FaclairDictionary EnglishGàidhlig

957: The Wren (1) 957: An Dreathan-donn (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Dreathan-donn (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a dh’aithris sgeulachd a bha aig an sgeulaiche Ailidh Dall nach maireann. Tha i ann an Gàidhlig air làrach-lìn Thobar an Dualchais. Tha dreach sgrìobhte Beurla anns an leabhar ‘Scottish Traditional Tales’.

ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘Mar a Fhuair Dreathan-donn Làmh-an-uachdair air Madadh-ruadh agus air Tuathanach’. No ann am Beurla – The Wren.

Bha oidhche fhuar gheamhraidh ann. Chunnaic dreathan-donn caora. ‘O,’ thuirt e rithe, ‘an leig thu a-steach mi dha do chlòimh gu madainn?’

‘Cha leig!’ thuirt a’ chaora.

Thàinig e gu caorag bheag eile. ‘An leig thu a-steach mi dha do chlòimh gu madainn?’ thuirt e.

‘Trobhad, a bhròinein,’ ars ise. ‘Cha dèan e cron orm.’

Bha an dreathan-donn blàth is cofhurtail. Ge-tà, anns a’ mhadainn, bha sgòrnan na caoraig air a ghearradh. Thuirt an dreathan ris fhèin, ‘feumaidh mis’ am madadh fhaighinn a mharbh i.’

Chaidh e dhan tuathanach. Thuirt e nan lorgadh an tuathanach am madadh, gun toireadh an dreathan-donn dha baraille-fìon a thàinig a-steach air a’ mhuir.

Thug an tuathanach each agus càrn don chladach far an robh am baraille. ‘Nise,’ thuirt an dreathan-donn, ‘tha mi an dòchas gun lorg thu am madadh a mharbh a’ chaorag.’ Ach dhiùlt an tuathanach.

Thuirt an t-eun gun dòirteadh e am baraille-fìon. Thòisich e air dobaigeadh air. Thog an tuathanach tuagh. Dh’fheuch e air an dreathan-donn. Ach bhuail e am baraille agus bhris e e!

‘Nì mi nas miosa na sin ort,’ ars an dreathan-donn. ‘Marbhaidh mi an t-each agad.’

Thòisich e air an each a dhobaigeadh fo a dhosan. Thog an tuathanach an tuagh. Ach bhuail e ceann an eich. Mharbh e an t-each.

‘Nì mi nas miosa na sin ort,’ ars an dreathan-donn. ‘Brisidh mi an càrn agad.’ Bha e a’ dobaigeadh air. Bha an tuathanach a’ feuchainn air an eun leis an tuagh. Bhris an tuathanach an càrn gu lèir.

‘Nì mi nas miosa na sin ort,’ ars an dreathan-donn. ‘Brisidh mi do lurgainn.’ Thòisich e air dobaigeadh air lurgainn an tuathanaich. Dh’fheuch an tuathanach air an dreathan-donn le a thuagh. Ach bhris e a lurgainn fhèin. Agus chì sinn an-ath-sheachdain mar a thachair aig a’ cheann thall.

The Wren (1)

English Beurla

I’m going to tell a story that was told by the storyteller, the late Ailidh Dall. It’s in Gaelic on the Tobar an Dualchais website. There is a written form in English in the book ‘Scottish Traditional Tales’.

It’s called ‘How a Wren got the better of a fox and a farmer’. Or in English – The Wren.

It was a cold winter’s night. A wren saw a sheep. ‘Oh,’ he said to her, ‘will you let me into your wool until morning?’

‘No!’ said the sheep.

He came to another wee sheep. ‘Will you let me into your wool until morning?’ he said.

‘Come here, my poor thing,’ she said. ‘It won’t harm me.’

The wren was warm and comfortable. However, in the morning, the wee sheep’s throat was [had been] cut. The wren said to itself, ‘I must find the fox that killed her.’

He went to the farmer. He said that if the farmer found the fox, that the wren would give him a barrel of wine that came in on the sea.

The farmer took a horse and sledge to the shore where the barrel was. ‘Now,’ said the wren, ‘I hope you will find the fox that killed the wee sheep.’ But the farmer refused.

The bird said it would empty the wine barrel. He started to peck it. The farmer picked up an axe. He attempted to hit the wren. But he hit the barrel and broke it!

‘I’ll do worse than that to you,’ said the wren. ‘I’ll kill your horse.’

He started to peck the horse under its forelocks. The farmer picked up the axe. But he hit the horse’s head. He killed the horse.

I’ll do worse than that to you,’ said the wren. ‘I’ll break your sledge.’ He was pecking it. The farmer was attempting to hit the bird with the axe. The farmer broke the whole sledge.

I’ll do worse than that to you,’ said the wren. ‘I’ll break your shank.’ He started to peck the farmer’s shank. The farmer tried to hit the wren with his axe. But he broke his own shank. And we’ll see next week what happened in the end.

An Dreathan-donn (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a dh’aithris sgeulachd a bha aig an sgeulaiche Ailidh Dall nach maireann. Tha i ann an Gàidhlig air làrach-lìn Thobar an Dualchais. Tha dreach sgrìobhte Beurla anns an leabhar ‘Scottish Traditional Tales’.

ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘Mar a Fhuair Dreathan-donn Làmh-an-uachdair air Madadh-ruadh agus air Tuathanach’. No ann am Beurla – The Wren.

Bha oidhche fhuar gheamhraidh ann. Chunnaic dreathan-donn caora. ‘O,’ thuirt e rithe, ‘an leig thu a-steach mi dha do chlòimh gu madainn?’

‘Cha leig!’ thuirt a’ chaora.

Thàinig e gu caorag bheag eile. ‘An leig thu a-steach mi dha do chlòimh gu madainn?’ thuirt e.

‘Trobhad, a bhròinein,’ ars ise. ‘Cha dèan e cron orm.’

Bha an dreathan-donn blàth is cofhurtail. Ge-tà, anns a’ mhadainn, bha sgòrnan na caoraig air a ghearradh. Thuirt an dreathan ris fhèin, ‘feumaidh mis’ am madadh fhaighinn a mharbh i.’

Chaidh e dhan tuathanach. Thuirt e nan lorgadh an tuathanach am madadh, gun toireadh an dreathan-donn dha baraille-fìon a thàinig a-steach air a’ mhuir.

Thug an tuathanach each agus càrn don chladach far an robh am baraille. ‘Nise,’ thuirt an dreathan-donn, ‘tha mi an dòchas gun lorg thu am madadh a mharbh a’ chaorag.’ Ach dhiùlt an tuathanach.

Thuirt an t-eun gun dòirteadh e am baraille-fìon. Thòisich e air dobaigeadh air. Thog an tuathanach tuagh. Dh’fheuch e air an dreathan-donn. Ach bhuail e am baraille agus bhris e e!

‘Nì mi nas miosa na sin ort,’ ars an dreathan-donn. ‘Marbhaidh mi an t-each agad.’

Thòisich e air an each a dhobaigeadh fo a dhosan. Thog an tuathanach an tuagh. Ach bhuail e ceann an eich. Mharbh e an t-each.

‘Nì mi nas miosa na sin ort,’ ars an dreathan-donn. ‘Brisidh mi an càrn agad.’ Bha e a’ dobaigeadh air. Bha an tuathanach a’ feuchainn air an eun leis an tuagh. Bhris an tuathanach an càrn gu lèir.

‘Nì mi nas miosa na sin ort,’ ars an dreathan-donn. ‘Brisidh mi do lurgainn.’ Thòisich e air dobaigeadh air lurgainn an tuathanaich. Dh’fheuch an tuathanach air an dreathan-donn le a thuagh. Ach bhris e a lurgainn fhèin. Agus chì sinn an-ath-sheachdain mar a thachair aig a’ cheann thall.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1261

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile