FaclairDictionary EnglishGàidhlig

488: The Hump-backed Old Men and the Fairies 488: Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh an t-seann sgeulachd Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean.

Bha dithis bhodach a’ fuireach anns an aon ghleann. Bha iad le chèile crotach. Bha iad a’ gabhail turas mu seach gach Didòmhnaich a dhol a chèilidh air a chèile. Air an rathad eatarra, bha coille.

Didòmhnaich a bha seo, bha fear de na bodaich air chuairt. Nuair a bha e faisg air sìthean anns a’ choille, chuala e guthan. Bha na sìthichean anns an t-sìthean a’ gabhail òran. Chaidh e mar seo: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt. Sheinn iad e a-rithist agus a-rithist.

Chaidh am bodach na b’ fhaisge air an t-sìthean. Chuir e a cheann a-steach. ‘Dè tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear de na sìthichean.

‘Chan eil sibh eòlach air na faclan gu lèir airson an òrain,’ ars am bodach. ‘Tha iad agam, ge-tà. Ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma, innsidh mi dhuibh an ath phìos dhen òran.’

‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean. Agus thòisich am bodach air seinn: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain.

Bha na sìthichean toilichte agus thug iad taing mhòr don bhodach. Fhad ’s a bha e a’ coiseachd air falbh bhon t-sìthean, dh’fhalbh a’ chroit. Bha am bodach a-nise cho dìreach ri saighead. Choisich e gu taigh a charaid. Cha b’ urrainn don bhodach eile an gnothach a chreidsinn. Bha esan airson faighinn cuidhteas na croite aige fhèin.

An ath Dhidòmhnaich chaidh an dàrna bodach air chuairt tron choille. Nuair a ràinig e an sìthean, bha na sìthichean a’ gabhail òran: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain. A-rithist ’s a-rithist. Chuir am bodach a cheann a-steach.

‘De tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear dhiubh.

Chan eil sibh eòlach air na faclan gu lèir,’ ars am bodach. ‘Tha iad agam, ge-tà. Ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma, innsidh mi dhuibh iad.’

‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean. Agus sheinn am bodach: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain, Diardaoin ’s Dihaoine.

Ach cha do chòrd sin ris na sìthichean idir. ‘Mhill thu an t-òran againn,’ dh’èigh iad. ‘A-mach à seo leat!’ Agus nuair a theich am bodach fhuair e a-mach gun robh croit a’ bhodaich eile air fàs air a dhruim-san cuideachd. Bha e a-nise dà-chrotach!

The Hump-backed Old Men and the Fairies

English Beurla

Here is the old story The Humpbacked Old Men and the Fairies.

Two old men were living in the same glen. They were both humpbacked. They were taking turns every Sunday to visit each other. On the route between them was a forest.

One particular Sunday, one of the old men was on his walk. When he was near a fairy hillock in the forest, he heard voices. The fairies in the hillock were singing a song. It went like this: Monday, Tuesday, Monday, Tuesday, Monday, Tues-day. They sang it again and again.

The old man went closer to the fairy hillock. He stuck his head inside. ‘What do you want?’ said one of the fairies.

‘You don’t know all the words for the song,’ said the old man. ‘I know them, however. If you remove the hump from my back, I’ll tell you the next part of the song.’

‘Go on, then!’ said the fairies. And the old man began to sing: Monday, Tuesday, Monday, Tuesday, Monday, Tuesday, Wednesday.

The fairies were pleased and they thanked the old man. While he was walking away from the hillock, the hump left him. The old man was now as straight as an arrow. He walked to his friend’s house. The other old man couldn’t believe the matter. He wanted to get rid of his own hump.

On the following Sunday the second old man went for his walk through the forest. When he reached the fairy hillock, the fairies were singing: Monday, Tuesday, Monday, Tuesday, Monday, Tuesday, Wednesday. Again and again. The old man put his head in.

What do you want?’ said one of them.

‘You don’t know all the words for the song,’ said the old man. ‘I know them, however. If you remove the hump from my back, I’ll tell you them.’

‘Go on, then!’ said the fairies. And the old man began to sing: Monday, Tuesday, Monday, Tuesday, Monday, Tuesday, Wednesday, Thursday, Friday.

But the fairies didn’t like that at all. ‘You wrecked our song,’ they shouted. ‘Get out of here!’ And when the old man left, he found out that the other man’s hump had grown on his back as well. He was now double-humped!

Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean

Gaelic Gàidhlig

Seo agaibh an t-seann sgeulachd Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean.

Bha dithis bhodach a’ fuireach anns an aon ghleann. Bha iad le chèile crotach. Bha iad a’ gabhail turas mu seach gach Didòmhnaich a dhol a chèilidh air a chèile. Air an rathad eatarra, bha coille.

Didòmhnaich a bha seo, bha fear de na bodaich air chuairt. Nuair a bha e faisg air sìthean anns a’ choille, chuala e guthan. Bha na sìthichean anns an t-sìthean a’ gabhail òran. Chaidh e mar seo: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt. Sheinn iad e a-rithist agus a-rithist.

Chaidh am bodach na b’ fhaisge air an t-sìthean. Chuir e a cheann a-steach. ‘Dè tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear de na sìthichean.

‘Chan eil sibh eòlach air na faclan gu lèir airson an òrain,’ ars am bodach. ‘Tha iad agam, ge-tà. Ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma, innsidh mi dhuibh an ath phìos dhen òran.’

‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean. Agus thòisich am bodach air seinn: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain.

Bha na sìthichean toilichte agus thug iad taing mhòr don bhodach. Fhad ’s a bha e a’ coiseachd air falbh bhon t-sìthean, dh’fhalbh a’ chroit. Bha am bodach a-nise cho dìreach ri saighead. Choisich e gu taigh a charaid. Cha b’ urrainn don bhodach eile an gnothach a chreidsinn. Bha esan airson faighinn cuidhteas na croite aige fhèin.

An ath Dhidòmhnaich chaidh an dàrna bodach air chuairt tron choille. Nuair a ràinig e an sìthean, bha na sìthichean a’ gabhail òran: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain. A-rithist ’s a-rithist. Chuir am bodach a cheann a-steach.

‘De tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear dhiubh.

Chan eil sibh eòlach air na faclan gu lèir,’ ars am bodach. ‘Tha iad agam, ge-tà. Ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma, innsidh mi dhuibh iad.’

‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean. Agus sheinn am bodach: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain, Diardaoin ’s Dihaoine.

Ach cha do chòrd sin ris na sìthichean idir. ‘Mhill thu an t-òran againn,’ dh’èigh iad. ‘A-mach à seo leat!’ Agus nuair a theich am bodach fhuair e a-mach gun robh croit a’ bhodaich eile air fàs air a dhruim-san cuideachd. Bha e a-nise dà-chrotach!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 792

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile