O chionn mìos, dh’innis mi dhuibh mu dheidhinn fear, Ruairidh MacIlleathain (nach robh càirdeach dhomh), a bha na bhàillidh air oighreachd Ard Rois ann an
taobh sear Siorrachd Rois. Bha sgeulachd neo dhà aige, a bha glè inntinneach, mu dheidhinn daoine anns an sgìre sin. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu
dheidhinn fear aca – buachaille a bha a’ fuireach is ag obair ann. Chanadh daoine an-diugh gur e “caractar” a bh’ ann, ach ’s dòcha aig an àm gur e
“slaoightear” a chanadh daoine ris!
Cha do dh’fhàgadh ainm air a shon is, mar sin, canaidh mi dìreach “am buachaille” ris. Tha a’ chiad sgeulachd mu dheidhinn mar a rinn am buachaille a’
chùis air tuathanach beartach. Bha an sgìre a’ fuiling, ann an ochd ceud deug ’s a h-ochd deug (1818), le dìth-bìdh, air sgàth ’s nach do dh’fhàs am bàrr
gu math air a’ bhliadhna roimhe.
Chaidh am buachaille a bhruidhinn ris an tuathanach bheartach, agus dh’iarr e air min a thoirt dha air creideas. ’S e sin gum pàigheadh e air a son
uaireigin ged nach pàigheadh e sa mhionaid. Chan eil fhios a’m co-dhiubh ’s e min-choirce neo min-eòrna a bh’ ann, agus chan eil e gu diofar don sgeulachd
co-dhiù.
Bha an tuathanach dhen amharas nach fhaigheadh e sgillinn airson na mine, agus chuir e deuchainn air a’ bhuachaille. “Dè,” dh’fhaighnich e, “dè an gnothach
a b’ fheàrr is a b’ ealanta a rinn thu a-riamh?”
“A, uill,” fhreagair am buachaille, “a bheil cuimhn’ agad gun do chaill thu mart dubh turas? Bha mart a dhìth ort an uairsin, agus thàinig thu thugam-sa an
ceann greis agus cheannaich thu mart breac bhuam. Uill, ’s e an aon bheathach a bh’ anns na dhà!”
Bha an tuathanach airson faighinn a-mach ciamar a rinn am buachaille a’ chùis air. Thabhann e bolla mine dha, an asgaidh, nan innseadh e sin dha.
“Furasta!” fhreagair am buachaille. “Thàinig am mart don bhàthaich agam le a thoil fhèin [mas fhìor!] Thug mi grunn sgadan sàillte a-mach à baraille agus
cheangail mi iad air bian a’ mhairt. As dèidh beagan làithean, dh’fhalbh a’ ghaoisid dhubh far an robh gach iasg agus, as dèidh làimh, ’s e gaoisid bhàn a
dh’fhàs na àite!” Fhuair e a’ mhin!
Turas eile, bha am buachaille a’ tilleadh dhachaigh à Cataibh nuair a chunnaic e mart ann am pàirc leis fhèin. Ach bha earball goirid air. Bha cuideigin
air ceann a-mach an earbaill a ghearradh dheth. Thug e am mart leis agus chuir e am falach ann an coille e.
Lorg e seiche mairt agus gheàrr e an t-earball dhith. Cheangail e sin gu cùramach air earball a’ mhairt aige, agus dh’fhalbh e leis a dh’ionnsaigh an
aiseig thar Caolas Dhòrnaich. Nuair a bha am bàta an impis falbh, leum duine mòr – tuathanach – air bòrd. Chaidh e a dh’ionnsaigh a’ mhairt is thug e sùil
gheur air.
“Chaill mi mart o chionn trì latha,” thuirt e, “agus mura b’ e gu robh earball fada aig an fhear sin, chanainn gur e sin am fear agamsa.”
“Ach ‘s ann leamsa a tha e,” fhreagair am buachaille.
Choimhead an tuathanach air a’ mhart a-rithist. “Tha mi deimhinne gur e seo am fear agamsa, ach gu bheil earball fada air.”
Leis a sin, thug am buachaille sgian a-mach, gheàrr e an t-earball gu lèir dheth, agus thilg e anns a’ mhuir e. “A-nise,” thuirt e ris an tuathanach,”
mionnaich gur ann leat-sa a tha e!” Ach cha b’ urrainn dha, leis gu robh an fhianais air a dhol air falbh leis an t-sruth.