FaclairDictionary EnglishGàidhlig

731: The Six Wee Bannocks (3) 731: Na Sia Bonnaich Bheaga (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Sia Bonnaich Bheaga (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a thoirt ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’ gu crìch. Bha nighean an fhamhair agus mac na banntraich air sgaradh bho chèile. Fhuair an nighean obair aig gobha. Bha i ann an riochd gille. Cha robh fios aig a’ ghobha gur e nighean a bha innte.

Lean an nighean oirre a choimhead airson an duine aice – mac na banntraich. Bha esan a-nise fo ghealladh-pòsaidh aig nighean an rìgh. Bhon a fhuair e pòg bho chù, cha robh cuimhne aige air nighean an fhamhair.

Latha a bha seo, thàinig fios mu bhanais nighean an rìgh. Chaidh iarraidh air a’ ghobha agus a nighean a bhith ann. Rinn nighean an fhamhair coileach òir agus cearc airgid mar thiodhlac bainnse. Nuair a chaidh i don bhanais, chuir i an coileach òir agus a’ chearc airgid air bòrd mu choinneamh fear na bainnse. Bha daoine a’ gabhail iongantas.

Thug an nighean gràinne eòrna à poca. Thilg i air a’ bhòrd i. Dh’ith an coileach i is thug e criomag às a’ chirc. ‘Gog, gog,’ thuirt a’ chearc. ‘Nam biodh cuimhne agad air an latha a chairt mise na seachd bàthaichean aig an fhamhair, cha dèanadh tu sin orm.’

Thug an nighean gràinne eòrna eile à poca. Thilg i air a’ bhòrd i. Dh’ith an coileach i is thug e criomag às a’ chirc. ‘Gog, gog,’ thuirt a’ chearc. ‘Nam biodh cuimhne agad air an latha a thugh mi na seachd bàthaichean, cha dèanadh tu sin orm.’

Thug an nighean treas gràinne eòrna à poca. Thilg i air a’ bhòrd i. Dh’ith an coileach i is thug e criomag às a’ chirc. ‘Gog, gog,’ thuirt a’ chearc. ‘Nam biodh cuimhne agad air an latha a rug mise air an each, cha dèanadh tu sin orm.’

Dh’aithnich an gille nighean an fhamhair. Bha cuimhne aige oirre a-rithist. Leum e thar a’ bhùird. Thuirt e rithe gun robh gaol aige oirre. Dh’fhàg e nighean an rìgh.

Phòs mac na banntraich agus nighean an fhamhair. Dh’fhalbh iad a dh’fhuireach ann an taigh an fhamhair. Agus mura robh iad sona còmhla, cha chuala mi guth air.

The Six Wee Bannocks (3)

English Beurla

I’m going to conclude ‘The Six Wee Bannocks’. The giant’s daughter and the widow’s son had separated from each other. The daughter got work with a blacksmith. She was disguised as a boy. The smith didn’t know she was a girl.

The girl continued to look for her husband – the widow’s son. He was now engaged to the king’s daughter. Since he had got a kiss from a dog, he couldn’t remember the giant’s daughter.

One day, information came about the king’s daughter’s wedding. The smith and the girl were instructed to be there. The giant’s daughter made a golden cockerel and a silver hen as a wedding present. When she went to the wedding, she put the golden cockerel and the silver hen on a table opposite the bridegroom.

The girl took a barley grain from her pocket. She threw it on the table. The cockerel ate it and he pecked the hen. ‘Cluck, cluck,’ said the hen. ‘If you remembered the day I mucked out the giant’s seven byres, you wouldn’t do that to me.’

The girl took another barley grain from her pocket. She threw it on the table. The cockerel ate it and he pecked the hen. ‘Cluck, cluck,’ said the hen. ‘If you remembered the day I thatched the seven byres, you wouldn’t do that to me.’

The girl took a third barley grain from her pocket. She threw it on the table. The cockerel ate it and he pecked the hen. ‘Cluck, cluck,’ said the hen. ‘If you remembered the day I caught the horse, you wouldn’t do that to me.’

The lad recognised the giant’s daughter. He could remember her again. He leaped over the table. He told her he loved her. He left the king’s daughter.

The widow’s son married the giant’s daughter. They left to live in the giant’s house. And if they were not happy together, I never heard of it.

Na Sia Bonnaich Bheaga (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a thoirt ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’ gu crìch. Bha nighean an fhamhair agus mac na banntraich air sgaradh bho chèile. Fhuair an nighean obair aig gobha. Bha i ann an riochd gille. Cha robh fios aig a’ ghobha gur e nighean a bha innte.

Lean an nighean oirre a choimhead airson an duine aice – mac na banntraich. Bha esan a-nise fo ghealladh-pòsaidh aig nighean an rìgh. Bhon a fhuair e pòg bho chù, cha robh cuimhne aige air nighean an fhamhair.

Latha a bha seo, thàinig fios mu bhanais nighean an rìgh. Chaidh iarraidh air a’ ghobha agus a nighean a bhith ann. Rinn nighean an fhamhair coileach òir agus cearc airgid mar thiodhlac bainnse. Nuair a chaidh i don bhanais, chuir i an coileach òir agus a’ chearc airgid air bòrd mu choinneamh fear na bainnse. Bha daoine a’ gabhail iongantas.

Thug an nighean gràinne eòrna à poca. Thilg i air a’ bhòrd i. Dh’ith an coileach i is thug e criomag às a’ chirc. ‘Gog, gog,’ thuirt a’ chearc. ‘Nam biodh cuimhne agad air an latha a chairt mise na seachd bàthaichean aig an fhamhair, cha dèanadh tu sin orm.’

Thug an nighean gràinne eòrna eile à poca. Thilg i air a’ bhòrd i. Dh’ith an coileach i is thug e criomag às a’ chirc. ‘Gog, gog,’ thuirt a’ chearc. ‘Nam biodh cuimhne agad air an latha a thugh mi na seachd bàthaichean, cha dèanadh tu sin orm.’

Thug an nighean treas gràinne eòrna à poca. Thilg i air a’ bhòrd i. Dh’ith an coileach i is thug e criomag às a’ chirc. ‘Gog, gog,’ thuirt a’ chearc. ‘Nam biodh cuimhne agad air an latha a rug mise air an each, cha dèanadh tu sin orm.’

Dh’aithnich an gille nighean an fhamhair. Bha cuimhne aige oirre a-rithist. Leum e thar a’ bhùird. Thuirt e rithe gun robh gaol aige oirre. Dh’fhàg e nighean an rìgh.

Phòs mac na banntraich agus nighean an fhamhair. Dh’fhalbh iad a dh’fhuireach ann an taigh an fhamhair. Agus mura robh iad sona còmhla, cha chuala mi guth air.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1035

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile