FaclairDictionary EnglishGàidhlig

74: Deirdre (3) 74: Deirdre (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Deirdre (3)

Gaelic Gàidhlig

Thug Naois gràdh do Dheirdre. Bha fios aige gun robh Rìgh Uladh, Conachar, feargach. Chaidh Naois agus Deirdre a dh’Alba. Chaidh bràithrean Naois – Aillean is Àrdan – còmhla riutha. Thog iad tùr ri taobh loch. Bha iad a’ fuireach anns an tùr. Bha iad a’ sealg is ag iasgach a-mach air an uinneig.

Bha Conachar ag iarraidh Deirdre air ais. Bha e ag iarraidh a pòsadh. Chuir e fios a-mach gun robh cuirm gu bhith aige ann an Èirinn. Chuir e bràthair athar, Fearchar Mac Ro, a dh’Alba.

“Can ri Naois,” thuirt Conachar ri Fearchar, “gu bheil mi ag iarraidh gum bi e fhèin, Aillean is Àrdan, aig a’ chuirm.”

Ràinig Fearchar tùr Naois ann an Alba. Chuir Naois fàilte air.

“Bidh Conachar, Rìgh Uladh, a’ cumail cuirm mhòr,” thuirt Fearchar. “Tha e an dòchas gum bi sibh ann.”

“Thèid sinn ann,” arsa Naois.

“Thèid,” dh’aontaich a bhràithrean.

“Thèid,” thuirt Fearchar Mac Ro.

“Cha tèid,” thuirt Deirdre. Cha robh Deirdre a’ cur earbsa ann am Fearchar. Cha robh i ag iarraidh dhol a dh’Èirinn. Ghabh i òran binn brònach.

“Cha do ghèill mi riamh do bhoireannach,” thuirt Fearchar. Dh’aontaich Naois a-rithist dhol a dh’Èirinn. Ach cha robh Deirdre toilichte. Ghabh i òran binn brònach.

A dh’aindeoin sin, dh’aontaich Naois falbh a dh’Èirinn. Bha Deirdre mì-thoilichte ach dh’fhalbh i còmhla ris. Bha i a’ caoineadh.

Ràinig na bràithrean Èirinn. Thug Conachar cuireadh dhaibh dhol a dh’fhuireach ann am fear de na taighean aige. Dh’iarr e air a’ mhuime dhol don taigh airson Deirdre fhaicinn.

“Faigh a-mach a bheil i mar a bha i,” thuirt Conachar rithe.

Chaidh a’ mhuime don taigh. Ach bha e glaiste. Chan fhaca i Deirdre. Choimhead i tro tholl na h-iuchrach. Chunnaic i Deirdre. Thill i don lùchairt.

“Ciamar a tha i?” dh’fhaighnich Conachar. “A bheil i cho bòidheach ’s a bha i?”

“Chan eil,” fhreagair a’ mhuime.

“Tha mi ag iarraidh dearbhadh air sin mus leig mi seachad i,” thuirt an Rìgh. Dh’iarr e air mac Rìgh Lochlainn dhol a choimhead air Deirdre.

“Faigh a-mach a bheil i cho bòidheach ’s a bha i,” thuirt e.

Chaidh mac Rìgh Lochlainn don taigh. Sheall e a-staigh air toll na h-iuchrach. Ach chunnaic Naois a shùil anns an toll. Agus chì sinn dè rinn e an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: thug Naois gràdh do Dheirdre: Naois fell in love with Deirdre; Rìgh Uladh: The King of Ulster; còmhla riutha: along with them; thog iad tùr ri taobh loch: they built a tower beside a loch; a’ sealg is ag iasgach a-mach air an uinneig:hunting and fishing out of the window; bha e ag iarraidh a pòsadh: he was wanting to marry her; gun robh cuirm gu bhith aige:that he was going to have a feast; bràthair athar: his father’s brother; can ri Naois: tell Naois; ràinig Fearchar tùr Naois:Fearchar reached Naois’s tower; chuir Naois fàilte air: Naois welcomed him; tha e an dòchas gum bi sibh ann:he hopes you will be there; thèid sinn ann: we’ll go there; cha robh Deirdre a’ cur earbsa ann am Fearchar:Deirdre did not trust Fearchar; ghabh i òran binn brònach: she sang a sad melodious song; cha do ghèill mi riamh do bhoireannach:I never yielded to a woman; dh’aontaich Naois a-rithist dhol a dh’Èirinn: Naois again agreed to go to Ireland; a dh’aindeoin sin: despite that; a’ caoineadh: crying, weeping; thug Conachar cuireadh dhaibh: Conachar gave them an invitation; dhol a dh’fhuireach ann am fear de na taighean aige: to go and stay in one of his houses; dh’iarr e air a’ mhuime: he asked the foster-mother; faigh a-mach a bheil i mar a bha i: find out if she is as she was; glaiste: locked; choimhead i tro tholl na h-iuchrach:she looked through the keyhole; thill i don lùchairt: she returned to the palace; cho bòidheach ’s a bha i:as beautiful as she was; dearbhadh: proof; mus leig mi seachad i: before I let her go; mac Rìgh Lochlainn:a son of the King of Scandinavia; chunnaic Naois a shùil: Naois saw his eye; chì sinn dè rinn e: we’ll see what he did.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 378

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile