FaclairDictionary EnglishGàidhlig

649: Tiree placenames 649: Ainmean-àite Thiriodh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ainmean-àite Thiriodh

Gaelic Gàidhlig

Am measg nam bailtean ann an Tiriodh, tha Baile Mhàrtainn. Bha mi riamh dhen bheachd gum b’ e am Màrtainn anns an ainm Naomh Màrtainn à Tours anns an Fhraing. Ach chan eil na sgoilearan cinnteach cò bha ann. Tha an t-àite a’ nochdadh an toiseach mar Balmartin air mapa Bhlaeu anns an t-seachdamh linn deug.

ʼS dòcha gum b’ e Màrtainn dìreach fear de mhuinntir an àite. Tha taigh anns a’ bhaile air a bheil Taigh Mhàrtainn. Bha fear Màrtainn a’ fuireach ann. An latha a chaochail a bhean, fhuair e fhèin bàs obann. Roimhe sin, chunnaic e dà chiste a’ fàgail an taighe aig an aon àm. A rèir choltais, bha an dà-shealladh aige.

Fhuair mi am fiosrachadh mu Bhaile Mhàrtainn à leabhar a thàinig a-mach na bu tràithe dhen bhliadhna seo. Bha an t-ùghdar, John Holliday, na dhotair-teaghlaich ann an Tiriodh fad trithead bliadhna. Tha e fileanta ann an Gàidhlig agus bruidhnidh e i le blas Thiriodh.

ʼS e ainm an leabhair Longships on the Sand. Tha e mu dheidhinn mar a rinn na Lochlannaich agus muinntir nam meadhan-aoisean tuineachadh san eilean, agus na h-ainmean-àite a chruthaich iad. ʼS e fìor obair sgoilearach a tha anns an leabhar.

Tha Tiriodh math airson obair de a leithid oir tha na clàran oighreachd aig Diùc Earra-Ghàidheal, leis a bheil e, a’ dol air ais còrr is trì cheud bliadhna. Agus chaidh tòrr obair cruinneachaidh de bheul-aithris a dhèanamh ann le Sgoil Eòlais na h-Alba.

Tuigidh sibh gur e ainm Gàidhlig a tha ann am Baile Mhàrtainn. Tha e coltach gun robh seann ainm Lochlannach air an aon àite. B’ e sin Sòrabaidh. Tha sin glèidhte fhathast ann an ainm a’ chladh – Cladh Shòrabaidh – agus ann an ainm na tràghad – Tràigh Shòrabaidh. Tha Sòrabaidh na ainm Lochlannach, a’ ciallachadh ‘baile air talamh bog’. Tha ainmean dhen aon seòrsa ann an Latharna agus Muile, a bharrachd air Nirribhidh agus Innis Tìle.

Tha Longships on the Sand làn fiosrachadh inntinneach mar sin, a bharrachd air eachdraidh shòisealta Thiriodh. Mo bheannachd aig John Holliday airson a chuid saothrach.

Tiree placenames

English Beurla

Among the townships in Tiree, there is Balemartine. I was always of the opinion that the Martin in the name was St Martin of Tours in France. But the scholars are not certain who it was. The name appears initially as Balmartin on Blaeuʼs map in the seventeenth century.

Perhaps Martin was just one of the locals. There is a house in the village called ‘Martinʼs house’. A guy Martin was living there. The day his wife died, he himself suddenly passed away. Before that, he saw two coffins leaving the house at the same time. Apparently, he had the second sight.

I got the information about Balemartine from a book which came out earlier this year. The author, John Holliday, was a GP in Tiree for thirty years. He is fluent in Gaelic and he speaks it with a Tiree blas.

The book is called Longships on the Sand. It is about how the Vikings and the medieval folk settled the island and the place-names they created. The book is a work of great scholarship.

Tiree is good for work of that nature because the estate records of the Duke of Argyll, who owns it, go back more than three hundred years. And much collection of oral tradition was done there by the School of Scottish Studies.

You’ll understand that Balemartine is a Gaelic name. It appears that the place had an old Norse name. That was Sòrabaidh. Thatʼs still preserved in the name of the cemetery – Cladh Shòrabaidh – and in the name of the beach – Tràigh Shòrabaidh. Sòrabaidh is a Norse name meaning ‘township on marshy land’. Names of the same type are in Lorne and Mull, in addition to Norway and Iceland.

Longships on the Sand is full of interesting information like that, in addition to the social history of Tiree. My thanks [blessing] to John Holliday for his labour[s].

Ainmean-àite Thiriodh

Gaelic Gàidhlig

Am measg nam bailtean ann an Tiriodh, tha Baile Mhàrtainn. Bha mi riamh dhen bheachd gum b’ e am Màrtainn anns an ainm Naomh Màrtainn à Tours anns an Fhraing. Ach chan eil na sgoilearan cinnteach cò bha ann. Tha an t-àite a’ nochdadh an toiseach mar Balmartin air mapa Bhlaeu anns an t-seachdamh linn deug.

ʼS dòcha gum b’ e Màrtainn dìreach fear de mhuinntir an àite. Tha taigh anns a’ bhaile air a bheil Taigh Mhàrtainn. Bha fear Màrtainn a’ fuireach ann. An latha a chaochail a bhean, fhuair e fhèin bàs obann. Roimhe sin, chunnaic e dà chiste a’ fàgail an taighe aig an aon àm. A rèir choltais, bha an dà-shealladh aige.

Fhuair mi am fiosrachadh mu Bhaile Mhàrtainn à leabhar a thàinig a-mach na bu tràithe dhen bhliadhna seo. Bha an t-ùghdar, John Holliday, na dhotair-teaghlaich ann an Tiriodh fad trithead bliadhna. Tha e fileanta ann an Gàidhlig agus bruidhnidh e i le blas Thiriodh.

ʼS e ainm an leabhair Longships on the Sand. Tha e mu dheidhinn mar a rinn na Lochlannaich agus muinntir nam meadhan-aoisean tuineachadh san eilean, agus na h-ainmean-àite a chruthaich iad. ʼS e fìor obair sgoilearach a tha anns an leabhar.

Tha Tiriodh math airson obair de a leithid oir tha na clàran oighreachd aig Diùc Earra-Ghàidheal, leis a bheil e, a’ dol air ais còrr is trì cheud bliadhna. Agus chaidh tòrr obair cruinneachaidh de bheul-aithris a dhèanamh ann le Sgoil Eòlais na h-Alba.

Tuigidh sibh gur e ainm Gàidhlig a tha ann am Baile Mhàrtainn. Tha e coltach gun robh seann ainm Lochlannach air an aon àite. B’ e sin Sòrabaidh. Tha sin glèidhte fhathast ann an ainm a’ chladh – Cladh Shòrabaidh – agus ann an ainm na tràghad – Tràigh Shòrabaidh. Tha Sòrabaidh na ainm Lochlannach, a’ ciallachadh ‘baile air talamh bog’. Tha ainmean dhen aon seòrsa ann an Latharna agus Muile, a bharrachd air Nirribhidh agus Innis Tìle.

Tha Longships on the Sand làn fiosrachadh inntinneach mar sin, a bharrachd air eachdraidh shòisealta Thiriodh. Mo bheannachd aig John Holliday airson a chuid saothrach.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 953

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile