FaclairDictionary EnglishGàidhlig

658: The Caledonian Canal 658: An Canàl Cailleannach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Canàl Cailleannach

Gaelic Gàidhlig

Chaidh mi tron Chanàl Chailleannach as t-samhradh, agus abair gun do chòrd e rium. Bha an t-slighe brèagha air fad. Agus thachair mi ri daoine laghach. Bha gu leòr ann à dùthchannan eile a bharrachd air Alba.

Tha an Canàl Cailleannach gu math eachdraidheil. B’ e Seumas Watt a rinn a’ chiad shuirbhidh airson canàl tron Ghleann Mhòr ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773). Ach ʼs ann trithead bliadhna an dèidh sin a chaidh achd air a shon tron Phàrlamaid. Chuir sin airgead mu choinneimh a’ phròiseict. Thug an riaghaltas cead don einnseanair, Tòmas Telford, an canàl a dhealbhachadh. Rinn e sin cuide ri fear Uilleam Jessop gus an do chaochail Jessop ann an ochd ceud deug is ceithir-deug(1814). An uair sin, rinn Telford an còrr leis fhèin.

Bha Telford am measg an luchd-einnseanairidh a b’ ainmeile ri a linn. Rugadh e ann an seachd ceud deug, caogad ʼs a seachd (1757) ann an Eskdale ann an Siorrachd Dhùn Phris. Chaochail athair nuair a bha Tòmas na leanabh. Bha an gille òg air a thogail le a mhàthair ann am bochdainn. Dh’ionnsaich e clachaireachd an toiseach, ach bha e airson a bhith na ailtire. Chaidh e a Lunnainn agus an uair sin gu Shropshire.

Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a trì (1793) chaidh Telford an sàs ann an dealbhachadh chanàlaichean. Am measg sin bha amaran-uisge ann an Sasainn agus sa Chuimrigh a bha air an dèanamh de dh’iarann. Tha iad fhathast mar phàirt de shiostam nan canàlaichean an-diugh. An uair sin am pròiseact mòr – an Canàl Cailleannach, a thug còrr is fichead bliadhna.

Bha an riaghaltas an dòchas an toiseach nach toireadh am pròiseact ach seachd bliadhna, seach fichead. Agus bha iad an dùil gun cosgadh e ceithir cheud is seachdad mìle not. Aig a’ cheann thall, chosg e naoi ceud mìle not.

Thòisich sgioba aig gach ceann aig an aon àm. Bha e na b’ fhasa an uair sin stuth a thoirt don àite-obrach nuair a bha gach pìos dheth deiseil. An ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh tuilleadh mun phròiseact iongantach seo.

The Caledonian Canal

English Beurla

Canal in the summer, and I really enjoyed it. The whole route was beautiful. And I met nice people. Many were from other countries in addition to Scotland.

The Caledonian Canal is very historic. It’s James Watt that made the first survey for a canal through the Great Glen in 1773. But it’s thirty years after that that an act for it went through the Parliament. That allocated funding for the project. The government gave permission to the engineer, Thomas Telford, to design the canal. He did that along with Willam Jessop until Jessop died in 1814. Then Telford did the rest by himself.

Telford was among the most famous engineers of his day. He was born in 1757 in Eskdale in Dumfriesshire. His father died when Thomas was a baby. The young lad was raised by his mother in poverty. He learned masonry to begin with, but he wanted to be an architect. He went to London and then to Shropshire.

In 1793, Telford got involved in designing canals. Among those were aqueducts in England and Wales that were made of iron. They are still part of the canal system today. Then the big project – the Caledonain Canal, which lasted more than twenty years.

The government was initially hoping that the project would only last seven years, rather than twenty. And they expected it to cost four hundred and seventy thousand pounds. In the end it cost nine hundred thousand pounds.

A team began at each end at the same time. It was easier then to transport material to the workplace when each part of it was finished. Next week, I’ll tell you more about this amazing project.

An Canàl Cailleannach

Gaelic Gàidhlig

Chaidh mi tron Chanàl Chailleannach as t-samhradh, agus abair gun do chòrd e rium. Bha an t-slighe brèagha air fad. Agus thachair mi ri daoine laghach. Bha gu leòr ann à dùthchannan eile a bharrachd air Alba.

Tha an Canàl Cailleannach gu math eachdraidheil. B’ e Seumas Watt a rinn a’ chiad shuirbhidh airson canàl tron Ghleann Mhòr ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773). Ach ʼs ann trithead bliadhna an dèidh sin a chaidh achd air a shon tron Phàrlamaid. Chuir sin airgead mu choinneimh a’ phròiseict. Thug an riaghaltas cead don einnseanair, Tòmas Telford, an canàl a dhealbhachadh. Rinn e sin cuide ri fear Uilleam Jessop gus an do chaochail Jessop ann an ochd ceud deug is ceithir-deug(1814). An uair sin, rinn Telford an còrr leis fhèin.

Bha Telford am measg an luchd-einnseanairidh a b’ ainmeile ri a linn. Rugadh e ann an seachd ceud deug, caogad ʼs a seachd (1757) ann an Eskdale ann an Siorrachd Dhùn Phris. Chaochail athair nuair a bha Tòmas na leanabh. Bha an gille òg air a thogail le a mhàthair ann am bochdainn. Dh’ionnsaich e clachaireachd an toiseach, ach bha e airson a bhith na ailtire. Chaidh e a Lunnainn agus an uair sin gu Shropshire.

Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a trì (1793) chaidh Telford an sàs ann an dealbhachadh chanàlaichean. Am measg sin bha amaran-uisge ann an Sasainn agus sa Chuimrigh a bha air an dèanamh de dh’iarann. Tha iad fhathast mar phàirt de shiostam nan canàlaichean an-diugh. An uair sin am pròiseact mòr – an Canàl Cailleannach, a thug còrr is fichead bliadhna.

Bha an riaghaltas an dòchas an toiseach nach toireadh am pròiseact ach seachd bliadhna, seach fichead. Agus bha iad an dùil gun cosgadh e ceithir cheud is seachdad mìle not. Aig a’ cheann thall, chosg e naoi ceud mìle not.

Thòisich sgioba aig gach ceann aig an aon àm. Bha e na b’ fhasa an uair sin stuth a thoirt don àite-obrach nuair a bha gach pìos dheth deiseil. An ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh tuilleadh mun phròiseact iongantach seo.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 962

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile