FaclairDictionary EnglishGàidhlig

116: Isle of Man (4) 116: Eilean Mhanainn (4)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eilean Mhanainn (4)

Gaelic Gàidhlig

Dh’fhàg mòran daoine Eilean Mhanainn anns an naoidheamh linn deug. Cha robh an t-eilean beartach mar a tha e an-diugh. Chaidh mòran do na Stàitean Aonaichte. Chaidh cuid mhath aca gu Ohio agus Pennsylvania. Bha an cànan aca – Gàidhlig Eilean Mhanainn – beò ann am Pennsylvania aig toiseach an fhicheadamh linn. Agus bha i aig mòran ann an grunn bhailtean ann an Ohio – eadhon ann an Cleveland fhèin. Tha tùsan Manainneach aig trithead mìle duine ann an Cleveland.

Anns an eilean fhèin, anns an naoidheamh linn deug, cha robh na h-ùghdarrasan uabhasach taiceil don chànan. Ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1871), bha i fhathast aig cairteal dhen t-sluagh – còrr is trì mìle deug duine. Aig toiseach an fhicheadamh linn bha sin air tuiteam gu beagan is ceithir mìle. Ann an naoi ceud deug seasgad ’s a h-aon (1961), bha dìreach dithis ann – Sage Kinvig agus Ned Maddrell. Chaochail Sage bliadhna às dèidh sin. Chaochail Ned Maddrell ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a ceithir (1974).

Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn chaidh mi a Chreneash. ’S e baile sean-fhasanta – agus brèagha – a th’ ann an Creneash. Tha mullaichean tughaidh air cuid de na taighean fhathast. ’S e sin am baile anns an deach am film Waking Ned a dhèanamh. Am faca sibh am film? Tha e glè shnog. Tha iad a’ toirt a’ chreidsinn gu bheil a h-uile càil a’ tachairt ann an Èirinn. Ach chaidh am filmeadh gu lèir a dhèanamh ann an Eilean Mhanainn.

Tha e car iongantach gur e Ned an t-ainm a bh’ air a’ bhodach anns a film, oir tha ceangal làidir eadar an t-ainm agus Creneash. ’S e sin am baile anns an robh Ned Maddrell a’ fuireach. Agus roimhe sin bha Ned eile ann a bha ainmeil. B’ esan Edward Faragher. Bha daoine eòlach air mar Neddy Beg Hom Ruy. Bha e na iasgair, sgrìobhadair, sgeulaiche is bàrd. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: Dh’fhàg mòran daoine Eilean Mhanainn anns an naoidheamh linn deug: many people left the Isle of Man in the 19th Century; na Stàitean Aonaichte: the United States; cuid mhath aca: a good proportion of them; toiseach an fhicheadamh linn:the start of the 20th Century; ann an grunn bhailtean: in several towns; tha tùsan Manainneach aig trithead mìle duine: thirty thousand people have Manx roots; cha robh na h-ùghdarrasan uabhasach taiceil: the authorities weren’t very helpful; cairteal dhen t-sluagh: a quarter of the population; còrr is trì mìle deug duine: more than thirty thousand people; dìreach dithis:only two people; chaochail X bliadhna às dèidh sin: X died the following year [a year after that]; chaidh mi a Chreneash:I went to Cregneash; tha mullaichean tughaidh air cuid de na taighean:some of the houses have thatched roofs [there are thatched roofs on some of the houses]; am faca sibh am film?:have you seen [did you see] the film?; tha iad a’ toirt a’ chreidsinn gu bheil a h-uile càil a’ tachairt ann an Èirinn: they pretend that everything happens in Ireland; chaidh am filmeadh gu lèir a dhèanamh: all the filming was done; tha e car iongantach gur e Ned an t-ainm a bh’ air a’ bhodach: it is quite surprising/remarkable that the old man is called Ned; am baile anns an robh Ned Maddrell a’ fuireach: the village in which Ned Maddrell lived; roimhe sin bha Ned eile ann a bha ainmeil:before that there was another Ned who was famous; bha daoine eòlach air mar Neddy Beg Hom Ruy:people knew him as Neddy Beag Thom Ruaidh; bha e na iasgair, sgrìobhadair, sgeulaiche is bàrd: he was a fisherman, writer, story-teller and poet.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 420

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile