Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach. Ach cuin a bha Bliadhna nan Luch? Cha chuala sibh riamh oirre? Uill, gu o chionn ghoirid, cha chuala no
    mise.
    B’ e Bliadhna nan Luch – the year of the mice – ochd ceud deug is còig-deug (1815). Ach cha robh i aithnichte mar sin ann an Alba. Bha, ge-ta, ann
    an Alba Nuaidh ann an Canada. Anns a’ bhliadhna sin, nochd an t-uabhas de luchan. Bha iad nam plàigh. An toiseach, anns a’ Mhàrt, nochd seòrsa a bha mòr
    agus car tapaidh, le earball geàrr. Cha robh fios aig duine cò as a thàinig iad no carson a bha iad cho pailt.
    An toiseach bha iad cho lìonmhor ʼs gun robh iad a’ cruadhachadh an t-sneachda len casan. Agus cho luath ʼs a bha a’ chruithneachd air fàs suas, agus ceann
    math oirre, fhuair na tuathanaich a-mach gun robh na luchan air sgrios a dhèanamh air na freumhaichean. Ach gu h-annasach, nochd seòrsa eile de luch, a bha
    na bu lugha na ʼn tè mhòr, agus thòisich an dà sheòrsa air sabaid le chèile, agus lughdaich sin na h-àireamhan de na dhà.
    Chaidh dàn a sgrìobhadh ann an Gàidhlig mu dheidhinn Bliadhna nan Luch, oir tuigidh sibh gun tug na creutairean beaga sin droch bhuaidh air na daoine. Seo
    mar a tha e a’ tòiseachadh:
    Is iomadh creachadair an taobh-sʼ
    Am measg na tuathadh:
    Mathain, marsantan is maoir,
    A’ sìor thoirt uatha:
    Tha luchaidhean ann cho lìonmhor
    ʼS nach fhàg iad sìol air bàrr sguaibe;
    Is am beagan a thèid fo dhìon dheth
    Is bochd a bhrìgh ’n àm a’ bhualaidh.
    Chan eil fios le cinnt cò am bàrd a sgrìobh an dàn ach nochd e fon ainm pinn ‘I.P.’ anns an iris ‘An Cuairtear Òg Gàidhealach’ anns a’ Mhàrt ann am
    Bliadhna nan Luch. ʼS dòcha gur e fear a bh’ ann – Iain ‘Pìobaire’ MacGhilleBhrath.
    Tha am bàrd a’ leantainn leis a’ chàineadh. Anns an ath earrainn, tha e a’ guidhe bàs air na luchan agus tha e ag ainmeachadh Àirc Nòa:
    Mallachd bhuan o shluagh gach dùthcha
    Lughdachadh cunntais an t-seòrs’ ud;
    Neasgaidean, cait, clamhain, dùldachd,
    Bàs is fanntachadh ʼs gach dòigh dhuibh;
    Is leibh gamhlas uile shliochd Adhaimh
    ʼS chan eil bàigh aig neach a tha beò ribh,
    Is duilich leam nach deach ur bàthadh
    Mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa.
    Tha sin car cruaidh air na creutairean beaga, nach eil? Chan eil bàigh aig duine beò riutha. Agus – is duilich leam nach deach ur bàthadh mun d’ fhuair
    sibh san Àirc aig Nòa. Tha an t-ùghdar ag ràdh gum b’ fheàrr leis gun robh na luchan air am bàthadh leis an tuil mhòir mus d’ fhuair iad cothrom a bhith
    air an sàbhaladh le Nòa.
    Chan eil fhios a’m cia mheud duine a tha a’ cuimhneachadh Bliadhna nan Luch an-diugh ach ʼs e Mìcheal Newton a thug a’ chùis gu m’ aire-sa. Tha cunntas
    aige mun dàn seo anns an leabhar aige a thàinig a-mach an-uiridh – ‘Seanchaidh na Coille: The Memory-Keeper of the Forest’. ʼS e a th’ ann
    cruinneachadh de litreachas Chanada ann an Gàidhlig. Tha an leabhar tomadach agus làn neamhnaidean culturach. Agus tha e a’ dearbhadh cho prìseil ʼs a tha
    dualchas Gàidhlig Chanada. Innsidh mi tuilleadh mun leabhar seo an-ath-sheachdain.