Rugadh am bàrd, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, ann an Gleann Urchaidh ann an Earra-Ghaidheal ann an seachd ceud deug, is ceithir ar fhichead (1724). ’S e a’
    chiad phìos a sgrìobh e, a th’ againn fhathast, Òran do Bhlàr na h-Eaglaise Brice.
    Ghabh Blàr na h-Eaglaise Brice àite anns an Fhaoilleach, seachd ceud deug, dà fhichead ’s a sia (1746) nuair a bha Donnchadh ceithir bliadhna fichead a
    dh’aois. Thachair e nuair a bha arm a’ Phrionnsa a’ tilleadh gu tuath as dèidh a bhith ann an Sasainn. Chaidh an latha leis na Seumasaich, ach bha
    Donnchadh air an taobh eile ann am Mailisi Earra-Ghaidheal, a’ sabaid airson Rìgh Deòrsa. Chanainn gu robh e air a bhith na bu thoilichte còmhla ris a’
    Phrionnsa.
Ach ’s ann airson òrain-ghaoil agus òrain-nàdair a tha Donnchadh ainmeil, seach bàrdachd-cogaidh. Sgrìobh e corra phìos mu bhean, “Màiri bhàn òg”.    Tha do phòg mar ùbhlan gàraidh, ’s tha do bhràighe mar an neòinean, is rudan taitneach mar sin.
    Agus ann an dàn eile:
    Do chneas mar an èiteag
    Glè ghlan, fallain,
    Corp seang mar chanach an t-slèibh…
    
    Chì sibh gu robh Donnchadh a’ cleachdadh iomhaighean co-cheangailte ri nàdar agus, a bharrachd air gaol, ’s e nàdar a bu mhotha a ghluais e gu bàrdachd.
    Bha e ag obair bliadhnaichean mar choilltear airson Iarla Bhràghad Albann neo, mar a chanadh na Gàidheil ris, Mac Cailein ’ic Dhonnchaidh. Dh’obraich e
    cuideachd do Mhac Cailein Mòr, Diùc Earra-Ghaidheal.
    Nuair a bha e ag obair do Mhac Cailein ’ic Dhonnchaidh, chuir e seachad mòran tìde ann an dà àite a bha e a’ dol a dheanamh ainmeil le bhàrdachd – Beinn
Dòrain agus Coire Cheathaich. Tha ceathach a’ ciallachadh ceò. Coire Cheathaich, neo Coir’ a’ Cheathaich – Coire a’ Cheò –    the misty corrie. 
    Is toigh leam an dàn aige, air a bheil “Coire Cheathaich” mar ainm, airson trì adhbharan. Tha e làn fhaclan brèagha is tha e a’ ruith gu math mar bhàrdachd.
    Tha e cuideachd a’ sealltainn cho mòr ’s a bha gràdh Dhonnchaidh do dh’àrainneachd na Gàidhealtachd. Agus an treas rud: tha e a’ dol leis a’ bheachd agam
    fhìn gu bheil sinn a’ toirt cus spèis anns an latha an-diugh do na mullaichean, is nach eil sin a’ toirt spèis gu leòr do na coireachan. Chanainn fhìn gu
    bheil na coireachan am measg nan rudan as motha a tha a’ sònrachadh àrainneachd na h-Alba…
    ’S e Coire Cheathaich nan aighean siùbhlach
    An coire rùnach is ùrar fonn,
    Gu lurach, miadh-fheurach, mìn-gheal, sùghar
    Gach lusan flùir bu chùbhraidh leam…
Ach bu toigh le Donnchadh na mullaichean cuideachd. An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòrain, sgrìobh e mun bheinn a b’ fheàrr leis,    Na chunnaic mi fon ghrèin, ’s i bu bhòidhche leam… Agus ged a dh’fhàg e Earra-Ghaidheal, agus ged a chuir e seachad iomadach bliadhna ann am baile
    mòr Dhùn Eideann, baile air an robh e gu math measail, cha do bhris e a-riamh na ceanglaichean spioradail a bh’ aige do thìr nam beann.
    Bha e trì fichead ’s a h-ochd-deug nuair a sgrìobh e Cead Deireannach nam Beann, mu dheidhinn Bèinn Dòrain:
    B’ e sin an sealladh èibhinn
    Bhith ’g imeachd air na slèibhtibh
    Nuair bhiodh a’ ghrian ag èirigh
    ’S a bhiodh na fèidh a’ langanaich.
    
Sgrìobh Donnchadh Bàn marbh-rann dhà fhèin – airson duine a bhiodh na sheasamh air a lic, agus am bàrd marbh, fon fhòid.    Gabh mo chomhairle ’s bi glic, sgriobh e, cuimhnich tric gun tig am bàs. Uill, thàinig am bàs air Donnchadh ach dh’fhàg e dìleab phrìseil
    dhuinn as a dhèidh, dìleab a bhios beò fhad ’s a mhaireas cànan nan Gàidheal.