FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Briathrachas a’ Chròlaidh (2)

Bha sinn a’ toirt sùil air briathrachas Gàidhlig a’ chròlaidh.

Audio is playing in pop-over.

Briathrachas a’ Chròlaidh (2)

Bha sinn a’ toirt sùil air briathrachas Gàidhlig a’ chròlaidh. Thuige seo, seo na faclan is abairtean a bh’ againn: cròladh ‘curling’; cròlach ‘curler’; clach-chròlaidh ‘curling stone’; sguabag ‘brush’; sguabadh ‘sweeping’; spèileadh ‘skating, sliding on ice’; a’ chuairteag ‘the house or circles’; a’ bhioraid ‘the tee’; sùil na cuairteig ‘the button’.

Anns an Litir seo, bheir sinn sùil air faclan is abairtean eile co-cheangailte ris an spòrs seo. An toiseach, an sgioba – the team or rink of curlers. Ann am farpaisean, mar as trice, tha ceathrar nam buill dheth. ’S e an neach a tha aithnichte mar cheannard dhaibh an skip. Ann an Gàidhlig – an sgiobair. Mar as trice, bidh an sgiobair a’ tilgeil na dà chloiche mu dheireadh.

’S e an neach a thilgeas a’ chiad dà chloich an lead no a’ chiad chròlach. Bidh an dàrna cròlach no second a’ tilgeil na dà chloiche an dèidh sin. Bidh an treas cròlach no third a’ tilgeil na dhà an dèidh sin.

Airson clach a thilgeil, bidh an cròlach a’ cur aon chas anns a’ bhacan no hack. Bidh e ga phutadh fhèin far a’ bhacain le a làmh air làmh na cloiche. Bidh e a’ sleamhnadh air adhart air bonn a choise eile. Feumaidh an cròlach a ghreim air làmh na cloiche a leigeil às mus ruig e Sgor na Caillich no the Hog Line.

An uair sin bidh a’ chlach a’ dol air adhart air an deigh a dh’ionnsaigh an taighe. Bithear a’ cluinntinn fuaim a tha a’ comharrachadh an spòrs seo. ’S e sin beuc na cloiche-cròlaidh ‘the roar of the curling stone’. Air sàillibh sin, bithear a’ gabhail ‘an spòrs beucach’ air cròladh.

’S e sgil air leth a th’ ann a bhith a’ tilgeil na cloiche leis an neart cheart. Agus feumar toinneamh ceart a chur air a’ chloich cuideachd. Bidh a’ chlach a’ tionndadh gu aon taobh a rèir an toinneimh oirre – agus an neart – agus staid na deighe a bharrachd.

Uaireannan, bidh an cròlach a’ dèanamh tarraing no a’ tarraing na cloiche. ’S e sin a bhith a’ fàgail na cloiche anns an taigh, gun a bhith a’ bualadh ann an clach eile. Bithear cuideachd, anns an aon dòigh, a’ fàgail clach ann an àite taobh a-muigh an taighe mar gheàrd no guard-stone.

Ge-tà, uaireannan, bithear a’ dèanamh sgailc le clach an tilgeil a’ bualadh a dh’aona-ghnothach ann an clach eile. Mas e takeout a th’ ann – a’ cur na dàrna cloiche a-mach à cluich, canaidh sinn sgram ris. Sgram an geàrd ‘take out the guard-stone’.

Ged a tha sgil air leth ann, ann a bhith a’ tilgeil na cloiche, tha tòrr ann an cròladh an latha an-diugh an crochadh air an sguabadh. Nuair a tha clach a’ gluasad air an deigh bidh cròlach no, gu math tric, dithis chròlaichean, a’ sguabadh air thoiseach oirre airson an t-astar a thèid i no an t-slighe a ghabhas i atharrachadh. Tha sguabadh agus na sguabairean air leth cudromach ann an cròladh. Tha cuid de chròlaichean ainmeil airson cho math ’s a tha iad air sguabadh.

Cha bu chòir dhuinn na clachan fhèin a dhìochuimhneachadh. Tha an fheadhainn a th’ air an cleachdadh anns na Geamannan Oilimpigeach uile air an dèanamh de chlach-ghràin chruaidh a thig à aon eilean ann an Alba – Creag Ealasaid, far chosta Siorrachd Àir.

Litir 1406 Litir 1406

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!