FaclairDictionary EnglishGàidhlig

849: The Handkerchief Game 849: Cleas na Neapaigin

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cleas na Neapaigin

Gaelic Gàidhlig

Thàinig am facal neapaigin bhon Bheurla napkin. Tha neapaigin ann an Gàidhlig a’ ciallachadh napkin no handkerchief. Tha neapaigin-pòca no neapaigin-pòcaid gu sònraichte a’ ciallachadh handkerchief. Bithibh mothachail gum bi cuid ag ràdh neapaigear, no neapraigear no neapraigin, an àite neapaigin.

Tha mi airson innse dhuibh mu sheann chleas a bha aig na Gàidheil o shean air an robh ‘Fàg, fàg an Neapaigin-pòca’. Bha e air a chluich le clann-nighean. Seo mar a tha e a’ dol.

Ach a-mhàin aon tè, bidh a’ chuideachd nan suidhe astar beag o chèile. An tè a sheasas an-àirde, is ise a’ Bhanrigh. Bidh i a’ coiseachd mun cuairt. Na làimh bidh neapaigin-pòca. Bu chòir don neapaigin a bhith glan! Bidh a’ Bhanrigh ag ràdh seo:

Fàg, fàg an neapaigin-pòca, Tha a’ chearc a’ gur, ʼS tha a’ phoit a’ goil, Aran is ìm is breacagan eòrna, Cò aig’ a bhios an neapaigin-pòca?

An uair sin, bidh a’ Bhànrigh ag ràdh ris a h-uile duine, Dùin do shùil is tog do cheann. Dùinidh càch an sùilean agus togaidh iad an cinn.

Fàgaidh a’ Bhanrigh an neapaigin air gnùis tè de na caileagan. Bidh i a’ ruith air falbh an uair sin. Feumaidh a’ chaileag a fhuair an neapaigin leum gu a casan agus a’ Bhanrigh a leantainn – airson a glacadh. Chan e a-mhàin gum bi i ga leantainn, ach gum bi i a’ dèanamh a h-uile rud a bhios a’ Bhanrigh a’ dèanamh. A h-uile car a chuireas a’ Bhanrigh dhith, feumaidh caileag na neapaigin an aon rud a dhèanamh.

Ma nì caileag na neapaigin mearachd sam bith, canaidh càch, Loisg thu toll nad bhrochan. Agus thèid an nighean sin a chur a-mach às a’ ghèam. Ach ma bheireas i air a’ Bhanrigh, bidh ise a-nise na Banrigh. Agus tòisichidh an cleas às ùr.

Tha e math gu bheil cleasan mar sin air an gleidheadh againn ann an clò, agus briathrachas Gàidhlig nan cois. Bhiodh e math an cluich as ùr! Fhuair mi am fear seo às an t-seann leabhar Aithris is Oideas – stòras math de chleasan is beul-aithris.

The Handkerchief Game

English Beurla

The word neapaigin came from the English napkin. Neapaigin in Gaelic means napkin or handkerchief. Neapaigin-pòca or neapaigin-pòcaid particularly mean handkerchief. Be aware that some people say neapaigear or neapraigear or neapraigin, rather than neapaigin.

I want to tell you about an old game that the Gaels had in olden times called ‘Leave, leave the Handkerchief’. It was played by girls. Here’s how it goes.

Except for one girl, the company sits a small distance apart from each other. The one who stands, she is the Queen. She walks around. In her hand there is a handkerchief. The handkerchief should be clean! The Queen says this:

Leave, leave the handkerchief, The hen is sitting on her eggs, And the pot is boiling, Bread and butter and barley bannocks, Who has the Handkerchief?

Then the Queen says to everybody, Close your eye(s) and raise your head. The others close their eyes and they raise their heads.

The Queen leaves the handkerchief on the face of one of the girls. She then runs away. The girl who got the handkerchief must follow the Queen – in order to catch her. It’s not only that she follows her, but that she does everything the Queen does. Every twist and turn that the Queen makes, the handkerchief girl must do the same thing.

If the handkerchief girl makes any mistake, the others say, You burned a hole in your porridge. And that girl is put out of the game. But if she catches the Queen, she now becomes the Queen. And the game starts again.

It’s good that games like that are preserved for us in print, along with a Gaelic vocabulary. It would be good to play them anew! I got this one from the old book Aithris is Oideas – a good store of games and oral tradition.

Cleas na Neapaigin

Gaelic Gàidhlig

Thàinig am facal neapaigin bhon Bheurla napkin. Tha neapaigin ann an Gàidhlig a’ ciallachadh napkin no handkerchief. Tha neapaigin-pòca no neapaigin-pòcaid gu sònraichte a’ ciallachadh handkerchief. Bithibh mothachail gum bi cuid ag ràdh neapaigear, no neapraigear no neapraigin, an àite neapaigin.

Tha mi airson innse dhuibh mu sheann chleas a bha aig na Gàidheil o shean air an robh ‘Fàg, fàg an Neapaigin-pòca’. Bha e air a chluich le clann-nighean. Seo mar a tha e a’ dol.

Ach a-mhàin aon tè, bidh a’ chuideachd nan suidhe astar beag o chèile. An tè a sheasas an-àirde, is ise a’ Bhanrigh. Bidh i a’ coiseachd mun cuairt. Na làimh bidh neapaigin-pòca. Bu chòir don neapaigin a bhith glan! Bidh a’ Bhanrigh ag ràdh seo:

Fàg, fàg an neapaigin-pòca, Tha a’ chearc a’ gur, ʼS tha a’ phoit a’ goil, Aran is ìm is breacagan eòrna, Cò aig’ a bhios an neapaigin-pòca?

An uair sin, bidh a’ Bhànrigh ag ràdh ris a h-uile duine, Dùin do shùil is tog do cheann. Dùinidh càch an sùilean agus togaidh iad an cinn.

Fàgaidh a’ Bhanrigh an neapaigin air gnùis tè de na caileagan. Bidh i a’ ruith air falbh an uair sin. Feumaidh a’ chaileag a fhuair an neapaigin leum gu a casan agus a’ Bhanrigh a leantainn – airson a glacadh. Chan e a-mhàin gum bi i ga leantainn, ach gum bi i a’ dèanamh a h-uile rud a bhios a’ Bhanrigh a’ dèanamh. A h-uile car a chuireas a’ Bhanrigh dhith, feumaidh caileag na neapaigin an aon rud a dhèanamh.

Ma nì caileag na neapaigin mearachd sam bith, canaidh càch, Loisg thu toll nad bhrochan. Agus thèid an nighean sin a chur a-mach às a’ ghèam. Ach ma bheireas i air a’ Bhanrigh, bidh ise a-nise na Banrigh. Agus tòisichidh an cleas às ùr.

Tha e math gu bheil cleasan mar sin air an gleidheadh againn ann an clò, agus briathrachas Gàidhlig nan cois. Bhiodh e math an cluich as ùr! Fhuair mi am fear seo às an t-seann leabhar Aithris is Oideas – stòras math de chleasan is beul-aithris.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1153

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile