FaclairDictionary EnglishGàidhlig

374: Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (3)

Gaelic Gàidhlig

An do mhothaich sibh a-riamh mar a tha am facal fear air a dhol rudeigin boireann ann an cuid de sgìrean? Tha mi a’ ciallachadh le sin, gum bi cuid ag ràdh an fhear, an àite am fear anns an tuiseal ainmneach. Mar eisimpleir – sin an fhear a bha mi a’ ciallachadh an àite sin am fear a bha mi a’ ciallachadh. Uill, chan e rud ùr a th’ ann. Bha e a’ tachairt anns na ceathradan dhen naoidheamh linn deug. Tha fhios a’m air sin, oir tha liosta aig Iain Foirbeis anns an leabhar aige Gràmar Dùbailt Beurla is Gàidhlig air a bheil “Seollairtean Gaelig Mi-cheart” no Improper Gaelic Phrases agus tha an fhear ud – yon fellow, that man – nam measg.

Ach tha Foirbeis uabhasach àilgheasach. Tha e ag ràdh nach eil feagal ceart is gur e eagal a bu chòir a ràdh. Tha e mì-thoilichte leDè mar a tha sibh? is bhrist e a chas an àite bhris e a chas. Agus tha e ag ràdh gu bheil e ceàrr a bhith ag ràdh char e a-null – is gur e chaidh e a-null a tha ceart. Ach buinidh na rudan seo do dhualchainntean na Gàidhlig. Agus nach eil beairteas againn nar dualchainntean?

Èistibh ri seo: Àrdachdainn, cruinneachdainn, cinneachdainn, ceasnachdainn ... and the like are improperly used by vulgar speakers for àrdachadh, cruinneachadh, ceasnachadh etc. A-rithist, nach e rud dualchainnteach a tha sin? Agus fhad ’s a tha mi a-mach air dualchainntean, tha seo aige:The erroneous practice of pronouncing adh or eadh like ubh prevails to a great extent in Ross and Sutherlandshire; as bheirubh, chuirubh, chitu ... for bheireadh, chuireadh, chiteadh... Obh obh!

Air an làimh eile, nach robh Foirbeis ceart ann a bhith a’ cur sìos air abairtean mar tha e dependigeag ort oir tha abairtean matha Gàidhlig ann airson sin. Dè chanadh sibh fhèin airson tha e dependigeag ort? Cuiridh mi na fuasglaidhean aig Foirbeis anns an dreach sgrìobhte dhen Litir. Chì sibh sin ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, Observer Shruighlea no air làrach-lìn Ghàidhlig a’ BhBC.

Nise, bu toigh leam tòimhseachan no dhà a chur mur coinneimh. Tha liosta de dh’abairtean Frangach aig Foirbeis, agus a’ Ghàidhlig air an son rin taobh. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh na Gàidhlig is tha mi airson ’s gun can sibh dè an Fhraingis a th’ air gach abairt.

Seo a-nist iad: Ceann ri ceann. Ceann ri ceann – tête-à-tête. Stràc crìochnachaidh. Stràc crìochnachaidh – coup de grâce; Seòmar uaigneach mnà uaisle. Seòmar uaigneach mnà uaisle – boudoir. Gille-seòmair. Gille-seòmair – valet de chambre. Fear ionnsaichte. Fear ionnsaichte – savant. Dia ’s mo chòir. Dia ’s mo chòir – Dieu et mon Droit. Olc dhàsan a smaoinicheas air olc. Olc dhàsan a smaoinicheas air olc – honi soit qui mal y pense.

An robh sibh math orra? Bha. Très bien! Airson crìoch a chur air an Litir, tha ceist agam dhuibh. Dè a’ Ghàidhlig a th’ air irony? Ìoranas, nach e? Ach ’s e sgèigeach a bh’ aig Foirbeis. Tha e a’ sgrìobhadhIs e Sgèigeach figear anns am bheil neach ag ràdh gu sgèigeil, chan i a bheachd ach a ceart-chaochladh. Agus tha e a’ toirt eisimpleir – Their sinn ri giullan a dhìochuimhnicheas a leasan – “Gu dearbh is cùramach thu!” Beannachd leibh.

Faclan na Litreach: Iain Foirbeis: John Forbes; àilgheasach: fussy, hard to please.

Abairtean na Litreach: air a dhol rudeigin boireann: has become somewhat feminine; anns an tuiseal ainmneach: in the nominative case; chan e rud ùr a th’ ann: it’s not a new thing; anns na ceathradan dhen naoidheamh linn deug: in the forties of the 19th Century (ie the 1840s); tha fhios a’m air sin: I know that; gur e eagal a bu chòir a ràdh: that it is eagal that should be said; buinidh na rudan seo do dhualchainntean: these things belong to dialects; nach eil beairteas againn nar dualchainntean?: don’t we have riches in our dialects?; air an làimh eile: on the other hand; ann a bhith a’ cur sìos air abairtean mar: in deriding phrases like; tha abairtean matha Gàidhlig ann: there are good Gaelic phrases; dè chanadh sibh fhèin?: what would you say yourself?; Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich:West Highland Free Press (“Skye’s Little Paper”); Observer Shruighlea: The Stirling Observer; làrach-lìn Ghàidhlig a’ BhBC: the BBC’s Gaelic website; bu toigh leam tòimhseachan no dhà a chur mur coinneimh: I would like to present you with a puzzle or two; liosta de dh’abairtean Frangach: list of French phrases; agus a’ Ghàidhlig air an son rin taobh: with the Gaelic equivalents adjacent; tha mi airson ’s gun can sibh dè an Fhraingis a th’ air: I want you to say what the French is for; an robh sibh math orra?:were you good at them?; is e Sgèigeach figear anns am bheil neach ag ràdh gu sgèigeil, chan i a bheachd ach a ceart-chaochladh: Irony is a figure in which a person sneeringly utters the very reverse of what he thinks; their sinn ri giullan a dhìochuimhnicheas a leasan: we say to a boy who neglects his lesson; gu dearbh is cùramach thu!: you are very attentive indeed!

Puing-chànain na Litreach: I asked you in the Litir to work out Gaelic alternatives for tha e dependigeag ort, an “improper Gaelic phrase” according to John Forbes. The author gives three alternatives, each one subtly different from the next. For he depends on you we might say tha e ag earbsadh riut. For he is trusting in you we might say tha e a’ cur earbs’ annad. And for he is dependent on you, we might say tha e an crochadh riutsa. How did you get on? Here (with modern orthography) is Forbes’s comment on words like dependigeag – have a go at translating it (with Dwelly’s help) and see if you agree! “Is cùis nàire facal Beurla a ghnàthachadh ann an ciallairt Gàidhlig nuair a tha a’ Ghàidhlig fhèin a’ toirt facail fhreagarraich; tha an cleachdadh sgòideach seo a’ taisbeanadh mòr-aineolais air taobh an fhir-labhairt. Is còir do gach neach cumail gu dlùth agus gu h-eagarra ris a’ chainnt anns a bheil e a’ labhairt no a’ sgrìobhadh.”

Gnàthas-cainnt na Litreach: obh obh! : oh dear!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 70

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean