FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1161: Uamh an Fhuamhaire (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Uamh an Fhuamhaire (1)

Gaelic Gàidhlig

Feumaidh sinn mar Ghàidheil a bhith faiceallach nach caill sinn ar dualchas a thaobh ainmean-àite. Tha àite ainmeil ann an Eilean Rònaigh – no Ròna – tuath air Ratharsair. ʼS e uamh a th’ anns an àite a tha fon phrosbaig agam. Chì sibh agus cluinnidh sibh anns a h-uile àite ainm Beurla oirre – Church Cave. Tha an t-ainm sin oirre oir bha i air a cur gu feum mar eaglais aig àm nuair nach robh eaglais thogte anns an eilean.

Tha fhios gur e a’ Ghàidhlig a bh’ aig muinntir Rònaigh mar chainnt nuair a bha sluagh a’ fuireach ann. Mar sin, an e eadar-theangachadh a th’ anns an ainm dhen Ghàidhlig – Uamh na h-Eaglaise? Uill, chan e. Tha seann ainm Gàidhlig air an uaimh a tha a’ dol air ais don linn mus robh i air a cleachdadh mar eaglais. Thig sinn gu sin an-ceartuair.

Chunnaic mi an uamh an toiseach bhon mhuir air latha ciùin. Tha i mu choinneimh na mara air costa sear an eilein, pìos os cionn a’ chladaich. Tha i gu math mòr agus follaiseach, agus tha craobh chaorainn a’ fàs aig a beul. Chuir mi romham tadhal oirre nuair a bha mi anns an eilean.

Seachdain no dhà an dèidh sin, fhuair mi an cothrom. Chan eil an uamh uabhasach fada bhon Acarsaid Mhòir far am bi luchd-turais a’ dol ann am bàtaichean. Às an acarsaid, tha ceum a tha a’ dol don uaimh. Feumaidh tu a bhith fut airson a dhol ann oir tha an t-slighe garbh agus cas.

Agus abair àite! Tha an uamh domhainn agus leathann. Dh’fhaodadh fìor dhroch shìde a bhith ann agus bhiodh an coitheanal tioram, co-dhiù fhad ʼs a bha iad am broinn na h-uamha.

Tha sia sreathan ann de leacan far am biodh na daoine nan suidhe ag èisteachd ri searmon. Bhiodh am ministear aig beul na h-uamha. A rèir aithris, bha colbh-cloiche ann a bha mar chùbaid. Cha chreid mi gu bheil sgeul air sin an-diugh. Ach bha amar-baistidh ann cuideachd, agus tha sin ann fhathast.

Chan eil fhios cia mheud duine a gheibheadh a-steach innte – ach chanainn eadar seasgad agus ceud. Bhiodh e iongantach a bhith ag èisteachd ri ministear le guth mòr a’ searmonachadh innte!

Bha an uamh na h-eaglais nuair a bha sluagh mòr a’ fuireach ann an Rònaigh – a’ chuid a bu mhotha aca mu mhìle air falbh ann am baile faisg air an Acarsaid Thioraim. Ach bha i aithnichte do mhuinntir na sgìre fada roimhe sin. Agus ʼs e an t-ainm Gàidhlig a th’ oirre Uamh an Fhuamhaire – no Uamha an Fhuamhaire mar a tha i sgrìobhte.

Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the giant’s cave’. Cò am fuamhaire a bha a’ fuireach ann? Chan eil fhios a’m. Ma tha sibh fhèin eòlach air seann dualchas na h-uamha, no stòiridh mu fhuamhaire – no famhair – ann an Rònaigh, bhithinn toilichte cluinntinn bhuaibh.

Agus cò th’ againn mar ùghdarras airson an ainm Ghàidhlig? Uill, cò ach am bàrd cliùiteach, Somhairle MacGill-Eain – a bhuineadh do Ratharsair – an t-eilean gu deas air Rònaigh. Thug esan iomradh air an uaimh ann am fear de na dàin aige. Bheir sinn sùil air sin agus air beagan de dh’eachdraidh Rònaigh anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: Eilean Rònaigh: [The Isle of] Rona; Ratharsair: Raasay; eadar-theangachadh: translation; ceum: path; cùbaid: pulpit; amar-baistidh: baptismal font; Uamh an Fhuamhaire: the giant’s cave.

Abairtean na Litreach: ʼs e uamh a th’ anns an àite a tha fon phrosbaig agam: the place that is under my scrutiny is a cave; chì sibh agus cluinnidh sibh: you’ll see and hear; air a cur gu feum mar eaglais aig àm nuair nach robh eaglais thogte anns an eilean: utilised as a church at a time when there was no built church on the island; thig sinn gu sin an-ceartuair: we’ll come to that shortly; bhon mhuir air latha ciùin: from the sea on a calm day; mu choinneimh na mara air costa sear an eilein, pìos os cionn a’ chladaich: opposite the sea on the island’s east coast, a bit above the shore; tha craobh chaorainn a’ fàs aig a beul: there is a rowan tree growing at its mouth; feumaidh tu a bhith fut airson a dhol ann oir tha an t-slighe garbh agus cas: you have to be fit to go there because the route is rough and steep; domhainn agus leathann: deep and wide; dh’fhaodadh fìor dhroch shìde a bhith ann agus bhiodh an coitheanal tioram: there could be terrible weather and the congregation would be dry; co-dhiù fhad ʼs a bha iad am broinn na h-uamha: at least as long as they were inside the cave; tha sia sreathan ann de leacan far am biodh na daoine nan suidhe ag èisteachd ri searmon: there are six rows of flat stones where the people would sit listening to a sermon; a’ chuid a bu mhotha aca mu mhìle air falbh: most of them living about a mile away; aithnichte do mhuinntir na sgìre: known to the people of the area; cò th’ againn mar ùghdarras?: whom do we have as an authority; am bàrd cliùiteach, Somhairle MacGill-Eain – a bhuineadh do Ratharsair: the renowned poet, Sorley Maclean – who belonged to Raasay; thug esan iomradh air an uaimh ann am fear de na dàin aige: he made mention of the cave in one of his poems.

Puing-chànain na Litreach: bhon Acarsaid Mhòir: from the big anchorage. Acarsaid is a feminine noun. Although it has a slender ending [the final vowel being an ‘i’], any adjective qualifying the noun traditionally slenderises in the dative singular case [usually after a preposition] where an article is present. Thus an Acarsaid Mhòr becomes bhon Acarsaid Mhòir. Similarly, an Acarsaid Thioram becomes faisg air an Acarsaid Thioraim.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chuir mi romham tadhal oirre: I resolved to visit it [fem.]

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 857

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean