FaclairDictionary EnglishGàidhlig

868: The Wild Scotsman (3) 868: An t-Albannach Fiadhaich (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Albannach Fiadhaich (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Sheumas Mac a’ Phearsain, ‘An t-Albannach Fiadhaich’. Chaidh a thoirt air soitheach gu baile Rockhampton ann an Tìr na Banrigh. Bha e a’ dol a nochdadh ann an taigh-cùirte. Bha e fo chùram poileas òg. Bha glas-làmh air, agus iarann-coise.

Bha Seumas modhail ris a’ phoileas. Bha am poileas dhen bheachd nach robh cunnart sam bith ann. Thug e a ghlas-làmh dheth. ʼS e mearachd a bha ann. Nuair a bha iad aig cidhe ann am baile ris an canar MacAoidh, dh’fhuirich Mac a’ Phearsain air deic. Ghabh am poileas norrag. Ged a bha iarann-coise air Seumas, chaidh e thairis air beul-mòr an t-soithich. Dh’fhalbh e don choille.

An ath latha, a rèir beul-aithris, chaidh an t-iarann-coise a lorg. Bha eighe ri a thaobh agus teachdaireachd sgrìobhte gu Riaghaltas Tìr na Banrigh. Ghabh Mac a’ Phearsain ‘An t-Albannach Fiadhaich’ air fhèin. An uair sin, ghoid e dà ghunna-làimhe agus each. Thòisich e air ionnsaigh a thoirt air na puist a bha a’ dol eadar bailtean air muin-eich.

A bharrachd air mèirle a’ phuist, bhiodh Mac a’ Phearsain a’ dol gu bailtean-fearainn iomallach agus a’ goid eich. Bha e furasta dha teicheadh le each. Bha stòbh spioraid aige. Mar sin, cha robh aige ri teine a chur thuige. Bhiodh teine furasta fhaicinn a latha ʼs a dh’oidhche.

Airson cùisean a dhèanamh doirbh do na poilis, bha an t-Albannach a’ gabhail ‘Bauer’ air fhèin. Bhiodh e a’ bruidhinn Gearmailtis agus a’ toirt a’ chreidsinn gur e Gearmailteach a bha ann.

Ach bha daoine eòlach air a choltas. Bhiodh sgarfa dearg timcheall amhaich agus bann dearg timcheall a mheadhain. Cha robh feusag air. Bha an-còmhnaidh ad air, a bha air a dèanamh de lus ris an canar an ‘cabbage tree’. Bha bann dearg timcheall na h-aide.

Bha na poilis ann an Tìr na Banrigh a’ fàs seachd searbh sgìth dheth. Chuir iad dà cheud gu leth not air adhart mar dhuais airson fiosrachadh a chuireadh an t-Albannach Fiadhaich fo ghlas. Agus cha robh aca ri feitheamh ro fhada, mar a chluinneas sinn anns an ath Litir.

The Wild Scotsman (3)

English Beurla

I was telling you about James McPherson, ‘the Wild Scotsman’. He was taken on a vessel to the town of Rockhampton in Queensland. He was going to appear in a courthouse. He was in the custody of a young police officer. He had handcuffs on, and leg-irons.

James was polite to the policeman. The policeman was of the opinion that he posed no danger. He took his handcuffs off. It was a mistake. When they were on a quay in a town called Mackay, McPherson remained on deck. The policeman had a snooze. Although James wore leg-irons, he went over the vessel’s gunwale. He fled into the forest.

Next day, according to oral tradition, the leg-irons were found. There was a file next to them and a written note to the Queensland Government. McPherson called himself the ‘Wild Scotsman’. Then he stole two handguns and a horse. He started to attack the postmen who were going between towns on horseback.

In additon to the robbery of mails, McPherson would be going to remote farms and stealing horses. It was easy for him to flee with a horse. He had a spirit stove. Thus, he did not have to light a fire. A fire would be easy to spot, day or night.

To make matters difficult for the police, the Scot was calling himself ‘Bauer’. He would speak German and pretend he was a German.

But people knew his appearance. He would have a red scarf around his neck and a red sash around his waist. He did not sport a beard. He always wore a hat that was made from a plant called the ‘cabbage tree’. There was a red band around the hat.

The police in Queensland were growing thoroughly sick of him. They put forward £250 as a reward for information that would put the Wild Scotsman behind bars. And they did not have to wait too long, as we shall hear in the next Litir.

An t-Albannach Fiadhaich (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Sheumas Mac a’ Phearsain, ‘An t-Albannach Fiadhaich’. Chaidh a thoirt air soitheach gu baile Rockhampton ann an Tìr na Banrigh. Bha e a’ dol a nochdadh ann an taigh-cùirte. Bha e fo chùram poileas òg. Bha glas-làmh air, agus iarann-coise.

Bha Seumas modhail ris a’ phoileas. Bha am poileas dhen bheachd nach robh cunnart sam bith ann. Thug e a ghlas-làmh dheth. ʼS e mearachd a bha ann. Nuair a bha iad aig cidhe ann am baile ris an canar MacAoidh, dh’fhuirich Mac a’ Phearsain air deic. Ghabh am poileas norrag. Ged a bha iarann-coise air Seumas, chaidh e thairis air beul-mòr an t-soithich. Dh’fhalbh e don choille.

An ath latha, a rèir beul-aithris, chaidh an t-iarann-coise a lorg. Bha eighe ri a thaobh agus teachdaireachd sgrìobhte gu Riaghaltas Tìr na Banrigh. Ghabh Mac a’ Phearsain ‘An t-Albannach Fiadhaich’ air fhèin. An uair sin, ghoid e dà ghunna-làimhe agus each. Thòisich e air ionnsaigh a thoirt air na puist a bha a’ dol eadar bailtean air muin-eich.

A bharrachd air mèirle a’ phuist, bhiodh Mac a’ Phearsain a’ dol gu bailtean-fearainn iomallach agus a’ goid eich. Bha e furasta dha teicheadh le each. Bha stòbh spioraid aige. Mar sin, cha robh aige ri teine a chur thuige. Bhiodh teine furasta fhaicinn a latha ʼs a dh’oidhche.

Airson cùisean a dhèanamh doirbh do na poilis, bha an t-Albannach a’ gabhail ‘Bauer’ air fhèin. Bhiodh e a’ bruidhinn Gearmailtis agus a’ toirt a’ chreidsinn gur e Gearmailteach a bha ann.

Ach bha daoine eòlach air a choltas. Bhiodh sgarfa dearg timcheall amhaich agus bann dearg timcheall a mheadhain. Cha robh feusag air. Bha an-còmhnaidh ad air, a bha air a dèanamh de lus ris an canar an ‘cabbage tree’. Bha bann dearg timcheall na h-aide.

Bha na poilis ann an Tìr na Banrigh a’ fàs seachd searbh sgìth dheth. Chuir iad dà cheud gu leth not air adhart mar dhuais airson fiosrachadh a chuireadh an t-Albannach Fiadhaich fo ghlas. Agus cha robh aca ri feitheamh ro fhada, mar a chluinneas sinn anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1172

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile