FaclairDictionary EnglishGàidhlig

256: The King and The Foal (1) 256: An Rìgh agus an Searrach (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Rìgh agus an Searrach (1)

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh seann stòiridh – An Rìgh agus an Searrach. Tha searrach a’ ciallachadh “each òg”.

Bha duine ann uaireigin. Chaidh e a-mach air an rìgh. Chaochail a bhean. Bha e fhèin ’s a nighean a’ fuireach còmhla. Bha a nighean uabhasach seòlta.

Chuir an rìgh fios air an duine. Chaidh an duine don chaisteal. “Thig an seo a-màireach,” thuirt an rìgh, “agus inns dhomh dè an rud as pailte air an t-saoghal.”

Chaidh an duine dhachaigh.

“Can ris an rìgh,” thuirt a nighean, “nach eil sìon ann a tha cho pailt ris na taobhan.”

“A bheil thu fhèin a’ smaoineachadh sin?” ars esan.

“Tha, athair,” ars ise. “Airson gach rud air an t-saoghal tha co-dhiù dà thaobh aige. An taobh a-staigh ’s an taobh a-muigh. An taobh àrd ’s an taobh ìosal. An taobh thall ’s an taobh a-bhos.”

Bha an duine riaraichte. An ath mhadainn chaidh e don chaisteal.

“Uill,” thuirt an rìgh, “dè an rud as pailte air an t-saoghal?”

“Chan eil sìon air an t-saoghal cho pailt ris na taobhan,” ars an duine. “Cho pailt ’s a tha rud sam bith, tha a thaobhan nas pailte.”

“Tha mi riaraichte,” ars an rìgh. “Ach bi an seo a-màireach, agus inns dhomh dè an rud as beartaiche air an t-saoghal.”

Dh’fhalbh an duine. Bha dragh air.

“Can ris an rìgh,” ars a nighean, “nach eil sìon air an t-saoghal cho beartach ris a’ mhuir.”

“A bheil thu fhèin a’ smaoineachadh sin?” ars esan.

“Tha, athair,” ars ise. “Tha a’ mhuir fada nas motha na rud sam bith air an talamh. Tha barrachd innte dhen a h-uile rud.”

Bha an duine riaraichte. An ath mhadainn chaidh e don chaisteal.

“Uill,” thuirt an rìgh, “dè an rud as beartaiche air an t-saoghal?”

“Chan eil sìon air an t-saoghal cho beartach ris a’ mhuir,” ars an duine. Agus mhìnich e carson. Bha an rìgh riaraichte. Ach thuirt e, “Thig an seo a-màireach. Mura h-inns thu dhomh gu dè as luaithe a tha air an t-saoghal caillidh thu do cheann.”

Agus càite a bheil an searrach anns an stòiridh? A, uill, nochdaidh e an ath-sheachdain.

The King and The Foal (1)

English Beurla

Here is an old story – “The King and the Foal”. Searrach means “a young horse”.

There was once a man. He fell out with the king. His wife died. He and his daughter were living together. His daughter was very crafty.

The king sent for the man. The man went to the castle. “Come here tomorrow,” said the king, “and tell me what thing is most plentiful in the world.”

The man went home.

“Tell the king,” said his daughter, “that there’s nothing as plentiful as the sides.”

“Do you think that yourself?” he said.

“Yes, father,” she said. “Everything in the world has at least two sides. The inside and the outside. The top side and the bottom side. The faraway side and the near side.”

The man was satisfied. Next morning he went to the castle.

“Well,” said the king, “what is the most plentiful thing in the world?

“There’s nothing in the world so plentiful as the sides,” said the man. “However numerous anything is, its sides are more numerous.”

“I’m satisfied,” said the king. “But be here tomorrow, and tell me what thing is the richest in the world.”

The man left. He was upset.

“Tell the king,” said his daughter, “that there is nothing in the world as rich as the sea.”

“Do you think that yourself?” he said.

“Yes, father,” she said. “The sea is much larger than anything on the land. There is more in it of everything.”

The man was satisfied. The next morning he went to the castle.

“Well,” said the king, “what thing is the richest in the world?”

“There is nothing in the world as rich as the sea,” said the man. And he explained why. The king was satisfied. But he said, “Come here tomorrow. If you don’t tell what is the swiftest thing in the world, you’ll lose your head.”

And where is the foal in the story? Ah, well, he appears next week.

An Rìgh agus an Searrach (1)

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh seann stòiridh – An Rìgh agus an Searrach. Tha searrach a’ ciallachadh “each òg”.

Bha duine ann uaireigin. Chaidh e a-mach air an rìgh. Chaochail a bhean. Bha e fhèin ’s a nighean a’ fuireach còmhla. Bha a nighean uabhasach seòlta.

Chuir an rìgh fios air an duine. Chaidh an duine don chaisteal. “Thig an seo a-màireach,” thuirt an rìgh, “agus inns dhomh dè an rud as pailte air an t-saoghal.”

Chaidh an duine dhachaigh.

“Can ris an rìgh,” thuirt a nighean, “nach eil sìon ann a tha cho pailt ris na taobhan.”

“A bheil thu fhèin a’ smaoineachadh sin?” ars esan.

“Tha, athair,” ars ise. “Airson gach rud air an t-saoghal tha co-dhiù dà thaobh aige. An taobh a-staigh ’s an taobh a-muigh. An taobh àrd ’s an taobh ìosal. An taobh thall ’s an taobh a-bhos.”

Bha an duine riaraichte. An ath mhadainn chaidh e don chaisteal.

“Uill,” thuirt an rìgh, “dè an rud as pailte air an t-saoghal?”

“Chan eil sìon air an t-saoghal cho pailt ris na taobhan,” ars an duine. “Cho pailt ’s a tha rud sam bith, tha a thaobhan nas pailte.”

“Tha mi riaraichte,” ars an rìgh. “Ach bi an seo a-màireach, agus inns dhomh dè an rud as beartaiche air an t-saoghal.”

Dh’fhalbh an duine. Bha dragh air.

“Can ris an rìgh,” ars a nighean, “nach eil sìon air an t-saoghal cho beartach ris a’ mhuir.”

“A bheil thu fhèin a’ smaoineachadh sin?” ars esan.

“Tha, athair,” ars ise. “Tha a’ mhuir fada nas motha na rud sam bith air an talamh. Tha barrachd innte dhen a h-uile rud.”

Bha an duine riaraichte. An ath mhadainn chaidh e don chaisteal.

“Uill,” thuirt an rìgh, “dè an rud as beartaiche air an t-saoghal?”

“Chan eil sìon air an t-saoghal cho beartach ris a’ mhuir,” ars an duine. Agus mhìnich e carson. Bha an rìgh riaraichte. Ach thuirt e, “Thig an seo a-màireach. Mura h-inns thu dhomh gu dè as luaithe a tha air an t-saoghal caillidh thu do cheann.”

Agus càite a bheil an searrach anns an stòiridh? A, uill, nochdaidh e an ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 560

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile