FaclairDictionary EnglishGàidhlig

894: The Ship That Went to America (5) 894: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (5)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (5)

Gaelic Gàidhlig

Tha an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh a’ tighinn gu ceann an-diugh. Thill na fithich le còig botail de dh’uisge. ‘Leig ar dithis bhràithrean mu sgaoil,’ thuirt iad.

‘Cha leig,’ ars Iain. ‘Tha mi airson a bhith cinnteach gur e an t-uisge ceart a tha agaibh.’ Thilg e deur dhen uisge air an each mharbh. Cha do charaich an t-each. Cha b’ ann à Tobar nam Buadh a bha an t-uisge.

Mhaoidh Iain air na fithich gun toireadh e na cinn far na dithis a bha aige ann am bruid. Dh’fhalbh na fithich. Thill iad le còig botail de dh’uisge.

Thilg Iain steall dheth air an each. An turas seo, thàinig an t-each beò. ‘ʼS math a rinn thu, Iain,’ thuirt an t-each. Dh’fhalbh iad don chaisteal. Thug Iain trì de na botail seachad don Rìgh. Ghlèidh e na dhà eile.

Ghabh a’ bhaintighearna na trì botail. Chaidh i don t-seòmar aice. Dh’òrdaich i coire mòr làn uisge a chur gu goil. Nigh i i fhèin leis an uisge o na trì botail. Bha Iain ga coimhead tron toll-iuchrach. Leum a’ bhaintighearna don choire. Thuirt i nach pòsadh i ach fear a sheasadh cho fada rithe anns a’ choire uisge. Chuala an Rìgh sin. Chaidh e don t-seòmar aice. Leum e don choire agus chaidh a losgadh gu bàs.

Thàinig am bodach liath. ‘Nigh thu fhèin,’ thuirt e, ‘leis an uisge bhon dà bhotal eile. Thalla far a bheil a’ bhaintighearna. Can rithe – ma phòsas i thu, gun seas thu cho fada rithe anns a’ choire.’

Nigh Iain e fhèin leis an uisge à Tobar nam Buadh. Chaidh e far an robh a’ bhaintighearna. Thuirt e rithe, ‘Ma phòsas tu mi, leumaidh mi don choire còmhla riut.’

‘Pòsaidh, gu dearbh,’ ars ise. Thug e leum a-steach don choire. Bha cùisean ceart gu leòr. ‘ʼS tus’ an duine agamsa,’ thuirt i. Goirid an dèidh sin, phòs iad. Fhuair esan a bhith na rìgh an àite an t-seann rìgh.

Dh’fhàg am bodach beannachd aig Iain. ‘Rinn mi duine fortanach dhìot,’ thuirt e. ʼS e an fhìrinn a bha aige.

The Ship That Went to America (5)

English Beurla

The story ‘The Ship that Went to America’ is coming to a conclusion today. The ravens returned with five bottles of water. ‘Release our two brothers,’ they said.

‘No,’ said Iain. ‘I want to be sure that you have the correct water.’ He cast a drop of the water on the dead horse. The horse didn’t move. The water hadn’t come from ‘the well of the virtues’.

Iain threatened the ravens that he would decapitate the two [birds] that he held in captivity. The ravens left. They returned with five bottles of water.

Iain threw a splash [of water] on the horse. This time, the horse revived. ‘You did well, Iain,’ said the horse. They went to the castle. Iain gave the King three of the bottles. He retained the other two.

The lady took the three bottles. She went to her room. She ordered a large cauldron of water to be brought to the boil. She cleaned herself with the water from the three bottles. Iain was watching her through the keyhole. She said she would only marry a man who would stand as long as her in the cauldron of water. The King heard this. He went to her room. He jumped into the cauldron and was boiled alive.

The grey-haired old man came. ‘Clean yourself,’ he said, ‘with the water from the other two bottles. Go to where the lady is. Say to her – if she marries you, you’ll stand as long as she does in the cauldron.’

Iain washed himself with the water from ‘the well of virtues’. He said to her, ‘If you marry me, I’ll jump into the cauldron with you.’

‘I’ll marry [you] for sure,’ she said. He jumped into the cauldron. Everything was fine. ‘You are my man,’ she said. Shortly after that, they married. He became the king in place of the old king.

The old man farewelled Iain. ‘I made you a lucky man,’ he said. He spoke the truth.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (5)

Gaelic Gàidhlig

Tha an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh a’ tighinn gu ceann an-diugh. Thill na fithich le còig botail de dh’uisge. ‘Leig ar dithis bhràithrean mu sgaoil,’ thuirt iad.

‘Cha leig,’ ars Iain. ‘Tha mi airson a bhith cinnteach gur e an t-uisge ceart a tha agaibh.’ Thilg e deur dhen uisge air an each mharbh. Cha do charaich an t-each. Cha b’ ann à Tobar nam Buadh a bha an t-uisge.

Mhaoidh Iain air na fithich gun toireadh e na cinn far na dithis a bha aige ann am bruid. Dh’fhalbh na fithich. Thill iad le còig botail de dh’uisge.

Thilg Iain steall dheth air an each. An turas seo, thàinig an t-each beò. ‘ʼS math a rinn thu, Iain,’ thuirt an t-each. Dh’fhalbh iad don chaisteal. Thug Iain trì de na botail seachad don Rìgh. Ghlèidh e na dhà eile.

Ghabh a’ bhaintighearna na trì botail. Chaidh i don t-seòmar aice. Dh’òrdaich i coire mòr làn uisge a chur gu goil. Nigh i i fhèin leis an uisge o na trì botail. Bha Iain ga coimhead tron toll-iuchrach. Leum a’ bhaintighearna don choire. Thuirt i nach pòsadh i ach fear a sheasadh cho fada rithe anns a’ choire uisge. Chuala an Rìgh sin. Chaidh e don t-seòmar aice. Leum e don choire agus chaidh a losgadh gu bàs.

Thàinig am bodach liath. ‘Nigh thu fhèin,’ thuirt e, ‘leis an uisge bhon dà bhotal eile. Thalla far a bheil a’ bhaintighearna. Can rithe – ma phòsas i thu, gun seas thu cho fada rithe anns a’ choire.’

Nigh Iain e fhèin leis an uisge à Tobar nam Buadh. Chaidh e far an robh a’ bhaintighearna. Thuirt e rithe, ‘Ma phòsas tu mi, leumaidh mi don choire còmhla riut.’

‘Pòsaidh, gu dearbh,’ ars ise. Thug e leum a-steach don choire. Bha cùisean ceart gu leòr. ‘ʼS tus’ an duine agamsa,’ thuirt i. Goirid an dèidh sin, phòs iad. Fhuair esan a bhith na rìgh an àite an t-seann rìgh.

Dh’fhàg am bodach beannachd aig Iain. ‘Rinn mi duine fortanach dhìot,’ thuirt e. ʼS e an fhìrinn a bha aige.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1198

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile