FaclairDictionary EnglishGàidhlig

827: An Tèine Mòr (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Tèine Mòr (3)

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, dh’inns mi stòiridh à Uibhist mun ‘Teine Mhòr’ no ‘Teine Sionnachain’ agus mar a thàinig e gu bith. A-nise seo sgeulachd eile a bh’ aig na Gàidheil o shean, a’ mìneachadh an dearbh ghnothaich.

O chionn fhada, bha gobha a’ fuireach ann an gleannan uaigneach. Bha bean is teaghlach aige. Bha e math air obair, ach bha an obair gann. Mar sin, cha robh airgead gu leòr aige.

Aon bhliadhna, bha a’ chùis cho dona ’s gun robh an t-eagal air gum biodh a chlann a’ bàsachadh le cion a’ bhìdh. Thuirt e ris fhèin gun gabhadh e cuideachadh sam bith, eadhon ged a b’ ann bhon Droch Fhear a bhitheadh e.

Latha a bha seo, bha an gobha ag obair sa cheàrdaich nuair a thàinig coigreach a-steach. Thuirt an coigreach ris, ‘Cha chreid mi nach eil do dhìol agad fhèin ri dhèanamh do bhean agus do chlann a chumail ann am biadh is aodach.’

‘Tha thu ceart,’ dh’aontaich an gobha.

‘Dè bheireadh tu do dh’fhear,’ dh’fhaighnich an coigreach, ‘a bheireadh dhut na mhiannaicheadh tu de dh’òr ’s de dh’airgead?’

‘Bheirinn rud sam bith a b’ urrainn dhomh,’ fhreagair an gobha.

‘Uill,’ thuirt an coigreach, ‘ma gheallas tu dhomh gum falbh thu còmhla rium bliadhna o màireach, bheir mi dhut de dh’òr ’s de dh’airgead na chumas tu fhèin agus do theaghlach cho math air ur dòigh ri Àrd-rìgh na h-Èireann.’ Agus mhìnich an coigreach don ghobha na bha e a’ dol a dhèanamh.

‘Nuair a chuireas tu do làmh nad phòcaid dheis, bidh i làn òir,’ thuirt an coigreach. ‘Agus nuair a chuireas tu do làmh nad phòcaid chlì, bidh i làn airgid. Ged a bhiodh tu a’ sìor thoirt an òir agus an airgid às do phòcaidean, bidh iad làn a h-uile uair a chuireas tu do làmhan annta.’

Ach bha rabhadh aig a’ choigreach an cois na gheall e. ‘Na cuir bonn sam bith a thug thu às do phòcaidean air ais annta. Ma chuireas, bidh iad falamh an latha sin.’

Cha robh an gobha cinnteach mun bhargan. ‘Tha an tairgse agad math,’ thuirt e, ‘ach an ceann latha is bliadhna, bidh e cruaidh leam dealachadh on bhean is on chloinn agam.’

‘Ach smaoinich,’ thuirt an coigreach. ‘Mus tig ceann na bliadhna, faodaidh tu pailteas de dh’òr ’s de dh’airgead a chur ma seach airson do mhnà ’s do chloinne. Cha bhi dìth orra.’

Choimhead an gobha air casan a’ choigrich. Bha iad coltach ri ladhran muice. Bha e cinnteach gum b’ e an coigreach an Droch Fhear. A dh’aindeoin sin, ghabh e ris an tairgse. Thuirt e ris fhèin nach b’ urrainn dha a bhith cinnteach am biodh e beò an ceann bliadhna. Agus nuair a thigeadh an Droch Fhear air a shon gun dèanadh e rudeigin. ‘Cuiridh mi Dia eadar mi ’s e,’ thuirt e ris fhèin.

Dh’fhalbh an coigreach agus rinn an gobha deiseil airson falbh dhachaigh. Thog e a chòta far an stuib far an robh e crochte. Mhothaich e gun robh e gu math trom. Chan e iongantas a bh’ ann, ge-tà. Bha pòcaidean a’ chòta loma-làn òir is airgid. Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain mar a thachair nuair a dh’inns e do bhean mun bhargan a rinn e leis an Droch Fhear.

Faclan na Litreach: An Teine Mòr, Teine Sionnachain: will-o’-the-wisp; ceàrdach: smiddy; falamh: empty; bargan: bargain; tairgse: offer.

Abairtean na Litreach: mar a thàinig e gu bith: how it came into existence; a’ mìneachadh an dearbh ghnothaich: explaining the same thing; bha gobha a’ fuireach ann an gleannan uaigneach: there was a blacksmith living in a small remote glen; bha an obair gann: work was scarce; ’s gun robh an t-eagal air gum biodh a chlann a’ bàsachadh le cion a’ bhìdh: that he was scared his children would die from a lack of food; gun gabhadh e cuideachadh sam bith: that he would accept any help; eadhon ged a b’ ann bhon Droch Fhear a bhitheadh e: even though it were from the Devil; cha chreid mi nach eil do dhìol agad fhèin ri dhèanamh: I reckon you have your work cut out; a bheireadh dhut na mhiannaicheadh tu: who would give you what you desired; bheirinn rud sam bith a b’ urrainn dhomh:I’d give anything I could; ma gheallas tu dhomh: if you promise me; cho math air ur dòigh ri àrd-rìgh na h-Èireann:as happy as the High King or Ireland; ged a bhiodh tu a’ sìor thoirt an òir agus an airgid às do phòcaidean: although you might continually take the gold and silver from your pockets; an cois na gheall e: accompanying what he promised; bidh e cruaidh leam dealachadh o: it will be hard for me to leave; cha bhi dìth orra: they will want for nothing; coltach ri ladhran muice: like a pig’s trotters; cuiridh mi Dia eadar mi ’s e: I’ll put God between me and him; thog e a chòta far an stuib far an robh e crochte: he picked up the coat from the post on which it was hanging; chan e iongantas a bh’ ann: it wasn’t a surprise; loma-làn òir is airgid: stuffed full of gold and silver.

Puing-chànain na Litreach: airson do mhnà ’s do chloinne: for your wife and children. Airsoncommands a noun (with the article present) in the genitive case. Thus bean becomes mnà and clann becomes cloinne. The article is absorbed into the possessive article do. Without the article we might say airson bean is clann ‘for a wife and children’. Mnà and cloinne are lenited following do (think of do thoil fhèin and ’s e do bheatha).

Gnàthas-cainnt na Litreach: faodaidh tu pailteas de dh’òr ’s de dh’airgead a chur ma seach: you can put aside plenty of gold and silver.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 523

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean