FaclairDictionary EnglishGàidhlig

521: Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair (1)

Gaelic Gàidhlig

Bu mhath leam stòiridh innse dhuibh an t-seachdain seo – seann stòiridh à beul-aithris. ’S e an t-ainm air Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair.

B’ e mac iasgair a bh’ ann an Iain Dubh. Nuair a bha e na bhalach beag, bhàthadh athair. An dèidh sin, thogadh e le bràthair athar. Bha iad a’ fuireach faisg air an Acarsaid Mhòir ann an Leòdhas. ’S e Cala Steòrnabhaigh a chanas sinn ris an àite an-diugh.

Air feasgar àraidh chunnaic Iain long bhrèagha a’ tighinn fo aodach slàn a-staigh don chala. Chan fhac’ e riamh sealladh cho bòidheach. Leum e a-staigh na bhàt’-iasgaich fhèin agus, mus do ràinig acair na luinge an grunnd, bha e air bòrd oirre. Dh’fheòraich an sgiobair dheth am bu mhath leis a bhith na sheòladair. Fhreagair Iain Dubh nach robh nì air bith air an t-saoghal a b’ fheàrr leis.

“Thalla dhachaigh, ma-tà,” ars’ an sgiobair, “agus faigh cead d’ athar. Thigibh le chèile an seo a-màireach.” Bha an sgiobair deònach leigeil le Iain seòladaireachd ionnsachadh bhuaithe. Thuirt Iain nach robh athair beò ach gun iarradh e cead bràthair athar.

Thill e moch an ath latha. Dh’innis e don sgiobair gun d’ fhuair e cead o bhràthair athar falbh leis an luing.

“Agus an tuirt e dad riut mu mhuinntireas a ghabhail?” ars’ an sgiobair. “O, thubhairt,” fhreagair Iain Dubh. “Tha agam ri bhith air bòrd na luinge fad còig bliadhna airson seòladaireachd ionnsachadh.”

“Agus dè thuirt e riut mu thuarastal?” dh’fhaighnich an sgiobair.

“Thuirt gun robh agam ri bonn-a-sia fhaighinn aig ceann a’ chiad mhìos agus dà bhonn-a-sia aig ceann an dara mìos, a’ dùblachadh mar sin gach mìos gu deireadh nan còig bliadhna.”

Rinn an sgiobair gàire. Gun smaoineachadh air a’ bhargan, thuirt e, “Gheibh thu sin, a laochain.” Agus chaidh Iain a cheangal ris an luing le bann-ceàirde. Air an ath latha, sheòl an long a-mach às a’ phort. Chaidh i air turas-cuain do dhùthchannan fad’ air falbh. Aig ceann ceithir bliadhna thill i a Shasainn. Ràinig i am port dham buineadh i.

Thàinig an fheadhainn leis an robh an long air bòrd. Chuir iad fàilte air an sgiobair, agus thug iad sùil air an luing. Bha Iain Dubh air fàs na ghille gasta agus na sheòladair air leth. Ach fhathast cha d’ fhuair e sgillinn de a thuarastal, ach a-mhàin tastan no dhà airson cosg anns na puirt san robh e a’ tadhal. Agus cha do rinn an sgiobair an t-sùim a dh’fheumadh e pàigheadh aig deireadh nan còig bliadhna.

Dh’fhaighnich fear dhen fheadhainn leis an robh an long cà’ d’ fhuair iad an seòladair òg a bha cho math air obair. “Fhuair ann an Eilean Leòdhais,” fhreagair an sgiobair.

“Feumaidh gu bheil thu a’ toirt tuarastal math dha,” thuirt a’ chiad fhear, “oir ’s e seòladair cho tapaidh ’s a chunnaic mi riamh.”

“Uill,” ars’ an sgiobair, “cha tug mi tuarastal sam bith dha fhathast. Dh’iarr e fhèin gum biodh e ceangailte còig bliadhna, agus gum faigheadh e bonn-a-sia aig ceann a’ chiad mhìos agus dà bhonn-a-sia aig ceann an dara mìos, a’ dùblachadh mar sin gach mìos.”

“An do smaoinich thu riamh dè rinn thu?” thuirt am fear leis an robh an long. “Gheall thu don ghille tuilleadh nas fhiach an long fhèin agus na choisinn i on chiad latha a chaidh i gu muir!”

Chunnaic an sgiobair gun robh sin fìor. Dè bha a’ dol a thachairt do dh’Iain Dubh? Tha an stòiridh a’ leantainn an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: An Acarsaid Mhòr: the great anchorage; Cala Steòrnabhaigh: Stornoway Harbour; seòladaireachd: seamanship; sgiobair: captain; tuarastal: wages.

Abairtean na Litreach: Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair: Black-haired John of Lewis, the Sailor; thogadh e le bràthair athar: he was brought up by his father’s brother; mus do ràinig acair na luinge an grunnd: before the ship’s anchor struck the bottom; nach robh nì air bith air an t-saoghal a b’ fheàrr leis: that there was nothing in the world he’d like better; faigh cead d’ athar: get your father’s permission; an tuirt e dad riut mu mhuinntireas a ghabhail?: did he say anything to you about taking an engagement?; tha agam ri bhith air bòrd na luinge fad còig bliadhna: I have to be on board the ship for five years; dà bhonn-a-sia aig ceann an dara mìos: two halfpennies at the end of the second month; a’ dùblachadh mar sin gach mìos: doubling like that every month; gheibh thu sin, a laochain: you’ll get that, lad; chaidh Iain a cheangal ris an luing le bann-ceàirde: John was bound to the ship by a deed of indenture; am port dham buineadh i: the port to which she belonged; an fheadhainn leis an robh X: the ones who owned X; bha X air fàs na ghille gasta: X had grown to be a fine lad; gheall thu tuilleadh nas fhiach X: you promised more than X is worth; na choisinn i: than she [has] earned.

Puing-chànain na Litreach: long bhrèagha a’ tighinn fo aodach slàn a-staigh don chala. a beautiful ship, under full sail, coming into the harbour. I imagine some of you will not have heard this use of the word aodach. It usually refers to clothing (eg aodach oidhche), but can be garments of any sort, including bed coverings ( aodach leapa ). It can also refer to cloth. So the Gaelic expression here is an equivalent to the English “under full canvas”. Although we have a word canabhas (which derives from English, the English term in turn having originated in French), the traditional way of referring to a sail is with seòl (plural siùil) or, when speaking in general of the sails being carried, aodach. Although the common Gaelic word for a reef in a sail is the same as the English ( riof, plural riofachan ), a yacht carrying a reefed sail would be described as “ fo aodach ìosal”.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bhàthadh athair: his father was drowned. This is a passive verbal form.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 217

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean