FaclairDictionary EnglishGàidhlig

888: 'Leum' in Place names (1) 888: 'Leum' ann an Ainmean-àite (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

'Leum' ann an Ainmean-àite (1)

Gaelic Gàidhlig

Dh’inns mi dhuibh mu Leum MhicGriogair, MacGregor’s Leap, ann an Litir Bheag 321. Tha e air Abhainn Lìomhann, faisg air Fartairchill ann an Siorrachd Pheairt. An turas mu dheireadh a bha mi ann an Siorrachd Pheairt, chaidh mi ann. Chan eil fhios a’m dè cho fada ʼs a bhiodh an leum bho chreag gu creag. Ach, gu dearbh fhèin, cha bhithinn fhìn ga fheuchainn!

Thug e orm beachdachadh air cho tric ʼs a bhios am facal ‘leum’ a’ nochdadh air mapaichean na Gàidhealtachd. Mar eisimpleir, air cladach sear Dhiùra, tha rubha air a bheil Leum Beathaig. Ann am Beurla, ʼs e sin ‘Sophia’s Leap’. Ann an Ros an Iar, deas air Ullapul, tha Leum Ruairidh no ‘Rorie’s leap’. Tha e air abhainn faisg air eas.

Ann am Beinn a’ Bhaoghla, deas air Baile a’ Mhanaich, tha loch ann air a bheil Loch Leum Croisdaig air na mapaichean. Chan eil an t-ainm a’ ciallachadh dad dhomh. Tha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gu bheil e mearachdach. Air a’ chiad mhapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais, ʼs e Loch Leum Criosdaig a bh’ air an loch. ʼS dòcha gur e Crìosdaig, le ‘i’ fada a bu chòir a bhith ann.

Seo na tha sgrìobhte ann an Leabhar nan Ainmean: ‘Meaning Christopher’s Leap Loch ... applied to a small loch ... to the north-west of Loch Eilean Iain. A marshy channel connects the two lochs’. Air an t-seann mhapa, ʼs e Leum Criosdaig no Crìosdaig a tha air an amar eadar an dà loch.

Ann an Gleann Peathain ann an Loch Abar, tha Lochan Leum an t-Sagairt. ʼS dòcha gu bheil an t-ainm a’ dol air ais don linn nuair a bha an Creideamh Caitligeach ann an cunnart, agus na sagartan ag obair ann an dìomhaireachd.

Uaireannan, ʼs e ainmhidh, seach duine a tha air ainmeachadh anns an ainm-àite. Anns a’ Chòigich, tuath air Ullapul, tha Leum an Fhèidh ‘the leap of the deer’. Tha e ri taobh na mara. Ann an Ceann Tìre, tha Abhainn Leum nam Meann ‘the river of the jump of the kid goats’. Nach snog an t-ainm sin?!

'Leum' in Place names (1)

English Beurla

I told you about MacGregor’s Leap in Litir Bheag 321. It’s on the River Lyon, near Fortingall in Perthshire. The last time I was in Perthshire, I went there. I don’t know how far the leap would be from rock to rock. But, certainly, I wouldn’t try it myself!

It made me think about how often the word ‘leum’ appears on maps of the Highlands. For example, on the east coast of Jura, there is a point called Leum Beathaig. In English, that is ‘Sophia’s Leap’. In Wester Ross, south of Ullapool, there is Leum Ruairidh or ‘Rorie’s Leap’. It’s on a river near a waterfall.

In Benbecula, south of Balivanich, there is a loch called Loch Leum Croisdaig on the maps. The name means nothing to me. I think that it is perhaps a mistake. On the Ordnance Survey’s first six-inch map, the loch was called Loch Leum Criosdaig. Perhaps it should be Crìosdaig with a long ‘i’.

Here’s what is written in the Name Book: ‘Meaning Christopher’s Leap Loch ... applied to a small loch ... to the north-west of Loch Eilean Iain. A marshy channel connects the two lochs’. On the old map, the loch bears the name Leum Criosdaig or Crìosdaig.

In Glen Pean in Lochaber there is Lochan Leum an t-Sagairt ‘the lochan of the leap of the priest’. Perhaps the name goes back to the time when the Catholic religion was under threat, and priests working in secret.

Sometimes, it’s an animal rather than a person that is named in the place-name. In Coigach, north of Ullapool, there is Leum an Fhèidh ‘the leap of the deer’. It’s next to the sea. In Kintyre, there is Abhainn Leum nam Meann ‘the river of the jump of the kid goats’. Isn’t that a lovely name?!

'Leum' ann an Ainmean-àite (1)

Gaelic Gàidhlig

Dh’inns mi dhuibh mu Leum MhicGriogair, MacGregor’s Leap, ann an Litir Bheag 321. Tha e air Abhainn Lìomhann, faisg air Fartairchill ann an Siorrachd Pheairt. An turas mu dheireadh a bha mi ann an Siorrachd Pheairt, chaidh mi ann. Chan eil fhios a’m dè cho fada ʼs a bhiodh an leum bho chreag gu creag. Ach, gu dearbh fhèin, cha bhithinn fhìn ga fheuchainn!

Thug e orm beachdachadh air cho tric ʼs a bhios am facal ‘leum’ a’ nochdadh air mapaichean na Gàidhealtachd. Mar eisimpleir, air cladach sear Dhiùra, tha rubha air a bheil Leum Beathaig. Ann am Beurla, ʼs e sin ‘Sophia’s Leap’. Ann an Ros an Iar, deas air Ullapul, tha Leum Ruairidh no ‘Rorie’s leap’. Tha e air abhainn faisg air eas.

Ann am Beinn a’ Bhaoghla, deas air Baile a’ Mhanaich, tha loch ann air a bheil Loch Leum Croisdaig air na mapaichean. Chan eil an t-ainm a’ ciallachadh dad dhomh. Tha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gu bheil e mearachdach. Air a’ chiad mhapa sia-òirlich aig an t-Suirbhidh Òrdanais, ʼs e Loch Leum Criosdaig a bh’ air an loch. ʼS dòcha gur e Crìosdaig, le ‘i’ fada a bu chòir a bhith ann.

Seo na tha sgrìobhte ann an Leabhar nan Ainmean: ‘Meaning Christopher’s Leap Loch ... applied to a small loch ... to the north-west of Loch Eilean Iain. A marshy channel connects the two lochs’. Air an t-seann mhapa, ʼs e Leum Criosdaig no Crìosdaig a tha air an amar eadar an dà loch.

Ann an Gleann Peathain ann an Loch Abar, tha Lochan Leum an t-Sagairt. ʼS dòcha gu bheil an t-ainm a’ dol air ais don linn nuair a bha an Creideamh Caitligeach ann an cunnart, agus na sagartan ag obair ann an dìomhaireachd.

Uaireannan, ʼs e ainmhidh, seach duine a tha air ainmeachadh anns an ainm-àite. Anns a’ Chòigich, tuath air Ullapul, tha Leum an Fhèidh ‘the leap of the deer’. Tha e ri taobh na mara. Ann an Ceann Tìre, tha Abhainn Leum nam Meann ‘the river of the jump of the kid goats’. Nach snog an t-ainm sin?!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1192

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile