Bha mi ag innse eachdraidh dhuibh à Làmh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire no    The Wardlaw Manuscript. Bha Dòmhnall MacAlasdair – sgalag òg aig
    a’ Ghobha Ruadh – air poit làn òir a lorg. Ach ghoid an Gobha Ruadh a’
    phoit agus chuir e am falach i. Nuair a chaidh an dithis don àite far an do
    lorg Dòmhnall a’ phoit, cha robh sgeul oirre. ‘Cha robh ann ach aisling,’
    thuirt an Gobha Ruadh.
    Cha b’ urrainn don dithis an gnothach a chumail dìomhair. Chuala an
    ceann-cinnidh, Mac Shimidh, mu dheidhinn. Dh’iarr e air Dòmhnall
    MacAlasdair nochdadh air a bheulaibh.
    ‘An do lorg thu poit làn òir?’ dh’fhaighnich Mac Shimidh.
    ‘Lorg,’ dh’aidich Dòmhnall. Agus dh’inns e dha mar a thachair.
    An uair sin, dh’iarr Mac Shimidh air a’ Ghobha Ruadh nochdadh air a
    bheulaibh.
    ‘A bheil fios agad dè thachair don phoit agus don òr?’ dh’fhaighnich an
    ceann-cinnidh.
    ‘Chan eil, gu dearbh,’ thuirt an gobha. ‘Chan eil càil a dh’fhios agam mun
    òr, ach gun d’ fhuair an nighean agam fàinne o Dhòmhnall MacAlasdair.’
    Agus, le sin, thug e an fhàinne seachad mar thiodhlac don uachdaran. Bha an
fhàinne uabhasach fhèin brèagha. Bha    dà làimh snaighte oirre, agus crois. Bha Mac Shimidh cho
    toilichte leatha ’s gun robh i air a chorraig – mac an aba – fad a’ chòrr
    de a bheatha.
    A dh’aindeoin ’s gun robh an ceann-cinnidh toilichte mun fhàinne, cha robh
    e fhèin no daoine eile dhen bheachd gun robh Gobha Ruadh ag innse na
    fìrinn. Chaidh an gobha a chur don phrìosan gus an aidicheadh e a chiont.
    Bha Dòmhnall MacAlasdair gu math cliùmhor a-nise, agus thug daoine
    frith-ainm ùr dha – Dòmhnall an Òir. Bha daoine eòlach air mar ‘Dòmhnall an
    Òir’ gus an do chaochail e.
    Fhad ’s a bha an Gobha Ruadh sa phrìosan anns a’ Mhanachainn, air a
    cheangal ris na ballachan le slabhraidhean iarainn, bha feadhainn an dùil
    gun aidicheadh e a mhèirle. Ach cha do dh’aidich. Bha sianar nighean aige,
    agus phòs tè dhiubh fear air an robh Fearchar Òg. Nise, dòigh air
    choreigin, fhuair Fearchar grèim air an òr – buinn luachmhor bho air feadh
    na Roinn Eòrpa. Thug e air a’ ghobha – athair-chèile – gun a bhith ag
    aideachadh càil mun ulaidh. Agus chaochail an Gobha Ruadh anns a’ phrìosan.
    Dè rinn Fearchar Òg leis an òr? Uill, chaidh e fhèin is a bhean a Leitir Iù
    ann an Ros an Iar, far an robh Sasannaich ag obair ann an gnìomhachas
    iarainn. Bha Fearchar dhen bheachd gum faigheadh e deagh phrìs air an òr an
    sin. Ach cha d’ fhuair. Bha e aineolach mu a leithid agus reic e an t-òr
    air prìs ìosal.
    Agus cò às a thàinig an t-òr anns a’ chiad àite? Tha cuid dhen bheachd gur
    e stòras a bh’ ann aig bean Mhic Shimidh, ginealach no dhà roimhe. Ghoid
    bana-shearbhant e agus chuir i ann am poit chrèadha e fon talamh. Bha i air
    a diteadh dhen eucoir. Mar pheanas, bha i gu bhith air a bàthadh ann an
    àite ris an cainte Poll na Pàirc. Bha i fodha dà thuras airson ’s gun
    aidicheadh i a ciont. Le a làmhan, chomharraich i an t-àite san robh an
    t-òr, ach fhuair i bàs mus do lorg duine e. Bha sin gus an do lorg Dòmhnall
    an Òir e bliadhnaichean an dèidh làimhe.