FaclairDictionary EnglishGàidhlig

58: The book of Matthew in the New Testament 58: Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Leabhar Mhata anns an Tiomnadh Nuadh

Gaelic Gàidhlig

Tha mo shùil air a’ Bhìoball. Tha mi a’ leughadh pìos de Leabhar Mhata. Tha sin anns an Tiomnadh Nuadh. Tha luchd-togail na cìse ann an Capernaum ag iarraidh air Peadar airgead a thoirt dhaibh. Tha Peadar a’ dol a-steach don taigh. Tha Ìosa a’ bruidhinn ris. Tha Ìosa ag iarraidh air Peadar dhol sìos don chladach.

“Tog a’ chiad iasg a thig a-nìos,” tha Ìosa ag ràdh. “Fosgail a bheul agus gheibh thu bonn airgid ann.” Tha Ìosa ag iarraidh air Peadar am bonn a thoirt do luchd-togail na cìse.

An aithne dhut an t-iasg ris an canar adag? Haddock ann am Beurla. Adag. Bha na seann daoine ag ràdh gur e iasg Pheadair a bh’ ann. Iasg Pheadair. Carson? Am bi iasgairean a’ lorg airgead ann am beòil adagan?!

Cha bhi. Ach tha dà bhall dhubh air an adaig. Tha fear air gach taobh dhen iasg. A rèir beul-aithris, dh’fhàg Peadar an dà bhall dhubh air an adaig. Rinn e na buill leis na corragan aige. Rinn e iad nuair a thog e an t-iasg airson an t-airgead a thoirt a-mach às a’ bheul aige.

Chuala mi an stòiridh sin aig seann bhoireannach nuair a bha mi òg. Bha i a’ fuireach air a’ Chomraich. Faisg air a’ Chomraich, bha àite ann aig muir a bha math math airson iasgach. ’S e Clach na h-Adaig an t-ainm a bh’ air. Bha mi a’ glacadh adaig ann. Ach bha mi cuideachd a’ glacadh seòrsa eile – a’ chaoiteag. Whiting ann am Beurla. A’ chaoiteag.

Tha an dà iasg sin car coltach ri chèile. Ach tha gob nas fhaide air a’ chaoiteig. Agus tha dà bhall dhubh air an adaig. “Ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig,” bha na seann daoine ag ràdh. Ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig.

Air Latha na Nollaige, anns an t-seann aimsir, bha na fir òga ann an Uibhist a’ dol a-mach ann am bàtaichean. Bha iad a’ cur dubhan sìos, mar a rinn Peadar anns a’ Bhìoball. Bha iad a’ toirt an èisg gu daoine bochda. ’S e an t-ainm a bh’ air sin Dèirce Pheadair. Peter’s Charity. Dèirce Pheadair.

Faclan is abairtean: Leabhar Mhata: The Book of Matthew; An Tiomnadh Nuadh: the New Testament; luchd-togail na cìse: the tax collectors; ag iarraidh air Peadar airgead a thoirt dhaibh: want Peter to give them money; tog a’ chiad iasg a thig a-nìos:lift up the first fish that comes up (from below); fosgail a bheul agus gheibh thu bonn airgid ann: open its mouth and you’ll get a coin there; an aithne dhut an t-iasg ris an canar?: do you know the fish called?; am bi iasgairean a’ lorg airgead ann am beòil adagan?: do fishermen find money in the mouths of haddock?; tha dà bhall dhubh air an adaig:there are two black spots on the haddock; corragan: fingers; chuala mi an stòiridh sin aig seann bhoireannach:I heard that story at [from] an old woman; faisg air a’ Chomraich: close to Applecross; bha àite ann aig muir:there was a place at sea; math math airson iasgach: excellent for fishing; ball dubh air an adaig, gob fad’ air a’ chaoiteig:black spot on the haddock, a long snout on the whiting; Latha na Nollaige: Christmas Day; anns an t-seann aimsir:in the old times; fir òga ann an Uibhist: young men in Uist; dubhan: hook; bha iad a’ toirt an èisg gu daoine bochda: they were giving the fish to poor people; Dèirce Pheadair: Peter’s Charity.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 362

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile