FaclairDictionary EnglishGàidhlig

153: Peter Grant (1) 153: Pàdraig Grannd (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Pàdraig Grannd (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mo smuaintean air Blàr Chùil Lodair an t-seachdain seo. Bha mi a’ leughadh o chionn ghoirid mu Phàdraig Grannd. B’ e far-ainm Phàdraig Dubrach no Auld Dubrach. Bha Pàdraig ainmeil. B’ esan am fear mu dheireadh a chaochail a bha aig Blàr Chùil Lodair. Chaochail e ann an ochd ceud deug, fichead ’s a ceithir (1824).

Rugadh Pàdraig Grannd ann am baile beag ann an sgìre Bràigh Mhàrr. Tha sin ann an Siorrachd Obar Dheathain. Ann an Gàidhlig ’s e an t-ainm air a’ bhaile An Dubh-bhruach. Ann am Beurla – Dubrach. Bha Seumasachd làidir anns an sgìre sin.

Thàinig Bliadhna a’ Phrionnsa. Bha Pàdraig na thàillear. Sguir e an obair aige. Chaidh e an cois arm a’ Phrionnsa.

Bha e treun. Bha e ri gaisgeachd aig Blàr Sliabh a’ Chlamhain – the Battle of Prestonpans. Ràinig e ìre sàirdseant-màidsear ann an arm a’ Phrionnsa. Bha e fhathast anns an arm sin aig Cùil Lodair. Bha e air a chur an grèim. Chaidh e don phrìosan. Bha am prìosan ann an Sasainn.

Ach rinn e dol-às. Thill e a dh’Alba. An ceann greis bha e a’ fuireach ann an Gleann Lethnochd ann am Bràigh Aonghais.

Phòs e tè Màiri Chuimeanach. Bha Màiri mòran na b’ òige na Pàdraig. Bha ise cuideachd à Bràigh Mhàrr. Bha dithis chloinne aca. Chaidh na bliadhnaichean seachad. Bha Pàdraig is Màiri a’ fuireach ann an Gleann Lethnochd. Chaochail Màiri ann an ochd ceud deug ’s a h-aon-deug (1811).

Bha Pàdraig – no Dubrach – ainmeil. Bha e air a bhith a-muigh leis a’ Phrionnsa. Bha e a’ fàs sean. Bha e ag innse stòiridhean do dhaoine òga mun bhliadhna aige còmhla ri Teàrlach Òg.

Nuair a bha e uabhasach sean, thachair rudeigin iongantach dha. Bha e ceud ’s a h-ochd (108) bliadhna a dh’aois. Thachair e ris an Rìgh. Dè thuirt an Rìgh ris? An robh Pàdraig duilich gun robh e air a bhith na reubaltach? Chì sinn an ath sheachdain dè dìreach a thachair.

Faclan is abairtean: Blàr Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Pàdraig Grannd: Peter Grant; Dubrach: far-ainm: nickname;An Dubh-bhruach (W of Linn of Dee); b’ esan am fear mu dheireadh a chaochail a bha aig Blàr Chùil Lodair:he was the last man to die [who died] who had been [was] at the Battle of Culloden; Bràigh Mhàrr: Braemar; Siorrachd Obar Dheathain:Aberdeenshire; Seumasachd: Jacobitism; Bliadhna a’ Phrionnsa: 1745-6 (the year of the Prince); bha Pàdraig na thàillear: Peter was a tailor; sguir e an obair aige: he stopped his work; chaidh e an cois arm a’ Phrionnsa: he went along with the Prince’s army; treun: brave;

bha e ri gaisgeachd: he was involved in heroic deeds (heroism); Blàr Sliabh a’ Chlamhain:The Battle of Prestonpans (originally Gladmuir); sàirdseant-màidsear: sergeant-major; bha e air a chur an grèim:he was captured; chaidh e don phrìosan: he went to [the] prison; rinn e dol-às: he escaped; thill e a dh’Alba:he returned to Scotland; an ceann greis: after a period; Gleann Lethnochd ann am Bràigh Aonghais: Glen Lethnot in the Glens [upland area] of Angus; phòs e tè Màiri Chuimeanach: he married a [woman] Mary Cumming; mòran na b’ òige na Pàdraig: much younger than Peter; à Bràigh Mhàrr: from Braemar; bha dithis chloinne aca: they had two children; bha e air a bhith a-muigh leis a’ Phrionnsa: he had been out with the Prince; bha e a’ fàs sean: he was growing old; bha e ag innse stòiridhean do dhaoine òga: he was telling stories to young people; mun bhliadhna aige còmhla ri Teàrlach Òg: about his year with Young Charles (the prince); thachair rudeigin iongantach dha: an amazing thing happened to him; thachair e ris an Rìgh: he met the king; an robh Pàdraig duilich gun robh e air a bhith na reubaltach: was Peter sorry he had been a rebel?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 457

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile