FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Murchadh nan Gobhar (3)

Bha Murchadh nan Gobhar ainmeil airson cho fallain ’s a bha e

Audio is playing in pop-over.

Murchadh nan Gobhar (3)

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhurchadh nan Gobhar ann an Cinn t-Sàile. Bha e ainmeil airson cho fallain ’s a bha e, eadhon aig seann aois. Chan eil mi cinnteach am biodh e a’ cluich iomain, ach latha a bha seo – Latha na Bliadhn’ Ùire – bha geama mòr iomain gu bhith ann air pàirc faisg air an taigh aige. Nise, airson an sgeul seo a thuigsinn, feumaidh mi innse dhuibh gun robh mullach-tughaidh air taigh Mhurchaidh – tughadh a bh’ air a dhèanamh de fhraoch, mar a bha cumanta air a’ Ghàidhealtachd.

Bha Murchadh agus caraid dha airson a bhith ri poidseadh fèidh an latha sin. Chaidh iad don mhonadh-sheilg a bha mu cheithir mìle bho thaigh Mhurchaidh. Mharbh iad fiadh agus rinn iad greallachadh air. Gheàrr iad closach an fhèidh ann an ceithir pìosan agus thug iad leotha na ceathramhan-deiridh. Bha iad a’ dol a thilleadh an ath latha airson na ceathramhan-toisich a thoirt dhachaigh.

Bha caraid Mhurchaidh mì-chinnteach mu dheidhinn na ceathramhan-deiridh a thoirt air ais oir bhiodh sluagh mòr fhathast ann aig pàirc na h-iomain. Anns na làithean ud, air Latha na Bliadhn’ Ùire, bhiodh na geamannan iomain a’ dol fad an latha! Ciamar a bha iad a’ dol a thoirt na feòla seachad air na daoine sin gun fhiosta dhaibh?

Bha plòigh aig Murchadh oir bha e gu math innleachdail. Thug e dheth a bhreacan-guailne agus chuir e sin timcheall na feòla. Chòmhdaich e a h-uile càil le gasan fraoich agus chuir e sin air a dhruim. Nuair a bha iad faisg air an taigh aige, thàinig fear a bhruidhinn ri Murchadh. Bha an geama iomain a’ tighinn gu ceann. ‘Dè th’ agad an sin, a Mhurchaidh?’ thuirt e.

‘Chan eil ann ach fraoch airson mullach an taighe,’ fhreagair Murchadh. Ràinig an t-sitheann an taigh aige gun an còrr dàlach!

Bhiodh Murchadh a’ dol gu tric don mhargaidh sprèidh aig Tom na Fèille ann an Cille Chuimein. Turas a bha seo, bha fear a bha a’ ceannach agus a’ reic ghobhar amharasach mu Mhurchadh agus mun chliù aige mar bhuachaille-ghobhar air leth. ‘Dè na th’ agad de ghobhair uile-gu-lèir, co-dhiù?’ dh’fhaighnich e.

‘À,’ fhreagair Murchadh, ‘nam biodh an aon uiread de dheargannan nad chuid aodaich ’s a th’ agam de ghobhair, chan fhaigheadh tu fois sam bith a-nochd!’

Bha Murchadh measail air fighe le biorain. Rinn e na mìltean de phaidhrichean stocainnean. Bhiodh e ri fighe fhad ’s a bha e a’ cumail sùil air na gobhair aige.

Rinn am fear a sgrìobh an t-alt mu Mhurchadh ann an Scotland’s Magazine, Alasdair Caimbeul, rannsachadh gu leòr air an duine. An dèidh fichead bliadhna de rannsachadh, fhuair e grèim air dealbh-camara dheth, agus Murchadh na bhodach.

Nuair a bha e òg, bhruidhinn Alasdair ri daoine a bha eòlach air Murchadh bliadhnaichean roimhe, agus a thachair ris aig na fèilltean-sprèidh. Bha sin a’ gabhail a-steach phearsaichean eaglais. Dh’inns iad do dh’Alasdair gun robh cumhachdan iongantach aig Murchadh. Mar eisimpleir, nuair a bha e air gobhar no meann a reic, cha robh aige ach a bhachall a thogail agus am beathach a chomharrachadh leis. Bhiodh a’ ghobhair an uair sin a’ coiseachd thuige gu socrach.

B’ e sin Murchadh nan Gobhar. Tha fhios gum bi feadhainn ann an Cinn t-Sàile air sgeulachdan is naidheachdan a chluinntinn mu dheidhinn.

Litir 1386 Litir 1386

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!