FaclairDictionary EnglishGàidhlig

804: The Scot who tried to murder the Queen (1) 804: An t-Albannach a Dh’fheuch ris a’ Bhanrigh a mhurt (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Albannach a Dh’fheuch ris a’ Bhanrigh a mhurt (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ feuchainn ri faighinn a-mach an robh ceangal ann eadar Ruairidh MacIlleathain agus a’ Ghàidhealtachd. Chan eil mi a-mach orm fhìn! Tha mo smuaintean air fear a dh’fheuch ris a’ Bhanrigh Bhictoria a mhurt. B’ esan Ruairidh Eideard MacIlleathain. Thathar ag ràdh gur ann à Alba a bha e, ach chan eilear ag innse càite. Co-dhiù, bha e a’ fuireach ann an Sasainn.

Anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882), loisg Ruairidh air a’ Bhanrigh le gunna-làimhe. Bha Bhictoria ann am Windsor. Bha i aig an stèisean, agus bha sluagh a’ feitheamh rithe. Nam measg, bha Ruairidh. Bha a’ Bhanrigh air coiseachd thar ùrlar an stèisein. Loisg Ruairidh a ghunna. Cha do rinn am peilear cron. Chaidh am ball-airm a thoirt bhuaithe. Thug sgoilearan à Colaiste Eton grèim air MacIlleathain. Bha e an uair sin air a chur an grèim le poileas.

Carson a bha MacIlleathain ag iarraidh a’ Bhanrigh a mharbhadh? Uill, bha e fhèin ag ràdh nach robh e ag amas air a’ Bhanrigh, ach air cuibhlichean a’ charbaid aice. Bha e dìreach airson aire a thoirt don t-suidheachadh anns an robh e. Bha e beò ann am bochdainn. Bha Bhictoria fhèin dhen bheachd, ge-tà, gun robh Ruairidh ag amas air a murt.

Bha gu leòr de dhaoine a’ dèanamh dheth gun robh e às a rian. Chuir e seachad còrr is bliadhna ann an dachaigh dhaibhsan a tha a’ fulang le tinneas-inntinn. Bha e air a bhith a’ bruidhinn ri a phiuthar mu chuideigin a mhurt.

Cha robh Ruairidh a fuireach fada ann an dreuchd sam bith. Bhiodh a bhràithrean agus a phiuthar a’ cur airgead thuige. Ach bha e gu math bochd. Dh’fhuirich e mar iomrallaiche ann an ceann a deas Shasainn. Bha e a’ falbh bho bhaile gu baile.

Bha a’ chùis-chùirte aige ainmeil. Aig a’ cheann thall, mar a chì sinn, thug i air na h-ùghdarrasan ann an Sasainn ’s a’ Chuimrigh an lagh atharrachadh. Agus chaidh dàn a sgrìobhadh mu oidhirp gus a’ Bhanrigh a mharbhadh le bàrd ainmeil (mas fhìor) à Dùn Dè – Uilleam MacGonagail. Tuilleadh bhuam an-ath-sheachdain!

The Scot who tried to murder the Queen (1)

English Beurla

I was trying to find out if there was a connection between Roderick Maclean and the Highlands. I’m not talking about myself! My thoughts are on a man who tried to murder Queen Victoria. He was Roderick Edward Maclean. It is said he was from Scotland, but it is not said where. Anyway, he was living in England.

In March 1882, Roderick fired on the Queen with a handgun. Victoria was in Windsor. She was at the station, and there was a crowd awaiting her. Among them was Roderick. The Queen had walked across the station platform. Roderick fired his gun. The bullet did no damage. The weapon was taken from him. Pupils from Eton College got hold of Maclean. He was then detained by a police officer.

Why was Maclean wanting to kill the Queen? Well, he was saying himself that he wasn’t aiming at the Queen, but at the wheels of her carriage. He was just wanting to draw attention to his situation. He was living in poverty. Victoria herself was, however, of the opinion that Roderick was intending to murder her.

Many people reckoned he was insane. He spent more than a year in a home for people who suffer mental illness. He had been speaking to his sister about murdering somebody.

Roderick didn’t remain in any occupation for long. His brothers and his sister were sending him money. But he was very poor. He lived like a vagabond in southern England. He was going from town to town.

His court case was famous. In the end, as we shall see, it caused the authorities in England and Wales to change the law. And a poem was written about the effort to kill the Queen by a famous poet (if you reckon him to be such) from Dundee – William McGonagall. More from me next week!

An t-Albannach a Dh’fheuch ris a’ Bhanrigh a mhurt (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ feuchainn ri faighinn a-mach an robh ceangal ann eadar Ruairidh MacIlleathain agus a’ Ghàidhealtachd. Chan eil mi a-mach orm fhìn! Tha mo smuaintean air fear a dh’fheuch ris a’ Bhanrigh Bhictoria a mhurt. B’ esan Ruairidh Eideard MacIlleathain. Thathar ag ràdh gur ann à Alba a bha e, ach chan eilear ag innse càite. Co-dhiù, bha e a’ fuireach ann an Sasainn.

Anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882), loisg Ruairidh air a’ Bhanrigh le gunna-làimhe. Bha Bhictoria ann am Windsor. Bha i aig an stèisean, agus bha sluagh a’ feitheamh rithe. Nam measg, bha Ruairidh. Bha a’ Bhanrigh air coiseachd thar ùrlar an stèisein. Loisg Ruairidh a ghunna. Cha do rinn am peilear cron. Chaidh am ball-airm a thoirt bhuaithe. Thug sgoilearan à Colaiste Eton grèim air MacIlleathain. Bha e an uair sin air a chur an grèim le poileas.

Carson a bha MacIlleathain ag iarraidh a’ Bhanrigh a mharbhadh? Uill, bha e fhèin ag ràdh nach robh e ag amas air a’ Bhanrigh, ach air cuibhlichean a’ charbaid aice. Bha e dìreach airson aire a thoirt don t-suidheachadh anns an robh e. Bha e beò ann am bochdainn. Bha Bhictoria fhèin dhen bheachd, ge-tà, gun robh Ruairidh ag amas air a murt.

Bha gu leòr de dhaoine a’ dèanamh dheth gun robh e às a rian. Chuir e seachad còrr is bliadhna ann an dachaigh dhaibhsan a tha a’ fulang le tinneas-inntinn. Bha e air a bhith a’ bruidhinn ri a phiuthar mu chuideigin a mhurt.

Cha robh Ruairidh a fuireach fada ann an dreuchd sam bith. Bhiodh a bhràithrean agus a phiuthar a’ cur airgead thuige. Ach bha e gu math bochd. Dh’fhuirich e mar iomrallaiche ann an ceann a deas Shasainn. Bha e a’ falbh bho bhaile gu baile.

Bha a’ chùis-chùirte aige ainmeil. Aig a’ cheann thall, mar a chì sinn, thug i air na h-ùghdarrasan ann an Sasainn ’s a’ Chuimrigh an lagh atharrachadh. Agus chaidh dàn a sgrìobhadh mu oidhirp gus a’ Bhanrigh a mharbhadh le bàrd ainmeil (mas fhìor) à Dùn Dè – Uilleam MacGonagail. Tuilleadh bhuam an-ath-sheachdain!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1108

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile