FaclairDictionary EnglishGàidhlig

611: Mythical Sea Creatures (2) 611: Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu chreutairean macmeanmnach na mara – an Cìrean Cròin agus an Cionaran-crò. Tha iad – no bha iad –uabhasach mòr. Bha iad ag ithe mhucan-mara. Thug mi an rann seo dhuibh|:

Seachd sgadain sàth bradain,

Seachd bradain sàth ròin,

Seachd ròin sàth muc-mhara bheag,

Seachd mucan-mara beaga, sàth muc-mhara mhòr,

Seachd mucan-mara mòra, sàth Cionarain-crò,

Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain.

Dh’inns fear à Nis ann an Leòdhas, Aonghas Gunnach, stòiridh mun Chionaran-chrò. Bha Aonghas ochdad ʼs a ceithir bliadhna a dh’aois. Fad ùine mhòr, bha e a’ fuireach ann an Rònaigh, eilean beag anns a’ chuan, tuath air Leòdhas. Seo an stòiridh aige.

O chionn fhada, thàinig Naomh Rònan a Leòdhas. Bha e airson na daoine a thoirt gu Crìosd. Thog e cealla bheag dha fhèin ann an Eòropaidh. Ach cha robh ùidh aig na daoine anns an teachdaireachd aige.

Bha Rònan a’ fàs sgìth dhen t-suidheachadh. Rinn e ùrnaigh a bhith air a thoirt air falbh bho Eòropaidh. Thàinig aingeal Dhè. Dh’iarr e air Rònan a dhol don laimrig. Bha an Cionaran-crò a’ feitheamh ris. Rinn Rònan air an laimrig. Bha an Cionaran-crò ann. Bha a dhà shùil a’ deàrrsadh mar rionnagan anns an iarmailt.

Chaidh Rònan air muin a’ Chionarain-chrò. Dh’fhalbh iad ag astar thar na mara. Ann am priobadh na sùla ràinig iad Rònaigh. Bha an t-eilean làn nathraichean, ghrìbheanan agus leomhann.

Cha do mhair na beathaichean annasach ann fada. Theich iad ron fhear naomh. Chaidh iad thar nan creagan chun na mara. ʼS e sin a dh’fhàg sgrìoban air na creagan ann an Rònaigh. Dh’fhàg na creutairean na sgrìoban len ìnean, agus iad a’ teicheadh. Bha an t-eilean a-nise sìtheil. Thog Rònan cealla ann dha fhèin.

Chan eil an stòiridh ag innse dhuinn dè thachair don Chionaran-chrò. ʼS dòcha gun do thill e don chuan mhòr. Agus dè mun chreutair eile anns an rann? Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain. Feumaidh gu bheil Mial Mhòr a’ Chuain iongantach mòr. ʼS dòcha gu bheil e math nach fhaca duine tè dhiubh ann an Alba airson ùine mhòr!

Mythical Sea Creatures (2)

English Beurla

I was telling you about imaginary marine creatures – the Cìrean Cròin and the Cionaran-crò. They are – or were – extremely large. I gave you this verse:

Seven herrings will fill a salmon,

Seven salmon will fill a seal,

Seven seals will fill a small whale,

Seven small whales will fill a large whale,

Seven large whales will fill a cionaran-crò,

Seven cionaran-crò will fill a great sea leviathan.

A man from Ness in Lewis, Angus Gunn, related a story about the Cionaran-crò. Angus was 84 years old. For a long time, he was living in Rona, a small island in the ocean, north of Lewis. Here is his story.

A long time ago, St Ronan came to Lewis. He wanted to bring the people to Christ. He built a small cell for himself in Eoropie. But the people were not interested in his message.

Ronan was getting fed up of the situation. He made a prayer to be taken away from Eoropie. An angel of God came. He asked Ronan to the boat landing place. The Cionaran-crò was waiting for him. Ronan went to the landing place. The Cionaran-crò was there. His two eyes were shining like stars in the heavens.

Ronan got on the back of the Cionaran-crò. They left at speed across the sea. In the twinkling of an eye, they reached Rona. The island was full of snakes, griuffons and lions.

Those unusual animals did not last there long. They fled before the holy man. They went over the rocks to the sea. That’s what left the scratches on the rocks on Rona. The creatures left the scratches with their claws when they were fleeing. The island was now peaceful. Ronan built a cell there for himself.

The story does not tell us what happened to the Cionaran-crò. Perhaps it returned to the great ocean. And what about the other creature in the verse? Seven cionaran-crò will fill a great sea leviathan. Mial Mhòr a’ Chuain must be an incredible size. Perhaps it’s just as well that nobody has seen one in Scotland for a long time!

Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu chreutairean macmeanmnach na mara – an Cìrean Cròin agus an Cionaran-crò. Tha iad – no bha iad –uabhasach mòr. Bha iad ag ithe mhucan-mara. Thug mi an rann seo dhuibh|:

Seachd sgadain sàth bradain,

Seachd bradain sàth ròin,

Seachd ròin sàth muc-mhara bheag,

Seachd mucan-mara beaga, sàth muc-mhara mhòr,

Seachd mucan-mara mòra, sàth Cionarain-crò,

Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain.

Dh’inns fear à Nis ann an Leòdhas, Aonghas Gunnach, stòiridh mun Chionaran-chrò. Bha Aonghas ochdad ʼs a ceithir bliadhna a dh’aois. Fad ùine mhòr, bha e a’ fuireach ann an Rònaigh, eilean beag anns a’ chuan, tuath air Leòdhas. Seo an stòiridh aige.

O chionn fhada, thàinig Naomh Rònan a Leòdhas. Bha e airson na daoine a thoirt gu Crìosd. Thog e cealla bheag dha fhèin ann an Eòropaidh. Ach cha robh ùidh aig na daoine anns an teachdaireachd aige.

Bha Rònan a’ fàs sgìth dhen t-suidheachadh. Rinn e ùrnaigh a bhith air a thoirt air falbh bho Eòropaidh. Thàinig aingeal Dhè. Dh’iarr e air Rònan a dhol don laimrig. Bha an Cionaran-crò a’ feitheamh ris. Rinn Rònan air an laimrig. Bha an Cionaran-crò ann. Bha a dhà shùil a’ deàrrsadh mar rionnagan anns an iarmailt.

Chaidh Rònan air muin a’ Chionarain-chrò. Dh’fhalbh iad ag astar thar na mara. Ann am priobadh na sùla ràinig iad Rònaigh. Bha an t-eilean làn nathraichean, ghrìbheanan agus leomhann.

Cha do mhair na beathaichean annasach ann fada. Theich iad ron fhear naomh. Chaidh iad thar nan creagan chun na mara. ʼS e sin a dh’fhàg sgrìoban air na creagan ann an Rònaigh. Dh’fhàg na creutairean na sgrìoban len ìnean, agus iad a’ teicheadh. Bha an t-eilean a-nise sìtheil. Thog Rònan cealla ann dha fhèin.

Chan eil an stòiridh ag innse dhuinn dè thachair don Chionaran-chrò. ʼS dòcha gun do thill e don chuan mhòr. Agus dè mun chreutair eile anns an rann? Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain. Feumaidh gu bheil Mial Mhòr a’ Chuain iongantach mòr. ʼS dòcha gu bheil e math nach fhaca duine tè dhiubh ann an Alba airson ùine mhòr!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 915

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile