FaclairDictionary EnglishGàidhlig

264: Sweden 264: An t-Suain

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Suain

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an dùthaich nan Sàmi ann an ceann a tuath na Suain. Bha sin aig àm na Càisge am-bliadhna. Bha mi a’ sgitheadh tro dhùthaich anns am bi Sàmi a’ cumail fèidh-shneachda. Chunnaic mi dà fhiadh. Ach chunnaic mi grunn dhaoine Sàmi air sgutairean-sneachda.

Thachair mi ri tè Shàmi. ’S e Lisa an t-ainm a tha oirre. Bha i a’ còcaireachd reindeerburgers! Bha iad blasta! Tha taigh-bìdh aig an teaghlach aice. Bha bratach nan Sàmi os cionn an dorais.

Bha còmhradh laghach agam le Lisa. Tha Sàmais aice. Dh’innis i dhomh mun chànan. Tha ceangal làidir aice don àrainneachd. Chaidh dìmeas mòr a dhèanamh oirre. Bha i air a cumail a-mach à foghlam fad ùine mhòr.

Tha cùisean air atharrachadh – gu ìre. Tha corra sgoil a-nise a’ teagasg tro mheadhan na Sàmais. Tha seòrsa de phàrlamaid aca. Ach tha an cànan aig beag-chuid de Shàmi an-diugh. Tha sin fìor eadhon ann an Nirribhidh far a bheil iad nas pailte. Tha cuid fhathast a’ dèanamh dìmeas air na Sàmi. Tha cuid de Shàmi, aig a bheil an cànan, nach bruidhinn i ris a’ chloinn aca. Tha e rudeigin coltach ri Alba. ’S e sin a thuirt mi rithe.

“Tha thu à Alba?” thuirt i.

“Tha. An robh thu ann?” dh’fhaighnich mi.

“Cha robh,” fhreagair i. “Ach ’s e uncail m’ athar a thug fèidh-shneachda a dh’Alba.”

“Tha thu a’ ciallachadh Mikel Utzi,” thuirt mi. Chuala mi mu dheidhinn ach cha robh mi eòlach air. Thug e fèidh-shneachda don Mhonadh Ruadh ann an naoi ceud deug, caogad ’s a dhà (1952). Tha an treud ann fhathast. “An dearbh dhuine,” fhreagair i, “an dearbh dhuine.”

Dh’èigh mi air bana-charaid às an Aghaidh Mhòir a bha cuide rium. “Trobhad seo,” thuirt mi rithe. “Feumaidh tu coinneachadh ris a’ bhoireannach seo.” Tha mo bhana-charaid pòsta aig fear a bha ag obair do Mhikel Utzi. Bha sin aig toiseach nan seasgadan. B’ e an obair aige buachailleachd nam fiadh-sneachda anns a’ Mhonadh Ruadh. Thàinig an dithis bhoireannach còmhla. Bha còmhradh laghach aca mu fhèidh is sneachd is beanntan.

Sweden

English Beurla

I was in the country of the Sámi in northern Sweden. That was at Easter time this year. I was skiing through country in which the Sámi keep reindeer. I saw two deer. But I saw several Sámi people on snow scooters.

I met a Sámi woman. Her name is Lisa. She was cooking reindeerburgers! They were tasty! Her family has a restaurant. The Sámi flag was above the door.

I had a nice conversation with Lisa. She speaks Sámi. She told me about the language. It has strong links to the environment. It was treated with disrespect. It was kept out of education for a long time.

Things have changed – to a degree. They have several schools now which teach through the medium of Sámi. They have a sort of parliament. But [only] a minority of Sámi speak the language today. That’s even true in Norway where they are more numerous. Some Swedes still show disrespect to the Sámi. Some Sámi, who speak the language, do not speak it to their children. It’s rather like Scotland. That’s what I said to her.

“You’re from Scotland?” she said.

“Yes. Were you there?” I asked.

“No,” she replied. “But it’s my father’s uncle who took reindeer to Scotland.”

“You mean Mikel Utzi,” I said. I heard about him but I didn’t know him. He took reindeer to the Cairngorms in 1952. The herd is still there. “The very man,” she said, “the very man.”

I shouted to a [female] friend from Aviemore who was with me. “Come here,” I said to her. “You must meet this woman.” My friend is married to a man who was working for Mikel Utzi. That was at the beginning of the sixties. His work was herding the reindeer on the Cairngorms. The two women came together. They had a nice conversation about deer and snow and mountains.

An t-Suain

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an dùthaich nan Sàmi ann an ceann a tuath na Suain. Bha sin aig àm na Càisge am-bliadhna. Bha mi a’ sgitheadh tro dhùthaich anns am bi Sàmi a’ cumail fèidh-shneachda. Chunnaic mi dà fhiadh. Ach chunnaic mi grunn dhaoine Sàmi air sgutairean-sneachda.

Thachair mi ri tè Shàmi. ’S e Lisa an t-ainm a tha oirre. Bha i a’ còcaireachd reindeerburgers! Bha iad blasta! Tha taigh-bìdh aig an teaghlach aice. Bha bratach nan Sàmi os cionn an dorais.

Bha còmhradh laghach agam le Lisa. Tha Sàmais aice. Dh’innis i dhomh mun chànan. Tha ceangal làidir aice don àrainneachd. Chaidh dìmeas mòr a dhèanamh oirre. Bha i air a cumail a-mach à foghlam fad ùine mhòr.

Tha cùisean air atharrachadh – gu ìre. Tha corra sgoil a-nise a’ teagasg tro mheadhan na Sàmais. Tha seòrsa de phàrlamaid aca. Ach tha an cànan aig beag-chuid de Shàmi an-diugh. Tha sin fìor eadhon ann an Nirribhidh far a bheil iad nas pailte. Tha cuid fhathast a’ dèanamh dìmeas air na Sàmi. Tha cuid de Shàmi, aig a bheil an cànan, nach bruidhinn i ris a’ chloinn aca. Tha e rudeigin coltach ri Alba. ’S e sin a thuirt mi rithe.

“Tha thu à Alba?” thuirt i.

“Tha. An robh thu ann?” dh’fhaighnich mi.

“Cha robh,” fhreagair i. “Ach ’s e uncail m’ athar a thug fèidh-shneachda a dh’Alba.”

“Tha thu a’ ciallachadh Mikel Utzi,” thuirt mi. Chuala mi mu dheidhinn ach cha robh mi eòlach air. Thug e fèidh-shneachda don Mhonadh Ruadh ann an naoi ceud deug, caogad ’s a dhà (1952). Tha an treud ann fhathast. “An dearbh dhuine,” fhreagair i, “an dearbh dhuine.”

Dh’èigh mi air bana-charaid às an Aghaidh Mhòir a bha cuide rium. “Trobhad seo,” thuirt mi rithe. “Feumaidh tu coinneachadh ris a’ bhoireannach seo.” Tha mo bhana-charaid pòsta aig fear a bha ag obair do Mhikel Utzi. Bha sin aig toiseach nan seasgadan. B’ e an obair aige buachailleachd nam fiadh-sneachda anns a’ Mhonadh Ruadh. Thàinig an dithis bhoireannach còmhla. Bha còmhradh laghach aca mu fhèidh is sneachd is beanntan.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 568

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile