FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Dubh MacLeòid

Bha Niall MacLeòid na bhàrd ainmeil às an Eilean Sgitheanach.

Audio is playing in pop-over.

Iain Dubh MacLeòid

Bha Niall MacLeòid na bhàrd ainmeil às an Eilean Sgitheanach. Bha e mar phàirt de theaghlach ris an canadh iad ‘Bàird Ghleann Dail’. Bha a bhràthair, Iain Dubh, cuideachd na bhàrd. Bha cuid dhen bheachd gun robh Iain na bu sgileile mar bhàrd na Niall, ged as e Niall a bha cliùmhor.

Thathar ag ràdh gun do chuir am beachd sin dragh air Niall. Thachair an dithis bhràithrean ri chèile turas mar thuiteamas. Thug Niall a’ chreidsinn nach fhaca e, no nach do dh’aithnich e, a bhràthair. Cha robh Iain a’ dol a ghabhail ri sin. Ann an guth mòr, thuirt e, ‘Math dh’fhaodte nach aithnich thu mi, ach ’s ann agams’ a tha fios gun do chaidil do mhàthair le m’ athair!’ Chan eil fios againn dè thuirt Niall!

Bha Iain gu tric ri cleas is plòigh. Leis gun robh e na mharaiche, bha e air sgilean agus eòlas a thogail ann an dùthchannan cèine. Bhathar ag ràdh gun do dh’ionnsaich e mu gheasadaireachd bho bhoireannach ann am Montreal ann an Canada. No math dh’fhaodte gun deach e gu sgoil-dhubh anns an Eadailt.

Co-dhiù bha an fhìrinn aca gus nach robh, bha Iain air leth sgileil mar chleasaiche draoidheil. Nuair a bha aige ri pàigheadh airson deoch, uaireannan bhiodh e a’ tarraing buinn a sia bho na muinchillean aige. Bha cleas aige far am biodh e a’ tarraing ribeanan fada às a bheul. Bha e aithnichte fad is farsaing ann an Alba mar ‘The Wizard of the North’.

Math dh’fhaodte gur e ‘Gillean Ghleann Dail’ an t-òran as ainmeile aige:

’Illean òga tapaidh,

Tha ’n Gleann Dail ag èirigh suas,

Tha cuid dhibh a tha deònach

Ur lòn thoirt far a’ chuain.

Nis, èistibh ris an òran

Rinn MacLeòid a chuir a’ chuairt,

’S bidh cuimhn’ agaibh an-còmhnaidh air,

Nuair sheòlas sibh à Cluaidh.

Thathar ag ràdh gun robh Iain aig an taigh ann an Gleann Dail air fòrladh nuair a chruthaich e an t-òran seo. Bha e ann am bothan cuide ri gillean òga às an sgìre. Bha e ag innse dhaibh mu a bheatha mar mharaiche. A rèir beul-aithris, chruthaich Iain an dàn mar dhòigh airson sgeul a bheatha innse dhaibh.

Nuair a dh’èisteas sibh ris an òran, tha e làn rabhaidhean do dh’fhir òga – gu sònraichte mu dheidhinn deoch-làidir agus boireannaich. Saoilidh mi, ge-tà, gun robh Iain a’ gabhail spòrs leis an luchd-èisteachd. Ach, gu dearbh, chan e deagh dhealbh a chruthaich de bheatha an t-seòladair. Seo an còigeamh rann de Ghillean Ghleann Dail:

Gur iomadh rud a chì thu

Mun till thu far do chuairt,

Gun toir droch lòn do neart asad

’S a’ mhaise bha nad ghruaidh.

Chì thu daoine bàsachadh

Gun bhàigh riu’ no truas,

Ach slabhraidhean mun sliasaidean

’S an tiodhlacadh sa chuan.

Tha bàrdachd mhath anns an dàn, ged a tha e rudeigin eadar-dhealaichte bho na sgrìobhadh a bhràthair, Niall! Cha robh càil romansach mu a bheatha air druim a’ chuain, a rèir Iain Duibh. Fàgaidh mi sibh leis an t-siathamh rann:

Nuair dh’èireas stoirm le cabhaig ort,

’S an fhairg’ ag at na glinn,

Na tonnan uaine chlisgeas tu,

A’ bristeadh mu do dhruim,

Gu slatan àrda cuirear thu,

Ged bhitheadh tu car tinn,

Gur tric riut fhèin a chanas tu

‘Bu mhath a bhith air tìr.’

Litir 1426 Litir 1426

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!