FaclairDictionary EnglishGàidhlig

939: Gormshuil na Maighe (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gormshuil na Maighe (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn air a bhith ann an Loch Abar fad grunn sheachdainean. Mus fhalbh sinn, bu mhath leam stòiridh innse dhuibh a tha am measg na feadhainn as ainmeile às an sgìre sin. ʼS e an tiotal oirre ‘Gormshuil Mhòr na Maighe’. Bha an t-ainm Gormshuil – a’ tighinn à gorm agus sùil – uaireigin cumanta aig boireannaich ann an Loch Abar, gu h-àraidh am measg nan Camshronach. Ach an dèidh linn Gormshuil Mhòr na Maighe – a bha na bana-bhuidseach – cha robh e cumanta tuilleadh.

Bha sinnsirean Gormshuil às an Eilean Sgitheanach agus Loch Abar. Bhuineadh iad do Chloinn ʼic Fhionghain agus na Camshronaich. Bha iad a’ fuireach taobh Loch Airceig. Phòs Gormshuil Camshronach à Maigh, taobh an Lagain. Bha i làidir na ceann ʼs na bodhaig, agus bhathar ag ràdh gun robh comasan os-nàdarrach aice.

Nuair a bhiodh iasgair no sealgair a’ tighinn seachad air an taigh aice, bhiodh iad ag iarraidh a beannachd. Latha a bha seo, chan e iasgair no sealgair a bha a’ tighinn seachad ach Loch Iall, ceann-cinnidh nan Camshronach. Bha a phìobaire na chois. Bha Gormshuil aig a doras aghaidh. ‘Cà’l sibh a’ dol?’ dh’fhaighnich i.

‘Dè an diofar a th’ ann dhutsa cà’l mi a’ dol?’ fhreagair Loch Iall.

Cha robh Gormshuil ro thoilichte. ‘ʼS minig nach bu mhiste iasgair no sealgair mo bheannachd,’ thuirt i, ‘agus cò dha an dùraichdinn e coltach ri mo cheann-feadhna?’

Stad Loch Iall. Dh’inns e dhi gun robh e a’ dol gu coinneamh le Iarla Athall, feuch tighinn gu rèite mun chrìch eadar Loch Abar agus Athall.

‘Cò tha sibh a’ toirt leibh?’ dh’fhaighnich Gormshuil.

‘Cha toir mi ach mo phìobaire an seo – mar a chaidh aontachadh,’ ars an ceann-cinnidh.

‘Mholainn gun till sibh dhachaigh,’ thuirt Gormshuil. ‘Thoiribh feachd armaichte leibh. Cumaibh am falach iad. Ma chuireas sibh ur cleòc oirbh caoin air ascaoin, thig iad airson ur cuideachadh.’ Thuig Loch Iall gun robh a beachd ciallach agus thug e feachd leis.

Aig a’ choinneimh, bha Iarla Athall mì-reusanta mu na crìochan eadar an dà dhùthaich. Bha e a’ creidsinn nach robh aig Loch Iall ach a phìobaire. Nuair a shèid e fìdeag airgid, dh’èirich feachd Athallach às an fhraoch agus à preasan.

‘Cò iad?’ dh’fhaighnich Loch Iall.

‘Caoraich Athallach a tha a’ dol a dh’ithe feur Abrach,’ fhreagair an t-Iarla.

‘Sèid suas,’ dh’òrdaich an Camshronach don phìobaire aige, agus thionndaidh e taobh caoin a chleòca don taobh ascaoin. Nochd na gaisgich Abrach às na h-àiteachan falaich aca agus thòisich am pìobaire air port a chluich air a bheil ‘Thigibh an seo, a chlannaibh nan con, ʼs gheibh sibh feòil’ – port catha nan Camshronach. ‘Seo na coin Abrach a chuireas ruaig air na caoraich Athallach,’ thuirt Loch Iall.

Air an rathad dhachaigh, chaidh Loch Iall a chèilidh air Gormshuil airson taing a thoirt dhi airson a comhairle. ‘A dh’aindeoin ur faclan coibhneis,’ thuirt i, ‘crochaidh sibh mo mhac latha air choreigin.’

‘Ist,’ thuirt an ceann-cinnidh, ‘chan eil agad ach tighinn thugam agus an latha seo a chuimhneachadh dhomh, agus – eadhon ged a bhiodh do mhac airidh air crochadh – nì mi cinnteach gum bi e air a shàbhaladh.’ Ach saoil cò bha ceart agus cò bha ceàrr? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain nuair a bheir mi na sgeulachdan Abrach seo gu ceann.

Faclan na Litreach: bana-bhuidseach: witch; Loch Airceig: Loch Arkaig; os-nàdarrach: supernatural; feachd armaichte: an armed force; mì-reusanta: unreasonable; àiteachan falaich: hiding places; port catha: war tune; faclan coibhneis: words of kindness.

Abairtean na Litreach: am measg na feadhainn as ainmeile: among the best known; bhuineadh iad do Chloinn ʼic Fhionghain:they belonged to the Mackinnon clan; taobh an Lagain:over by Laggan; ag iarraidh a beannachd: wanting her blessing; chan e iasgair no sealgair a bha a’ tighinn seachad: it wasn’t a fisherman or hunter that was coming past; Loch Iall, ceann-cinnidh nan Camshronach:Lochiel, chief of the Camerons; bha a phìobaire na chois:his piper was with him; aig a doras aghaidh:at her front door; dè an diofar a th’ ann dhutsa cà’l mi a’ dol?: what difference does it make to you where I’m going?; coinneamh le Iarla Athall: a meeting with the Earl of Atholl; feuch tighinn gu rèite mun chrìch eadar Loch Abar agus Athall: to attempt to reach agreement about the boundary between Lochaber and Atholl; mholainn gun till sibh dhachaigh: I’d recommend you return home; caoin air ascaoin: inside out; nuair a shèid e fìdeag airgid: when he blew a silver whistle; dh’èirich feachd Athallach às an fhraoch agus à preasan: a force of Athollmen rose from the heather and out of thickets; caoraich Athallach a tha a’ dol a dh’ithe feur Abrach: Atholl sheep that are going to eat Lochaber grass; thionndaidh e taobh caoin a chleòca don taobh ascaoin: he turned his cloak inside out; thigibh an seo, a chlannaibh nan con, ʼs gheibh sibh feòil: come hither, children of the dogs and you shall have flesh; eadhon ged a bhiodh do mhac airidh air crochadh: even should your son be deserving of hanging.

Puing-chànain na Litreach: ʼS minig nach bu mhiste iasgair no sealgair mo bheannachd: it’s often a fisherman or hunter was none the worse for my blessing. Dwelly gives miste as the second comparative form of olc ‘bad, evil’ but most scholars would consider it the second comparative of dona ‘bad, evil’ for which the first comparative is miosa. Whether either is actually correct in terms of the word’s origin, it is still used regularly in idiom eg is miste tu sin ‘you are the worse for that’; cha mhiste e a bhith stuama airson greis ‘it won’t harm him to be sober for a while’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: cò dha an dùraichdinn e coltach ri mo cheann-feadhna? :to whom would I wish it so well as my clan chief?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 635

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean