FaclairDictionary EnglishGàidhlig

937: Màiri Challaird (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Màiri Challaird (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhàiri Challaird, tè de Chamshronaich Challaird ann an Loch Abar. Cha robh tè anns an dùthaich a bha na bu shnoige ann an coltas no nàdar. Bha i gu math fialaidh. Bha gràdh aig a h-uile duine oirre. Uill, a h-uile duine ach a h-athair. Airson adhbhar air choreigin, bha esan gu math cruaidh oirre.

Latha a bha seo, chuir a h-athair a-mach às an taigh i. Cha robh fios aice dè dhèanadh i. Bha slighe-mhonaidh ann eadar Callaird, far an robh i a’ fuireach, agus Lunn Dà Bhrà far an robh a h-uncail a’ fuireach. Rinn i air taigh a h-uncail. Nuair a bha i gu h-àrd sa mhonadh, thachair i ri seann bhoireannach a bha air chrith leis an fhuachd. Thug Màiri leth a breacain don bhoireannach, ged a bha i fhèin fuar cuideachd.

Nuair a chunnaic muinntir na sgìre a breacan air a’ bhoireannach, dh’aithnich iad i. ‘Carson a tha breacan Màiri oirbh?’ dh’fhaighnich iad. Mhìnich am boireannach a’ chùis dhaibh. Bha tàmailt orra mun dòigh san do dhèilig an ceann-cinnidh ri a nighinn.

Goirid an dèidh sin, thàinig long. Bha iad a’ reic clò, agus stuth-dathaidh airson clò, agus cheannaich bean a’ chinn-chinnidh stuth bhuapa. Ge-tà, bha an clò air a thruailleadh leis a’ phlàigh agus dh’fhàs a h-uile duine ann an Taigh Challaird tinn. Thàinig Màiri dhachaigh airson cobhair a dhèanamh air càch. Ach chaochail iad uile. A h-uile duine ach Màiri fhèin.

A rèir beul-aithris na sgìre, b’ e a’ phlàigh am fiabhras ballach no, mar a chanas iad ann an Loch Abar fhèin, am fiabhras dubh. Ann am Beurla, ʼs e sin typhus.

B’ fheudar do Mhàiri an uair sin fuireach anns an taigh leatha fhèin. Cha tigeadh duine faisg oirre. Bha an t-eagal orra gum faigheadh iad am fiabhras bhuaipe. Cha leigeadh iad a-mach i agus cha leigeadh iad duine eile a-steach don taigh.

Ge-tà, bha leannan aig Màiri – fear Pàdraig Caimbeul à Inbhir Atha. Chanadh daoine ‘Oighre Mhic Dhonnchaidh Inbhir Atha’ ris. Nuair a chuala e mu Mhàiri chuir e roimhe a sàbhaladh. Chaidh e fhèin is feadhainn eile ann air an oidhche, ag iomradh bàta gu sàmhach. Thug iad a-mach i tron t-similear. Thug Pàdraig oirre a cuid aodaich gu lèir a thilgeil don mhuir agus i fhèin a bhogadh sa mhuir gus am biodh i glan bhon fhiabhras.

Thug e dhachaigh i agus thug e aodach dhi a bhuineadh do a pheathraichean. Phòs iad cha mhòr sa bhad agus thog esan taigh dhi anns a’ choille. Bha iad leotha fhèin airson trì mìosan airson a bhith cinnteach nach robh an tinneas oirre. Ach, gu mì-fhortanach, cha robh iad pòsta fada oir thuit Pàdraig aig Blàr Inbhir Lòchaidh an aghaidh Montròs. Bha sin ann an sia ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1645).

Dh’fhuiling Màiri cridhe briste air sgàth bàs a cèile. Rinn i òran dha. Anns an òran tha i ag ràdh gun deach Pàdraig a thiodhlacadh air cùl an taighe aca. Thathar a’ smaoineachadh gun robh e air a leòn aig Inbhir Lòchaidh agus gun do rinn e a shlighe dhachaigh far an do chaochail e. An uair sin, tha eachdraidh Màiri a’ fàs nas tiamhaidhe buileach, mar a chluinneas sibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Màiri Challaird: Mary of Callert; Camshronaich:Camerons; Loch Abar: Lochaber; slighe-mhonaidh:hill route; Lunn Dà Bhrà: Lundavra; dh’aithnich: recognised; long: ship; chaochail: died; Inbhir Atha: Inverawe.

Abairtean na Litreach: na bu shnoige ann an coltas no nàdar: nicer in appearance or nature; bha gràdh aig a h-uile duine oirre: everybody loved her; a h-uile duine ach a h-athair: everybody except her father; airson adhbhar air choreigin bha esan cruaidh oirre: for some reason or other, he was hard on her; cha robh fios aice dè dhèanadh i: she didn’t know what she would do; rinn i air taigh a h-uncail: she made for her uncle’s house; air chrith leis an fhuachd: shivering with the cold; bha an clò air a thruailleadh leis a’ phlàigh: the cloth was polluted with the plague; airson cobhair a dhèanamh air càch: to help the others; b’ e a’ phlàigh am fiabhras ballach no, mar a chanas iad ann an Loch Abar fhèin, am fiabhras dubh: the plague was the spotted fever or, as they say in Lochaber itself, the black fever; cha leigeadh iad a-mach i: they wouldn’t let her out; cha leigeadh iad duine eile a-steach: they wouldn’t let anyone else in; chuir e roimhe a sàbhaladh: he decided to save her; ag iomradh bàta gu sàmhach: rowing a boat quietly; thug iad a-mach i tron t-similear: they took it out through the chimney; thug Pàdraig oirre a cuid aodaich gu lèir a thilgeil don mhuir: Patrick made her throw all her clothes in the sea; i fhèin a bhogadh: to immerse herself; phòs iad cha mhòr sa bhad:they married almost immediately; cha robh iad pòsta fada: they weren’t married long; thuit Pàdraig aig Blàr Inbhir Lòchaidh an aghaidh Montròs: Patrick fell at the Battle of Inverlochy against Montrose: dh’fhuiling Màiri cridhe briste air sgàth bàs a cèile: Mary suffered a broken heart on account of her spouse’s death; tha eachdraidh Màiri a’ fàs nas tiamhaidhe buileach: Mary’s story gets even more poignant.

Puing-chànain na Litreach: Bha tàmailt orra mun dòigh san do dhèilig an ceann-cinnidh ri a nighinn: they were indignant about the way in which the clan chief dealt with his daughter. Nighean is slenderised to nighinn because it is a feminine noun with the article in the dative singular case (following the preposition ri). The article is in the form of a possessive article ‘a ’ (meaning ‘his’) but it works grammatically like the definite article.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Thug Màiri leth a breacain don bhoireannach: Mary gave half of her plaid to the woman.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 633

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean