FaclairDictionary EnglishGàidhlig

323: Reaching the House of the Old Man (2) 323: A’ Ruigsinn Taigh nam Bodach (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A’ Ruigsinn Taigh nam Bodach (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Thaigh nam Bodach – no Taigh na Cailliche – ann an Gleann Cailliche ann an Siorrachd Pheairt. Tha iomadh ciall air an fhacal cailleach. Seo na tha aig Dwelly: old woman, nun agus supernatural or malign influence dwelling in dark caves, woods and corries. Tha iomadh stòiridh againn mu na cailleachan a bha a’ fuireach anns na beanntan. Lorg mi còrr is ceud ainm-àite ann an Alba anns a bheil am facal ‘cailleach’.

Chruinnich an t-eòlaiche Anna Ros beul-aithris mun Chaillich. Tha i ag ràdh gur e seann chleachdadh a tha ann. Sgrìobh i mu ‘the genuine antiquity of the cult’. Bha muinntir an àite a’ coimhead air a’ Chaillich mar spiorad coibhneil.

Seo an stòiridh a fhuair Anna Ros à beul-aithris: Air droch latha geamhraidh o chionn fhada, bha cur-is-cathadh ann. Thàinig fear agus bean sìos far beinn anns a’ ghleann. Bha iad anabarrach mòr.

Dh’iarr iad fasgadh is aoigheachd bho mhuinntir an àite. Fhuair iad sin. Bha na daoine coibhneil dhaibh. Thog iad taigh-tughaidh dhaibh. Thug sin toileachas don fhear is bean.

Bha am boireannach trom le leanabh. Rugadh nighean dhi. Bha an aimsir an-còmhnaidh fàbharach nuair a bha an teaghlach a’ fuireach anns a’ ghleann. Bha an sprèidh fallain. Bha am bàrr math.

Ach thàinig latha nuair a bha aig an teaghlach ri falbh. Thug iad gealltanas seachad. Thuirt iad, nam biodh an taigh aca air a chumail an òrdugh, agus nam biodh muinntir an àite gan cumail an cuimhne, gum biodh na geamhraidhean ciùin agus na samhraidhean blàth.

Mar chuimhneachan air a h-uile càil a thachair, chaidh ‘taigh’ beag a thogail. Tha e ann an cruth an taigh-tughaidh a bha aig an teaghlach. Aig a’ Bhealltainn a h-uile bliadhna, bha na trì clachan, a bha a’ riochdachadh nan trì “diathan” – a’ Chailleach, am Bodach agus an Nighean – air an toirt a-mach.

Air an latha ro Oidhche Shamhna, bha iad air an cur a-steach a-rithist. Bha sin airson an cumail blàth is cofhurtail fad a’ gheamhraidh. Agus tha an cleachdadh a’ dol fhathast.

Reaching the House of the Old Man (2)

English Beurla

I was telling you about Taigh nam Bodach – or Taigh na Cailliche – in Gleann Cailliche in Perthshire. The word cailleach can mean many things. Here’s what Dwelly has: old woman, nun and supernatural or malign influence dwelling in dark caves, woods and corries. We have many stories about the cailleachs who were living in the mountains. I [have] found more than a hundred place names in Scotland in which there is the word ‘cailleach’.

The scholar Anne Ross collected oral tradition about the Cailleach. She says it was an old practice. She wrote about ‘the genuine antiquity of the cult’. The local people were looking upon the Cailleach as a kindly spirit.

Here is the story Anne Ross got from oral tradition: One terrible winter’s day a long time ago, there was snow and blizzards. A man and woman came down from a mountain in the glen. They were incredibly large.

They asked the local people for shelter and hospitality. They got that. The people were kind to them. They built them a thatched house. The man and woman were pleased.

The woman was expecting a child. She gave birth to a daughter. The weather was always favourable when the family were living in the glen. The livestock were healthy. The crops were good.

But a day came when the family had to leave. They made a promise. They said, if their house were kept in order, and if the local people kept them in [their] memory, that the winters would be calm and the summers warm..

In memory of everything that happened a small ‘house’ was built. It was in the shape of the thatched house the family had had. At Beltane every year, the three stones, that were representing the three ‘gods’ – the Cailleach, Bodach and Nighean – were brought out..

During the day before Halloween, they were put inside again. That was in order to keep them warm and comfortable during the winter. And the practice is still carried on today.

A’ Ruigsinn Taigh nam Bodach (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Thaigh nam Bodach – no Taigh na Cailliche – ann an Gleann Cailliche ann an Siorrachd Pheairt. Tha iomadh ciall air an fhacal cailleach. Seo na tha aig Dwelly: old woman, nun agus supernatural or malign influence dwelling in dark caves, woods and corries. Tha iomadh stòiridh againn mu na cailleachan a bha a’ fuireach anns na beanntan. Lorg mi còrr is ceud ainm-àite ann an Alba anns a bheil am facal ‘cailleach’.

Chruinnich an t-eòlaiche Anna Ros beul-aithris mun Chaillich. Tha i ag ràdh gur e seann chleachdadh a tha ann. Sgrìobh i mu ‘the genuine antiquity of the cult’. Bha muinntir an àite a’ coimhead air a’ Chaillich mar spiorad coibhneil.

Seo an stòiridh a fhuair Anna Ros à beul-aithris: Air droch latha geamhraidh o chionn fhada, bha cur-is-cathadh ann. Thàinig fear agus bean sìos far beinn anns a’ ghleann. Bha iad anabarrach mòr.

Dh’iarr iad fasgadh is aoigheachd bho mhuinntir an àite. Fhuair iad sin. Bha na daoine coibhneil dhaibh. Thog iad taigh-tughaidh dhaibh. Thug sin toileachas don fhear is bean.

Bha am boireannach trom le leanabh. Rugadh nighean dhi. Bha an aimsir an-còmhnaidh fàbharach nuair a bha an teaghlach a’ fuireach anns a’ ghleann. Bha an sprèidh fallain. Bha am bàrr math.

Ach thàinig latha nuair a bha aig an teaghlach ri falbh. Thug iad gealltanas seachad. Thuirt iad, nam biodh an taigh aca air a chumail an òrdugh, agus nam biodh muinntir an àite gan cumail an cuimhne, gum biodh na geamhraidhean ciùin agus na samhraidhean blàth.

Mar chuimhneachan air a h-uile càil a thachair, chaidh ‘taigh’ beag a thogail. Tha e ann an cruth an taigh-tughaidh a bha aig an teaghlach. Aig a’ Bhealltainn a h-uile bliadhna, bha na trì clachan, a bha a’ riochdachadh nan trì “diathan” – a’ Chailleach, am Bodach agus an Nighean – air an toirt a-mach.

Air an latha ro Oidhche Shamhna, bha iad air an cur a-steach a-rithist. Bha sin airson an cumail blàth is cofhurtail fad a’ gheamhraidh. Agus tha an cleachdadh a’ dol fhathast.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 627

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile