FaclairDictionary EnglishGàidhlig

11: Iolairean agus cait fiadhaich

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Iolairean agus cait fiadhaich

Gaelic Gàidhlig

Bidh cuimhn’ agaibh gu robh mi a-mach air tòimhseachain Ghàidhlig an t-seachdainn ’s a chaidh, agus gun tug mi fear dhuibh airson smaoineachadh air. Agus seo e a-rithist airson a chur nur cuimhne:

Chaidh biadh gu dithis

Aig ceann Loch Maruibh’.

Dh’ith am biadh an dithis,

’S chaidh am biadh dhachaigh a-rithist.

Uill ’s e a bh’ ann anns a’ bhiadh – cat fiadhaich a chaidh a ghlacadh le iolaire, iolaire mhòr. Bha nead aig an iolaire – gu h-àrd anns na creagan aig ceann Loch Maruibh’, ann an Ros an Iar. Agus anns an nead bha dà phùdach, neo isean. B’ e sin an “dithis”. Co-dhiù, nuair a chuir an iolaire mhòr an cat anns an nead, bha an cat gun mhothachadh. Bha coltas air mar gu robh e marbh. Agus dh’fhalbh an iolaire a dh’iarraidh biadh eile. Ach cha robh an cat marbh idir. Agus mus do rinn na h-iseanan acrach càil, thàinig an cat thuige. Mharbh e na h-iseanan, agus dh’ith e iad. Agus as dèidh sin, mus do thill an iolaire mhòr, theich an cat. Chaidh e sìos na creagan agus air ais dhachaigh.

Uill, tha e sìmplidh gu leòr, nach eil? Ach tha mi ’n dòchas nach do chuir e cus dragh oirbh thairis air an t-seachdainn a dh’fhalbh, agus sibh a’ smaoineachadh air fad an t-siubhail! Anns na mìosan romhainn, bho àm gu àm, bheir mi tòimhseachain eile dhuibh, agus ma tha gin agaibh fhèin a bu toil leibh a chur thugam, bhithinn uabhasach toilichte am faighinn. Gheibh sibh an seòladh an cois teacs na litreach ann am Paipear Beag an Eilein Sgitheanaich an t-seachdainn-sa.

Ach air ais don iolaire. Tha trì seòrsaichean de iolaire againn ann an Alba. Mar is trice, ma chanas sinn dìreach “iolaire”, ’s i an iolaire-bhuidhe, neo golden eagle, a tha sinn a’ ciallachadh. Agus a bharrachd air “iolaire-bhuidhe” tha ainm eile ann air a son – an “iolaire-mhonaidh” air sgàth ’s gum bi i, mar is trice, anns a’ mhonadh, neo anns an adhar os cionn a’ mhonaidh, seach aig a’ chladach.

Ged a tha an iolaire-bhuidhe brèagha gun teagamh, tha tèile ann a tha nas motha – an “iolaire-mhara” neo sea eagle. Bidh fios agaibh uile, tha mi cinnteach, gun deach an t-eun mòr seo à bith ann an Alba, ged a chaidh a stèidheachadh a-rithist air taobh siar na Gàidhealtachd o chionn beagan bhliadhnaichean. Bidh a h-earball geal nuair a dh’fhàsas i sean gu leòr, agus ’s ann air sgàth sin a thathar cuideachd a’ gabhail white-tailed eagle oirre ann am Beurla. Airson an dearbh adhbhair, canaidh sin “iolaire-bhàn” rithe uaireannan ann an Gàidhlig.

Agus air sgàth ’s gum faic sinn gu tric faisg air a’ chladach i, ’s e “iolaire-chladaich” ainm eile oirre ann an Gàidhlig. Agus, co-dhiù ann am bàrdachd, chaidh a h-ainmeachadh mar “iolaire-sùil-na-grèine” – ainm snog dha-rìridh.

Ach dè an treas iolaire a th’ againn ann an Alba? Uill ’s e sin an seòrsa ris an canar osprey ann am Beurla. Ann an Gàidhlig ’s e “iolaire-iasgaich” a th’ oirre, leis gur ann le bhith ag iasgach a ghlacas i biadh. Neo canaidh cuid “iolaire-uisge” rithe leis gum bi i a’ fuireach faisg air lochan-uisge, a’ neadachadh ann an seann chraobhan.

Mar sin dè an seòrsa iolaire a ghlac an cat fiadhaich anns an tòimhseachan? Iolaire-mhara? Cuimhnichibh gu robh iad uaireigin pailt ann an Ros an Iar. Iolaire-uisge a chunnaic cat fhad ’s a bha i a’ sealg os cionn an locha? Chanainn fhèin gur e iolaire-bhuidhe as coltaiche leis gu robh i a’ sealg ann am monadh far am biodh cait a’ fuireach. Agus bhiodh e fìor ri ràdh gur e iolaire mhi-fhortanach a bh’ innte leis gun do chaill i a h-àl. Chun na h-ath sheachdainn….

Faclan na na Litreach: cat fiadhaich: wild cat; pùdach, isean: young bird, chick; acrach: hungry; adhar: sky; earball, a h-earball:tail, its (her) tail; lochan-uisge: freshwater lochs; a’ neadachadh: nesting; uaireigin: at one time; pailt: plentiful; a’ sealg: hunting; cait: cats; àl, a h-àl: offspring, her offspring.

Abairtean na na Litreach: gu robh mi a-mach air: that I was on about; a chaidh a ghlacadh le: that was caught by; gun mhothachadh: unconscious; bha coltas air mar gu robh e marbh: it (he) looked as if it was dead; dh’fhalbh an iolaire a dh’iarraidh biadh eile:the eagle left to seek other food; thàinig e thuige: it (he) recovered consciousness; bhithinn uabhasach toilichte am faighinn: I would be delighted to receive them; an cois teacs na litreach: accompanying the text of the letter; mar is trice: usually; seach aig a’ chladach: rather than at the shore; beagan bhliadhnaichean: a few years; air sgàth sin: because of that; canaidh cuid X rithe: some call it (her) X; as coltaiche: most likely.

Puing ghràmair na na Litreach: Paipear Beag an Eilein Sgitheanaich: the little Skye paper ie this very august publication known in the other language as the West Highland Free Press! In the “normal” nominative case, Skye is an t-Eilean Sgitheanach. This, however, is the genitive case ie “of Skye”. Both the masculine noun (eilean) and its accompanying adjective (Sgitheanach) are slenderised as is normal in the genitive, so we get an Eilein Sgitheanaich . Note that the initial “t” is dropped and note also the change in pronunciation. In the dative case eg “on Skye” we get anns an Eilean Sgitheanach . This is not slenderised, but the initial “t” disappears again. Look through the letter for other examples of slenderised words which are in the genitive case eg a’ mhonaidh, chladaich. Why are these words in the genitive?

Gnàthas-cainnt na na Litreach: Fad an t-siubhail: all the time. (Lit. “all the journey”). This is a common expression although one also hears fad na h-ùine and fad na tìde which mean effectively the same thing.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean