FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1126: Ùisdean Mac a’ Mhuilleir agus Gràin-chinnidh (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ùisdean Mac a’ Mhuilleir agus Gràin-chinnidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Ann an Litir 934, dh’inns mi beagan dhuibh mu dheidhinn nan ceanglaichean eadar Alba agus tràilleachd. Thug mi iomradh air Frederick Douglass, fear dubh Ameireaganach a bh’ air a thogail mar thràill ann am Maryland. Tha aire ga toirt às ùr do Dhouglass, a thuras a dh’Alba, agus na sgrìobh an t-Albannach ainmeil, Ùisdean Mac a’ Mhuilleir, mu a dheidhinn.

Dh’ionnsaich Douglass sgilean leughaidh is sgrìobhaidh dha fhèin. Bhiodh e a’ cumail sgoil Shàbaid do thràillean eile. Bhiodh iad a’ leughadh an Tiomnaidh Nuaidh còmhla. Mu dheireadh, bha còrr is ceathrad duine a’ dol ann.

Chuala feadhainn a bha a’ cumail thràillean mu a deidhinn, ge-tà. Sàbaid a bha seo, nochd iad agus sgaoil iad a’ choinneamh. Bha iad armaichte le cuaillean is clachan. Feumaidh gun robh an t-eagal orra gun ionnsaicheadh na tràillean cus le bhith a’ leughadh a’ Bhìobaill – agus leabhraichean eile. B’ e sin deireadh na sgoil Shàbaid.

Ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a seachd (1837), thachair Frederick ri Anna Murray – Anna Mhoireach – agus ghabh e gaol oirre. Bha i na boireannach dubh a bha a’ fuireach ann am Baltimore – ach bha i saor. Thug i taic do Dhouglass a rathad fhèin a dhèanamh a dh’ionnsaigh saorsa, le bhith a’ teicheadh gu Baile New York. Bha esan dìreach fichead bliadhna a dh’aois. Mu dheireadh, phòs iad ann an eaglais Chlèireach agus rinn iad an dachaigh ann am Massachusetts.

Tha an cinnidhean inntinneach, nach eil? Moireach agus Dùbhghlas. Gu math tric, bhiodh tràillean a’ gabhail cinneadh an fhir leis an robh iad. Tha iomadh fear is tè dhubh an-diugh air a bheil sloinneadh, no cinneadh, Albannach. Le Frederick Douglass, ge-tà, tha an suidheachadh eadar-dhealaichte. ʼS e Bailey a bh’ air mar chinneadh nuair a rugadh e. Thagh e fhèin is Anna ‘Douglass’ an dèidh dithis charactaran anns an dàn ‘The Lady of the Lake’. Cò sgrìobh sin, ge-tà – ach an t-Albannach, Bhaltair Scott.

Thòisich Frederick air òraidean a dhèanamh an aghaidh tràilleachd agus claon-bhreith. Sgrìobh e leabhar mu a bheatha fhèin, agus rinn sin ainmeil e. Bha caraidean aige a’ gabhail dragh gum biodh am fear ann am Maryland – aig an robh sealbh laghail air fhathast – ga iarraidh air ais. Bhrosnaich iad e a dhol a dh’Èirinn is Breatainn airson òraidean a dhèanamh mu thràilleachd. Bha sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1845). Bha tràilleachd air tighinn gu ceann ann an Ìmpireachd Bhreatainn dìreach seachd bliadhna roimhe sin.

Bha Douglass a’ siubhal ann an Èirinn dìreach nuair a bha a’ Ghort Mhòr a’ tòiseachadh. Ach, a dh’aindeoin gach duilgheadais is ana-cheartais ann an Èirinn, chòrd e ris a bhith ann an àite far nach robh daoine ga thomhas air dath a chraicinn. Fhuair e fhèin agus Daniel O’Connell, ‘Saoradair’ nan Caitligeach Èireannach ,air adhart gu math còmhla. Bha O’Connell gu mòr an aghaidh tràilleachd no ana-cheartas sam bith.

An dèidh greis, chaidh Douglass a dh’Alba. Ann an litir gu caraid anns na Stàitean Aonaichte, sgrìobh e ‘Scotland is a blaze of anti-slavery agitation ...’ Bha e toilichte gun robh uiread de dhaoine ann an Alba ag iomairt an aghaidh tràilleachd, gu h-àraidh mar a bha i anns na stàitean deasach Ameireaganach. Ge-tà, chan ann mar sin a bha a h-uile duine – no eaglais – ann an Alba, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: tràilleachd: slavery; Ùisdean Mac a’ Mhuilleir: Hugh Miller; sgoil Shàbaid: Sunday [Sabbath] school; saor: free; Clèireach: Presbyterian; claon-bhreith: prejudice; a’ Ghort Mhòr: the Great Famine.

Abairtean na Litreach: a bh’ air a thogail mar thràill: who was raised as a slave; tha aire ga toirt às ùr do X: attention is being newly given to X; dh’ionnsaich X sgilean leughaidh is sgrìobhaidh dha fhèin: X taught himself to read and write; bhiodh iad a’ leughadh an Tiomnaidh Nuaidh còmhla: they would read the New Testament together; feadhainn a bha a’ cumail thràillean: some people who owned slaves; sgaoil iad a’ choinneamh: they dispersed the meeting; armaichte le cuaillean is clachan: armed with clubs and stones; gun ionnsaicheadh na tràillean cus: that the slaves would learn too much; ghabh e gaol oirre: he fell in love with her; a rathad fhèin a dhèanamh a dh’ionnsaigh saorsa: to make his own way towards freedom; a’ gabhail cinneadh an fhir leis an robh iad: taking the surname of the man who owned them; nuair a rugadh e: when he was born; aig an robh sealbh laghail air fhathast: who still owned him; bhrosnaich iad e a dhol a dh’Èirinn is Breatainn: they encouraged him to go to Ireland and Britain; far nach robh daoine ga thomhas air dath a chraicinn: where people didn’t assess him on [the basis of] his skin colour; ‘Saoradair’ nan Caitligeach Èireannach: the ‘Liberator’ of the Irish Catholics; toilichte gun robh uiread de dhaoine ann an Alba ag iomairt an aghaidh tràilleachd: pleased that there were so many people in Scotland were campaigning against slavery; anns na stàitean deasach Ameireaganach: in the southern American states; mar a chì sinn: as we shall see.

Puing-chànain na Litreach: iomadh fear is tè dhubh: many black men and women. Fear and are, of course, nouns of different gender and here the adjective ‘dubh’ applies to both. The rule is that the lenition (or lack thereof) of the adjective is applied according to the gender of the closest noun. In this case it is , a feminine noun, so dubh becomes dhubh. The corollary is that we would say iomadh tè is fear dubh, with dubh now agreeing with the closest noun fear, which is masculine.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Sàbaid a bha seo: [on] this particular Sabbath.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 822

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean