FaclairDictionary EnglishGàidhlig

958: The Wren (2) 958: An Dreathan-donn (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Dreathan-donn (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse sgeul mun Dreathan-donn. Bha an tuathanach air a lurgainn fhèin a bhriseadh. Chaidh a thoirt suas don taigh. Bha e air leabaidh ri taobh uinneag. Thàinig an dreathan-donn. Bha crodh agus tarbh anns a’ phàirc.

‘Chan eil mòran agad ri ithe, a bhròinein,’ thuirt an dreathan-donn ris an tarbh. ‘Agus gu leòr aig do mhaighstir anns an t-sabhal.’

‘Ge-tà, chan fhaigh mi thuige,’ ars an tarbh.

‘Cuir na h-adharcan agad fon doras,’ ars an dreathan-donn, ‘agus tog an doras far nam banntaichean.’ Anns an dòigh sin, dh’fhosgail an tarbh doras an t-sabhail. Chaidh e fhèin agus an crodh a-steach. Dh’ith iad a h-uile dad a bh’ ann gus an do sgàin iad. Bha iad marbh.

Thàinig an dreathan-donn. Bha galla ann, agus cuileanan aice. ‘Ma nì thu aon rud dhòmhsa,’ thuirt an dreathan-donn, bheir mi dhut biadh gu leòr.’

‘Dè nì mi?’ ars a’ ghalla.

‘Marbh am madadh a mharbh a’ chaorag,’ thuirt e. ‘Agus bheir mi dhut feòil gu leòr.’

Chaidh an dreathan-donn don t-saobhaidh. ‘Och och,’ thuirt e ris a’ mhadadh-ruadh, ‘tha thu cianail an sin. Tha biadh gu leòr a-muigh an seo.’

‘Ma tha,’ ars am madadh-ruadh, ‘thig mi a-mach agus gheibh mi mo chuid dheth.’ Thàinig am madadh a-mach às an t-saobhaidh agus mharbh a’ ghalla e.

‘Ma thèid thu a-bhàn don chladach,’ thuirt an dreathan-donn ris a’ ghalla, ‘chì thu each an sin a chaidh a mharbhadh an-diugh. Gheibh thu do leòr de bhiadh.’

An oidhche sin, ʼs e oidhche cur-cathaidh a bha ann. Bha uinneag a’ bhodaich fosgailte. Bha an dreathan-donn faisg agus shèid a’ ghaoth a-steach e. Rug am bodach air.

‘Leig às mi,’ thuirt an dreathan-donn. ‘Tha meall òir agam fo mo sgiath. Ma dh’fhosglas tu do làmh, bheir mi dhut e.’

Rinn e sin agus chac an dreathan-donn air a làimh. Leum an t-eun a-null don dreasair. Dh’èirich am bodach agus thog e cromag. Leum an dreathan-donn mun cuairt. Bha am bodach a’ briseadh a h-uile dad a bha ann leis a’ chromaig. Ach, fhad ’s as aithne dhomh, cha d’ fhuair e an dreathan-donn fhathast!

The Wren (2)

English Beurla

’m was telling you a tale about the Wren. The farmer had broken his own shank. He was taken up to the house. He was on a bed beside a window. The wren came. There were cows and a bull in the field.

‘You don’t have much to eat, poor thing,’ said the wren to the bull. ‘And your master has plenty in the barn.’

‘However, I can’t get to it,’ said the bull.

‘Put your horns under the door,’ said the wren, ‘and lift the door off the hinges.’ In that manner, the bull opened the barn door. He and the cows went in. They ate everything there was until they split open. They were dead.

The wren came. There was a bitch there, with puppies. ‘If you do one thing for me,’ said the wren, I’ll give you plenty of food.’

‘What will I do?’ said the bitch.

Kill the fox that killed the wee sheep,’ he said. ‘And I’ll give you plenty of meat.’

The wren went to the fox’s den. ‘Och och,’ he said to the fox, ‘you are very badly off there. There is plenty of food out here.’

‘If so,’ said the fox, ‘I’ll come out and get my share of it.’ The fox came out of the den and the bitch killed it.

‘If you go down to the shore,’ said the wren to the bitch, ‘you’ll see a horse there that was killed today. You’ll get a sufficiency of food.’

That night, it was a night of snowing and blizzarding. The old man’s window was open. The wren was close and the wind blew him in. The old man caught him.

‘Let me go,’ said the wren. ‘I have a lump of gold under my wing. If you open your hand, I’ll give it to you.’

He did that and the wren defecated on his hand. The bird went over to the dresser. The old man arose and picked up a shepherd’s crook. The wren jumped around. The old man was breaking everything with the crook. But, as far as I know, he didn’t get the wren yet!

An Dreathan-donn (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse sgeul mun Dreathan-donn. Bha an tuathanach air a lurgainn fhèin a bhriseadh. Chaidh a thoirt suas don taigh. Bha e air leabaidh ri taobh uinneag. Thàinig an dreathan-donn. Bha crodh agus tarbh anns a’ phàirc.

‘Chan eil mòran agad ri ithe, a bhròinein,’ thuirt an dreathan-donn ris an tarbh. ‘Agus gu leòr aig do mhaighstir anns an t-sabhal.’

‘Ge-tà, chan fhaigh mi thuige,’ ars an tarbh.

‘Cuir na h-adharcan agad fon doras,’ ars an dreathan-donn, ‘agus tog an doras far nam banntaichean.’ Anns an dòigh sin, dh’fhosgail an tarbh doras an t-sabhail. Chaidh e fhèin agus an crodh a-steach. Dh’ith iad a h-uile dad a bh’ ann gus an do sgàin iad. Bha iad marbh.

Thàinig an dreathan-donn. Bha galla ann, agus cuileanan aice. ‘Ma nì thu aon rud dhòmhsa,’ thuirt an dreathan-donn, bheir mi dhut biadh gu leòr.’

‘Dè nì mi?’ ars a’ ghalla.

‘Marbh am madadh a mharbh a’ chaorag,’ thuirt e. ‘Agus bheir mi dhut feòil gu leòr.’

Chaidh an dreathan-donn don t-saobhaidh. ‘Och och,’ thuirt e ris a’ mhadadh-ruadh, ‘tha thu cianail an sin. Tha biadh gu leòr a-muigh an seo.’

‘Ma tha,’ ars am madadh-ruadh, ‘thig mi a-mach agus gheibh mi mo chuid dheth.’ Thàinig am madadh a-mach às an t-saobhaidh agus mharbh a’ ghalla e.

‘Ma thèid thu a-bhàn don chladach,’ thuirt an dreathan-donn ris a’ ghalla, ‘chì thu each an sin a chaidh a mharbhadh an-diugh. Gheibh thu do leòr de bhiadh.’

An oidhche sin, ʼs e oidhche cur-cathaidh a bha ann. Bha uinneag a’ bhodaich fosgailte. Bha an dreathan-donn faisg agus shèid a’ ghaoth a-steach e. Rug am bodach air.

‘Leig às mi,’ thuirt an dreathan-donn. ‘Tha meall òir agam fo mo sgiath. Ma dh’fhosglas tu do làmh, bheir mi dhut e.’

Rinn e sin agus chac an dreathan-donn air a làimh. Leum an t-eun a-null don dreasair. Dh’èirich am bodach agus thog e cromag. Leum an dreathan-donn mun cuairt. Bha am bodach a’ briseadh a h-uile dad a bha ann leis a’ chromaig. Ach, fhad ’s as aithne dhomh, cha d’ fhuair e an dreathan-donn fhathast!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1262

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile