FaclairDictionary EnglishGàidhlig

686: Ruairidh MacCoinnich, Gleann Moireastan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ruairidh MacCoinnich, Gleann Moireastan

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air Gleann Moireastan ma tha sibh air an rathad a ghabhail eadar Loch Nis agus An t-Eilean Sgitheanach. Anns a’ ghleann, ri taobh an rathaid mhòir, tha càrn ann. Tha e os cionn an rathaid, agus tha àite-pàrcaidh ri a thaobh.

Tha an càrn mar chuimhneachan air gaisgeach Seumasach a chaill a bheatha ann an adhbhar a’ Phrionnsa ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746). B’ esan Ruairidh MacCoinnich. Tha cuid dhen bheachd gun do shàbhail e beatha Theàrlaich Òig le a chuid gaisgeachd. Seo an stòiridh aige.

Chan ann às a’ Ghàidhealtachd a bha Ruairidh, ach à Dùn Èideann. Bha athair na uaireadairiche. Thathar a’ smaoineachadh gun robh Ruairidh fhèin na cheannaiche fiodha ann am Baile nam Feusgan. Tha dùil, mar sin, gun robh e eòlach air a’ Ghàidhealtachd, far an robh mòran de na coilltean coimeirsealta. Thathar a’ smaoineachadh cuideachd gun robh buntanas sinnsireil aige do Chinn Tàile, is gun robh e càirdeach do Chloinn ’ic Calmain an sin. A rèir choltais, bhiodh Clann ’ic Calmain à Cinn Tàile a’ gabhail “MacCoinnich” orra mar ainm nuair a bha iad taobh a-muigh na Gàidhealtachd.

Bha Ruairidh mar phàirt de dh’fheachd ainmeil Seumasach ris an cainte “Elcho Troop”. Bha iad uile à Mon Rois agus Dùn Èideann. A rèir aithris, bha Ruairidh cho coltach ri Teàrlach Òg Stiùbhart ann an dreach ’s gur ann tric a bhiodh daoine a’ smaoineachadh gum b’ esan am Prionnsa! B’ e sin a thug an cothrom dha a bhith na ghaisgeach.

Bha Elcho Troop aig Blàr Chùil Lodair. Às dèidh a’ bhatail, sgaoil iad, gach duine an urra ri a bheatha fhèin. Chan eilear cinnteach ciamar a fhuair Ruairidh e fhèin ann an Gleann Moireastan, ach bha e ann trì mìosan an dèidh a’ bhlàir. ’S dòcha gun robh e a’ dèanamh air Cinn Tàile. Leis gun robh e aithnichte mar Sheumasach, bha e air a mhàthair ’s a pheathraichean a chur ann an cunnart nan robh e air tilleadh a Dhùn Èideann.

Bha saighdearan dearga a’ dol timcheall na Gàidhealtachd a’ coimhead airson Theàrlaich Òig. Bha airgid-cinn air a’ Phrionnsa, luach trithead mìle not. Thachair feachd de shaighdearan ri Ruairidh ann an Gleann Moireastan agus bha còmhrag ann. Bha Ruairidh air a leòn gu dona. Dìreach mus d’ fhuair e bàs, dh’èigh e, “You have killed your Prince!”

Bha na saighdearan dhen bheachd gun robh iad air am Prionnsa a mharbhadh. Gheàrr iad ceann Ruairidh far a bhodhaig agus thug iad air falbh e, feuch dearbhadh gur e ceann Theàrlaich a bh’ ann. Bha Cumberland a’ smaoineachadh gun robh am Prionnsa marbh agus thill e a Shasainn.

Mu dheireadh thall, thuig an riaghaltas gun robh Teàrlach fhathast beò. Ach bha e air a dhol-às a dhèanamh, eadhon a’ cur seachad ùine ann an Gleann Moireastan mus d’ fhuair e aiseag chun na Frainge. Bha gaisgeachd Ruairidh air ùine a thoirt dha, agus ’s dòcha gun tug i cothrom dha teicheadh le a bheatha.

Air taobh eile an rathaid, taobh na h-aibhne, tha clach-uaighe ann. Tha i a’ comharrachadh an àite far an deach an còrr de bhodhaig Ruairidh a thiodhlacadh le muinntir an àite. Agus fhathast, anns an Iuchar a h-uile bliadhna, bidh feadhainn a’ tighinn cruinn còmhla aig an uaigh airson gaisgeachd Ruairidh MhicCoinnich a chuimhneachadh is a chomharrachadh.

Faclan na Litreach: Gleann Moireastan (Moireasdan): Glenmoriston; Ruairidh MacCoinnich: Roderick MacKenzie; uaireadairiche: watchmaker; Clann ’ic Calmain: Murchisons; Mon Rois: Montrose; saighdearan dearga: redcoats (British Army soldiers); airgid-cinn: reward offered for capture or killing; còmhrag: conflict.

Abairtean na Litreach: ma tha sibh air an rathad a ghabhail eadar: if you have taken the road between; ri taobh an rathaid mhòir: beside the main road; tha àite-pàrcaidh ri a thaobh: there is a parking place beside it; mar chuimhneachan air gaisgeach Seumasach: a memorial to a Jacobite hero; ann an adhbhar a’ Phrionnsa: in the Prince’s cause; gun do shàbhail e beatha Theàrlaich Òig: that he saved Bonnie Prince Charlie’s life; [gun robh e] na cheannaiche fiodha ann am Baile nam Feusgan: [that he was] a timber merchant in Musselburgh; mòran de na coilltean coimeirsealta: many of the commercial forests; gun robh buntanas sinnsireil aige do Chinn Tàile: that he had ancestral connections to Kintail; cho coltach ri X ann an dreach: so like X in appearance; gum b’ esan am Prionnsa: that he was the Prince; gach duine an urra ri a bheatha fhèin: every man for himself; a’ dèanamh air Cinn Tàile: making for Kintail; leis gun robh e aithnichte mar Sheumasach: because he was known to be a Jacobite; mus d’ fhuair e bàs, dh’èigh e: before he died, he shouted; dhen bheachd gun robh iad air am Prionnsa a mharbhadh: thought they had killed the Prince; gheàrr iad ceann X far a bhodhaig: they cut X’s head from his body; feuch dearbhadh gur e ceann Theàrlaich a bh’ ann: to try and prove that it was Charles’s head; bha e air a dhol-às a dhèanamh: he had made his escape; taobh na h-aibhne, tha clach-uaighe ann: beside the river, there is a gravestone; airson gaisgeachd X a chuimhneachadh is a chomharrachadh: to remember and celebrate X’s bravery.

Puing-chànain na Litreach: bha e air a mhàthair ’s a pheathraichean a chur ann an cunnart nan robh e air tilleadh a Dhùn Èideann: he would have put his mother and his sisters in danger if he had returned to Edinburgh. Note the idiomatic use of the past tense form of the verb to be, representing the conditional. I might have said bhiodh e air a mhàthair…nam biodh e air tilleadh…. But the use of the past tense bha for bhiodh and nan robh for nam biodh is relatively common in informal usage.

Gnàthas-cainnt na Litreach: mus d’ fhuair e aiseag chun na Frainge : before he was ferried to France.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 382

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean