FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1251: An Raineach-mhòr

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Raineach-mhòr

Gaelic Gàidhlig

ʼEil sibh ag aontachadh rium gu bheil raineach na plàigh air a’ Ghàidhealtachd? Tha mi a’ ciallachadh le sin ‘an raineach-mhòr’ no bracken fern. Carson a tha raineach na plàigh? Uill, tha i a’ còmhdachadh leòidean beinne agus seann talamh-àitich air feadh na Gàidhealtachd. Tha i a’ mùchadh lusan beaga agus fiùrain craoibhe tha a’ feuchainn ri fàs fòidhpe. Chan eil i math do sprèidh. Tha e doirbh aig amannan coiseachd tro raon far a bheil an raineach àrd agus tiugh.

Agus ʼs e raon de raineach àrainn mhath airson ghartan. Bidh cuid de ghartain a’ giùlan tinneas Lyme – tinneas a nì daoine gu math tinn. Nach biodh e math dòigh a lorg airson faighinn cuidhteas na rainich, co-dhiù ann an cuid de dh’àiteachan?

Uill, bha mi a’ leughadh seann leabhar an latha eile. Agus bha an t-ùghdar ag ainmeachadh trì dòighean airson raineach a mharbhadh. Anns a’ chiad dol a-mach, le bhith ga gearradh sìos gu talamh gu tric ann am pàircean ionaltraidh. B’ e an dàrna dòigh le bhith a’ cur todhar oirre ann am pailteas ann an imirean arbhair.

Ach b’ e an treas dòigh an tè a bu mhotha a ghlac m’ aire. A rèir a’ chunntais anns an leabhar, ʼs e an dòigh as fheàrr airson faighinn cuidhteas na rainich a bhith a’ dòrtadh mùn oirre. B’ fheàrr leam gum biodh an cunntas air innse dhuinn co-dhiù dhèanadh fir a’ bhaile a’ chùis le bhith a’ mùn oirre gu cunbhalach. No am biodh e na bu ghlice maistir a ghleidheadh mar a bhitheadh anns an t-seann aimsir, agus sin a dhòrtadh air an rainich?

B’ e am fear a sgrìobh an cunntas seo an t-Urramach Iain Lightfoot, eòlaiche-nàdair Sasannach a bha beò anns an ochdamh linn deug. Chuir e seachad ùine ann an Alba agus sgrìobh e an leabhar ainmeil Flora Scotica.

Gu h-inntinneach, bha Lightfoot dhen bheachd gun robh barrachd feum ann an raineach na bh’ ann de chron. Mar eisimpleir, bha cuid a’ cleachdadh ghasan rainich mar thughadh air na taighean aca. Agus bha i feumail air an talamh. Nam biodh raineach gheàrrte air a fàgail air an talamh airson lobhadh, bhiodh i a’ cur ri torachas na talmhainn. Bha raineach gu sònraichte math mar thodhar airson buntàta.

Bha i feumail anns a’ bhàthaich mar easradh – sin a’ Ghàidhlig air ‘litter’ airson crodh. Nuair a bha i tioram bha raineach math cuideachd mar chonnadh airson leithid fuine arain.

Tha Lightfoot ag innse dhuinn gun robh feadhainn a’ dèanamh nàdar de shiabann à raineach. Bhiodh iad ga gearradh nuair a bha i uaine agus ga losgadh airson luaithre a dhèanamh. Dhèanadh iad buill bheaga le bhith a’ measgachadh na luaithre le uisge. Bhiodh iad a’ tiormachadh nam ball agus gan cleachdadh airson anart a ghlanadh an àite siabann.

Bha eadhon margaidh ann airson na leithid, a rèir Lightfoot. Anns na h-Eileanan Siar, bhiodh gu leòr de dhaoine a’ dèanamh prothaid mhòr le bhith a’ reic luaithre rainich do dhaoine a dhèanadh siabann no glainne leatha. Is truagh e nach eil cothrom ann fhathast prothaid a dhèanamh às an rainich-mhòr!

Faclan na Litreach a’ ciallachadh: meaning; raineach-mhòr: bracken fern; sprèidh: livestock, especially cattle; ùghdar: author; pàircean ionaltraidh: grazing pasture; maistir: stale urine (kept for various purposes); todhar: manure; siabann: soap; luaithre: ashes; a’ measgachadh: mixing; prothaid: profit.

Abairtean na Litreach: tha i a’ còmhdachadh leòidean beinne agus seann talamh-àitich air feadh na Gàidhealtachd: it covers mountainsides and formerly farmed land throughout the Highlands; a’ mùchadh lusan beaga agus fiùrain craoibhe tha a’ feuchainn ri fàs fòidhpe: smothering small plants and tree saplings that are trying to grow below it; doirbh aig amannan coiseachd: difficult at times to walk; tro raon far a bheil an raineach àrd agus tiugh: through an area where the bracken is tall and dense; àrainn mhath airson ghartan: a good habitat for ticks; airson faighinn cuidhteas: to get rid of; le bhith a’ cur todhar oirre ann am pailteas: by putting large amounts of manure on it; ann an imirean arbhair: in fields of cereals/corn; an tè a bu mhotha a ghlac m’ aire: the one that most grabbed my attention; a’ dòrtadh mùn oirre: pouring urine on it; b’ fheàrr leam gum biodh an cunntas air innse dhuinn co-dhiù dhèanadh fir a’ bhaile a’ chùis le bhith a’ mùn oirre gu cunbhalach: I’d prefer it if the account had told us if the men of the township would be successful by regularly urinating on it; gun robh barrachd feum ann an raineach na bh’ ann de chron: that bracken was of more use than it was damaging; bha cuid a’ cleachdadh ghasan rainich mar thughadh: some people were using bracken stalks as thatching; nam biodh raineach gheàrrte air a fàgail air an talamh airson lobhadh: if cut bracken were left on the ground to rot; a’ cur ri torachas na talmhainn: adding to the fertility of the land; mar chonnadh airson leithid fuine arain: as fuel for such as baking bread; a’ tiormachadh nam ball: drying the balls; airson anart a ghlanadh: for cleaning linen; bha eadhon margaidh ann airson na leithid: there was even a market for the like; a’ dèanamh prothaid mhòr le bhith a’ reic luaithre rainich: making a big profit by selling bracken ash.

Puing-chànain na Litreach: ʼEil sibh ag aontachadh rium?: do you agree with me? This is a shortened way of writing a bheil sibh and is commonly used in informal or colloquial writing as it reflects how people often speak. The apostrophe indicates that there are missing letters at the start. For example, you would more commonly hear ‘ʼeil thu cinnteach?’ in conversation rather than ‘a bheil thu cinnteach?’

Gnàthas-cainnt na Litreach: gu bheil raineach na plàigh: that bracken is a plague.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 947

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean