FaclairDictionary EnglishGàidhlig

900: Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (2)

Gaelic Gàidhlig

Fhuair Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain, cead bhon Phàp airson oilthigh a stèidheachadh sa bhaile ann an ceithir cheud deug, naochad ʼs a còig (1495). Ceithir bliadhna an dèidh sin, thug Rìgh na h-Alba, Seumas IV, cùmhnant dha – agus beagan airgid – airson a phròiseict. Bha Obar Dheathain cuideachd air a dhèanamh na bhaile rìoghail. Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh faisg air Cathair-eaglais Naomh Mhachair.

An toiseach, chan e ‘Oilthigh Obar Dheathain’ a bh’ air, ach ‘Colaiste Moire’. Chaidh an t-ainm atharrachadh gu ‘Oilthigh agus Colaiste an Rìgh’. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil an t-ainm a’ comharrachadh na taice a fhuair am pròiseact bho Sheumas IV. Tha an t-ainm ‘Colaiste an Rìgh’ glèidhte fhathast mar phàirt dhen oilthigh.

Bha Elphinstone cliùiteach agus bha e furasta dha luchd-obrach comasach fhastadh. Thòisich iad air Caibeal Cholaiste an Rìgh a thogail. Taobh a-staigh deich bliadhna, bha trithead ʼs a sia duine ann, eadar luchd-obrach agus oileanaich.

Bhon toiseach, bha farsaingeachd mhòr de chuspairean air an teagasg ann. Bha sin a’ gabhail a-steach Lagh Catharra (a bharrachd air lagh na h-Eaglaise) agus Eòlas-leigheis. B’ e Obar Dheathain a’ chiad oilthigh ann am Breatainn anns an robhar a’ teagasg Eòlas-leigheis.

Tha mi airson tilleadh don charragh-chuimhne aig Elphinstone a tha suidhichte taobh a-muigh Caibeal Cholaiste an Rìgh. Bidh cuimhne agaibh gun tuirt mi gu bheil sgrìobhadh Gàidhlig air.

Chaochail Elphinstone ann an còig ceud deug is ceithir-deug (1514). Chaidh an dust aige a thiodhlacadh air beulaibh na h-altarach anns a’ chaibeal. Ach chaidh an tuam aige à fianais aig àm an Ath-leasachaidh. Beagan ron bhliadhna naoi ceud deug is ceithir-deug (1914), chuir ceannardan an oilthigh romhpa carragh-cuimhne ùr a thogail dha mar chomharra air a’ cheithir cheud bliadhna on a chaochail e. ʼS e an dealbhadair Eanraig MacUilleim a fhuair an cùmhnant airson a thogail.

Ge-tà, tuigidh sibh mar a chaidh dàil a chur air a’ phròiseact nuair a thòisich an Cogadh Mòr. ʼS ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a h-aon (1931) a chaidh an carragh-cuimhne a stèidheachadh mu dheireadh – ann an Caibeal an Rìgh. Ach bha e ro mhòr an sin. Còig bliadhn’ deug an dèidh sin – an dèidh an Dàrna Cogaidh – chaidh a ghluasad don làraich far a bheil e an-diugh – air rèidhlean taobh a-muigh a’ chaibeil.

Airson a’ chòrr dhen chunntas agam, tha mi gu mòr an comain Cholm Ò Baoill, a bha uaireigin a’ teagasg ann an Roinn na Ceilteis san oilthigh, a sgrìobh mu dheidhinn anns an iris Gath. Thòisich an t-oilthigh air Gàidhlig a theagasg ann an naoi ceud deug is sia-deug (1916). ʼS e fear Iain Friseal à Gleann Urchardain a bha ga teagasg. Sgrìobh esan dà rann ann an seann Ghàidhlig airson a’ charraigh-chuimhne. Anns a’ chiad phàirt tha e ag ràdh seo, ach ann an seann Ghàidhlig: Àite-laighe ar n-oide naoimh, am fear Elphinstone, sgoilear nan Gàidheal ...

Uill, a-nise, an e sin freagairt mo cheist? An robh fiosrachadh aig an Fhrisealach gun robh Gàidhlig aig Elphinstone? No an robh adhbhar eile aige airson sin a sgrìobhadh? Chan eil fhios a’m, ach tha fhios a’m air seo – ʼs e duine air leth a bh’ ann an Uilleam Elphinstone agus nach math gu bheil ar cànan co-cheangailte ris.

Faclan na Litreach: Easbaig Obar Dheathain: The Bishop of Aberdeen; Cathair-eaglais Naomh Mhachair: St Machar’s Cathedral; Colaiste Moire: St Mary’s College; lagh catharra: civil law; Eanraig MacUilleim: Henry Wilson.

Abairtean na Litreach: cead bhon Phàp airson oilthigh a stèidheachadh: permission from the Pope to establish a university; bha Obar Dheathain air a dhèanamh na bhaile rìoghail: Aberdeen was made a royal burgh; thathar a’ smaoineachadh gu bheil an t-ainm a’ comharrachadh na taice:it is thought that the name marks the help; glèidhte fhathast mar phàirt dhen oilthigh: still retained as part of the university; bha e furasta dha luchd-obrach comasach fhastadh: it was easy for him to hire capable staff; airson a bhith na phrionnsapal: to be the principal; bha farsaingeachd mhòr de chuspairean air an teagasg ann: there was a large range of subjects taught there; anns an robhar a’ teagasg Eòlas-leigheis: in which Medicine was taught; suidhichte taobh a-muigh Caibeal Cholaiste an Rìgh: sited outside King’s College Chapel; chaidh an tuam aige à fianais aig àm an Ath-leasachaidh: his tomb disappeared at the time of the Reformation; chuir ceannardan an oilthigh romhpa carragh-cuimhne ùr a thogail dha: the university’s leaders decided to build a new monument to him; mar chomharra air a’ cheithir cheud bliadhna on a chaochail e: as a mark of the four hundred years since he died; air rèidhlean taobh a-muigh a’ chaibeil: on a lawn outside the chapel; Iain Friseal à Gleann Urchardain: John Fraser from Glen Urquhart; àite-laighe ar n-oide naoimh: the resting place of our holy teacher; an robh adhbhar eile aige airson sin a sgrìobhadh?:did he have another reason for writing that?; nach math gu bheil ar cànan co-cheangailte ris: isn’t it good that our language is connected to him?

Puing-chànain na Litreach: Chaidh an dust aige a thiodhlacadh air beulaibh na h-altarach: his mortal remains were buried in front of the altar. I’m taking a liberty here in using a term that is generally used only in a Protestant context, dust being a euphemism for corpse. Of course Elphinstone was a pre-Reformation Catholic bishop. In a Catholic context, the word corp (clearly of Latin origin) is generally used for ‘body’. While corp is also used in Protestant communities, it is often eschewed in a religious context, particularly with regard to funerals, in favour of dust.

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha mi gu mòr an comain X: I’m much obliged to X (X is in the genitive).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 596

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean