimsir, agus cha robh aon duine deònach an toirt a-null. Dh’fhaighnich cuid ann an Lus dhiubh, ‘ Cò an cinneadh dham buin sibh?’ Cha robh fios aig na gillean gun robh gamhlas aig muinntir Luis ris na Griogaraich. Agus dh’aidich iad gur e Griogaraich a bh’ annta. An uair sin, chan fhaigheadh iad biadh no àite-fuirich. Lean iad orra gu baile beag eile tuath air Lus, ris an canar a’ Chaolag.

Bha aiseag an sin, ach dhiùlt luchd an aiseig na Griogaraich a thoirt tarsainn an locha. Agus, a-rithist, cha d’ fhuair na balaich àite-fuirich no biadh. Bha iad ann an suidheachadh doirbh, le sneachd air an talamh. Mu dheireadh, ann an dorchadas na h-oidhche, ràinig iad taigh-ghobhar far an robh fiodh tioram. Thog iad teine. Agus bhris iad crann-treabhaidh airson cur air an teine.

Bha an t-acras cho mòr air an dithis, agus iad gun bhiadh, ʼs gun do mharbh iad molt dubh aig an robh earball geal. Ròist iad earrann dhen fheòil agus dh’ith iad i.

Leis gur e Griogaraich a bh’ annta, bha feadhainn air a bhith a’ cumail sùil orra. Chunnaic iad mar a bhris na gillean an crann-treabhaidh agus mar a mharbh iad am molt. Chaidh fios a chur air ais don cheann-cinnidh, Sir Umfra Mac a’ Chombaich. Thàinig gràisg goirid ron chamhanaich agus chuir iad na gillean fo ghlas.

Thàinig latha a’ chrochaidh agus bha sluagh aig Tom na Croiche deas air Lus. Nochd gràisg mhòr de Chlann ʼic Ghriogair cuideachd. Chaidh na gillean a chur air craobh-ghiuthais le ròpan timcheall an amhaichean. Chaidh rudeigin ceàrr, ge-tà. Thuit an dithis Ghriogarach don làr, agus iad fhathast beò.

Dh’èigh fear de na Griogaraich a bha a’ coimhead a’ ghnothaich gum bu chòir do na prìosanaich a bhith air an leigeil mu sgaoil. B’ e sin an cleachdadh aig an àm – nam biodh rudeigin a’ dol ceàrr gum faigheadh am prìosanach a shaorsa.

Ach chuir Sir Umfra Mac a’ Chombaich a dhaoine fhèin eadar na Griogaraich agus a’ chroich. Chuir iad na ròpan suas a-rithist, agus chaidh an dithis mharsantach a chrochadh gus an robh iad marbh.

Bha sin dona gu leòr, ach dh’fhàs cùisean na bu mhiosa buileach, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Gleann Freòin: Glen Fruin; banntrach: widow; cur is cathadh: snow and blizzard; Lus: Luss; crann-treabhaidh: plough.

Abairtean na Litreach: siar air ceann a deas Loch Laomainn: to the south of the southern end of Loch Lomond; thug e buaidh mhòr air Clann Ghriogair: it had a big effect on Clan Gregor; Gleann Sratha faisg air Clachan an Dìseirt: Glen Strae near Dalmally; bha iad nan giullain òga ach bha iad tapaidh: they were young lads but they were robust; a’ ceannach bathar anns na bailtean Gallta agus ga reic air a’ Ghàidhealtachd: buying goods in the Lowland towns and selling them in the Highlands; a Dhùn Bhreatann a cheannach bathar: to Dumbarton to buy goods; bhiodh e do-dhèante leantainn orra dhachaigh oir bha an sneachd ro throm: it would be impossible to continue homewards because the snow was too heavy; roghnaich iad a dhol tarsainn Loch Laomainn airson a bhith am measg am muinntir fhèin: they chose to cross Loch Lomond to be among their own people; pailt air taobh sear an locha: plentiful on the eastern side of the loch; dhiùlt luchd an aiseig na Griogaraich a thoirt tarsainn an locha: the ferry operators refused to take the MacGregors across the loch; ràinig iad taigh-ghobhar far an robh fiodh tioram: they reached a goat-house where there was dry wood; gun do mharbh iad molt dubh aig an robh earball geal: that they killed a black wether that had a white tail; ròist iad earrann dhen fheòil: they roasted a part of the meat; chaidh fios a chur air ais don cheann-cinnidh, Sir Umfra Mac a’ Chombaich: information was sent back to the clan chief, Sir Humphrey Colquhoun; thàinig gràisg goirid ron chamhanaich: a group of men came shortly before dawn; le ròpan timcheall an amhaichean: with ropes around their necks; nam biodh rudeigin a’ dol ceàrr gum faigheadh am prìosanach a shaorsa: if anything went wrong, that the prisoner would receive his freedom.

Puing-chànain na Litreach: Cò an cinneadh dham buin sibh? : which clan do you belong to? Cinneadh has several meanings – clan, kindred, tribe, race and even surname (rather than sloinneadh which is more properly a patronymic or matronymic). It is the best modern word to refer to the ‘clan’ you belong to. The word fine is also used but perhaps less commonly today – although it is still the default plural form to talk about ‘the clans’ ( na fineachan).

Gnàthas-cainnt na Litreach: gun robh gamhlas aig muinntir Luis ris na Griogaraich:that the people of Luss bore animosity to the MacGregors.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 748

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean