FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1235: Saobh-chràbhaidhean Gàidhealach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Saobh-chràbhaidhean Gàidhealach

Gaelic Gàidhlig

Airson beagan sheachdainean, tha sinn air a bhith ann an cuideachd seann mhinistear Chalasraid, an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh. No, mar a tha mi dìreach air faighinn a-mach – an t-Ollamh Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Tha mi a’ gealltainn gum bi sinn a’ leigeil soraidh leis an-diugh. Ach, mus leig, bidh sinn a’ tadhal air aon turas eile.

Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a h-aon (1791) sgrìobh am ministear litir gu Seumas Druimeanach, Iarla Pheairt. B’ e cuspair na litreach saobh-chràbhaidhean Gàidhealach, gu sònraichte à Siorrachd Pheairt. Bha bean an Iarla air sgrìobhadh don mhinistear, ag iarraidh air innse dhi mu shaobh-chràbhaidhean nan Gàidheal. Bha sin an dèidh dha a bhith a’ tadhal orra ann an Caisteal an Druimein – an dachaigh aca faisg air Maothail. Feumaidh gun robh am ministear ag innse dhaibh mu chleachdaidhean agus deas-ghnàthan nan Gàidheal co-cheangailte ri Oidhche Shamhna.

Dh’inns mi dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu dhòigh a bh’ aig daoine òga faighinn a-mach cò bha iad a’ dol a phòsadh. Bha iad a’ criathradh airgead ann an sabhal. Uill seo agaibh dòigh eile.

Air Oidhche Shamhna, bhiodh duine a’ dol don fhaing agus gheibheadh iad clòimh o chaora dhubh. Bhiodh iad a’ snìomh na clòimhe gun a bhith a’ bruidhinn ri duine sam bith eile. Bhiodh ceirsle aca an uair sin. Bhiodh iad a’ falbh leis a’ cheirsle gu àth far am biodh daoine a’ tiormachadh gràn agus biadh eile.

Bhiodh iad a’ tilgeil na ceirsle don àth ann an ainm an Droch Fhir, a’ cumail grèim air aon cheann dhith. Bhiodh iad a’ tarraing an t-snàtha a-steach gus an tigeadh stad air. Bhiodh iad an uair sin a’ faighneachd, ‘Cò tha a’ cumail grèim air mo cheirsle?’ Agus bhiodh freagairt ann bho gu h-ìosal, ag innse cò an cèile a bhiodh aig an duine sin.

Tha an t-Ollamh MacDhonnchaidh a’ toirt cunntas de thachartas annasach mar a chaidh innse dhàsan. Bha fear a bha seo a’ fuireach ann an taigh bràthair a sheanmhar no a sheanar. Feumaidh gun robh am bodach beartach oir bha searbhant aige. Cha robh an searbhant pòsta. Oidhche Shamhna a bha seo, chaidh an searbhant gu sabhal airson airgead a chriathradh. Bha e airson faighinn a-mach cò a’ bhean a bhiodh aige.

Thàinig samhla de bhoireannach a-steach agus ghabh i grèim air a’ chriathar. Ach grèim aotrom. Cha do tharraing i an criathar bhuaithe. Thàinig samhla boireannaich eile a-steach agus rinn i an aon rud. An dèidh sin, thàinig ceathrar a-steach. Bha iad a’ giùlan ciste air eileatrom. Choisich iad tron t-sabhal – a-steach air aon doras agus a-mach air an doras eile.

Bha an t-eagal air an t-searbhant. Ach mus d’ fhuair e cothrom teicheadh, thàinig samhla de threas boireannach a-steach. Ghabh ise grèim làidir air a’ chriathar agus tharraing i bhuaithe e. Theich an duine sa bhad, agus e làn eagail. Chaidh e don taigh mhòr, agus dh’inns e na thachair. Agus thuirt am bodach ris, ‘Bidh thu pòsta trì tursan. Gheibh a’ chiad dithis bhan agad bàs. Chunnaic thu an tiodhlacaidhean a-nochd. Agus, a rèir a’ chunntais, thachair a h-uile càil mar a thuirt am bodach.

Faclan na Litreach: Seumas Druimeanach, Iarla Pheairt: James Drummond, the Earl of Perth; Caisteal an Druimein: Drummond Castle; Maothail: Muthill; Oidhche Shamhna: Halloween; a’ snìomh: spinning; ceirsle: ball of thread, twine, spun wool; snàth: thread; cèile: spouse; searbhant: servant; samhla: apparition; ceathrar: four people.

Abairtean na Litreach: tha sinn air a bhith ann an cuideachd seann mhinistear Chalasraid, an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh: we’ve been in the company of the former minister of Callander, the Rev. James Robertson; tha mi a’ gealltainn gum bi sinn a’ leigeil soraidh leis an-diugh: I promise that we’ll bid farewell to him today; mus leig, bidh sinn a’ tadhal air aon turas eile: before we do, we’ll visit him one more time; b’ e cuspair na litreach saobh-chràbhaidhean Gàidhealach: the subject of the letter was Highland superstitions; faighinn a-mach cò bha iad a’ dol a phòsadh: finding out who they were going to marry; a’ criathradh airgead ann an sabhal: riddling silver in a barn; a’ dol don fhaing: going to the fank; gheibheadh iad clòimh o chaora dhubh: they would get wool from a black sheep; àth far am biodh daoine a’ tiormachadh gràn: a kiln where people would be drying grain; ann an ainm an Droch Fhir: in the name of the devil; a’ cumail grèim air aon cheann dhith: keeping hold of one end of it; bho gu h-ìosal: from below; a’ giùlan ciste air eileatrom: carrying a coffin on a bier; mus d’ fhuair e cothrom teicheadh: before he had the opportunity to flee; tharraing i bhuaithe e: she pulled it from him; chunnaic thu an tiodhlacaidhean: you saw their burials; a rèir a’ chunntais, thachair a h-uile càil mar a thuirt am bodach: according to the account, everything happened as the old man [had] said.

Puing-chànain na Litreach: Gheibh a’ chiad dithis bhan agad bàs: your first two wives will die. Dithis is a numerical noun which commands another noun in the (lenited) genitive plural. That’s why we say dithis mhac for two sons or dithis nighean for ‘two daughters’. Bean ‘wife’ is an irregularly declining noun; the genitive plural is ban. Thus we say prìosan nam ban ‘the women’s prison’. The indefinite (lenited) genitive plural form is bhan. Thus dithis bhan. Similarly triùir bhan ‘three wives’ etc.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ann an taigh bràthair a sheanmhar no a sheanar: in his grand-uncle’s house (the English doesn’t tell us the exact relationship).

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 931

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean